Wendy Chamberlain
Coltas
| Wendy Chamberlain | |||||
|---|---|---|---|---|---|
|
| |||||
12 dhen Dùbhlachd 2019 - 30 dhen Chèitean 2024 Sgìre: Fìobh an Ear-Thuath Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rioghachd Aonaichte 2019
4 dhen Iuchar 2024 - Sgìre: Fìobh an Ear-Thuath Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte 2024 | |||||
| Beatha | |||||
| Breith | Grianaig, 20 dhen Dùbhlachd 1976 | ||||
| Dùthaich |
| ||||
| Foghlam | |||||
| Foghlam | Oilthigh Dhùn Èideann | ||||
| Cànain | Beurla | ||||
| Dreuchd | |||||
| Dreuchd | Oifigear-poileis agus neach-poileataigs | ||||
| Creideamh | |||||
| Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Deamocratach | ||||
| wendychamberlain.scot | |||||
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Wendy Chamberlain.
Rugadh agus thogadh i ann an Grianaig agus ghabh i ceum anns a' Bheurla aig Oilthigh Dhùn Èideann. An dèidh sin dh'obraich i airson a' phoileis agus airson contractar dìona ann an Ros Fhìobh. Bha i cuideachd na ciad boireannach air bòrd Comann na Camanachd.[1]
Sheas i airson nan Lib Deamach ann an Sruighlea ann an 2017 agus bhuannaich i Fìobh an Ear-Thuath ann an 2019. Bha i na ball Comataidh Thaghte nan Cùisean Albannach fad na Pàrlamaid agus na h-àrd-chuip airson nan Lib Deamach aig Westminster bhon t-Sultain 2020 gu sgaoileadh na Pàrlamaid anns a' Chèitean 2024.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Wendy Chamberlain” (Beurla). Na Lib Deamaich. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2024.
- ↑ “Parliamentary career for Wendy Chamberlain - MPs and Lords” (Beurla). Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2024.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- “Wendy Chamberlain, former MP, North East Fife”. They Work for You. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2024.