Jump to content

Brendan O'Hara

O Uicipeid
Brendan O'Hara
Ball 56mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

7 dhen Chèitean 2015 - 3 dhen Chèitean 2017
Sgìre: Earra-Ghàidheal agus Bòd
Taghadh: Taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2015
ball 57mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

8 dhen Ògmhios 2017 - 6 dhen t-Samhain 2019
Sgìre: Earra-Ghàidheal agus Bòd
Taghadh: Taghadh Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2017
ball 58mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

12 dhen Dùbhlachd 2019 - 30 dhen Chèitean 2024
Sgìre: Earra-Ghàidheal agus Bòd
Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rioghachd Aonaichte 2019
Beatha
Breith Glaschu, 27 dhen Ghiblean 1963
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Oilthigh Shrath Chluaidh
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus riochdaire telebhisein
Àitichean-obrach Lunnainn
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann am Brendan O'Hara.

Chaidh e ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nuair a bha e fhathast aig an sgoil an dèidh do reifreann an 1979. Chaidh e na riochdaire agus dh'obraich e airson a' BhBC, ITV agus Sky Sports.[1]

Chaidh a thaghadh airson Earra-Ghàidheil agus Bòid ann an Taigh nan Cumantan ann an 2015, 2017 agus 2019. Bha e na Àrd-chuip an SNP aig Westminster ann an 2023 agus an dèidh sin na neach-labhairt air cùisean nan dùthchannan cèin.[2] Dh'fhàg Aonghas Brianan MacNèill am pàrtaidh nuair a bha Mgr O'Hara na Àrd-chuip.[3]

Tha Mgr O'Hara am measg nan tagraichean airson na sgìre ùr, Earra-Ghàidheal, Bòd agus Loch Abar a Deas, a tha a' gabhail a-steach an seann sgìre, Gleann Comhann, Àird nam Murchan, Àird Ghobhar, A' Mhorbhairne, Mùideart agus Suaineart.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Russell, Greg: “Meet your new Scottish MPs: #25 Brendan O'Hara, Argyll and Bute”, The National. 16mh dhen Ògmhios 2015. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2024. 
  2. Parliamentary career for Brendan O'Hara - MPs and Lords”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2024.
  3. Aonghas MacNìll a' call cuip an SNP 'son seachdain”, Naidheachdan a' BhBC. 5mh dhen Iuchar 2023. Air a thogail 4mh dhen Ògmhios 2024. 
  4. An Taghadh: Tagraichean Earra-Ghàidheal, Bòd agus Loch Abar a Deas”, Naidheachdan a' BhBC. 10mh dhen Ògmhios 2024. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2024. 

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]