Jump to content

Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar

O Uicipeid
Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Westminster
A' chiad taghadh 2024

'S e tè de na sgìrean phàrlamaid Westminster na h-Alba a tha ann ann Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach agus Ros an Iar.

Chaidh a chruthachadh airson taghadh Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte 2024 is i ann an crìoch ri Gallaibh, Cataibh agus Ros an Ear, Moireibh an Iar, Inbhir Narann agus Srath Spè, Gleanntan Aonghais agus Shiorrachd Pheairt agus Earra-Ghàidheal, Bòd agus Loch Abar a Deas.[1]

Am measg nan tagraichean airson an taghaidh ann an 2024 tha Drew Hendry a riochdaich Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè airson nan Nàiseantach eadar 2015 agus 2024 agus Aonghas Dòmhnallach airson nan Lib-Deamach.[2] Stèidhich Mgr Dòmhnallach an Highland Cinema anns a' Ghearasdan agus 's ann aige a tha an Highland Bookshop anns an aon baile. Sgrìobh e trì nobhailean mu dhèidhinn Àrdnais.[3]

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 2023 Review of UK Parliament Constituencies”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2024.
  2. An Taghadh: Tagraichean Inbhir Nis, an t-Eilean Sgitheanach is Ros an Iar”. Naidheachdan a' BhBC. Air a thogail 8mh dhen Ògmhios 2024.
  3. Angus MacDonald”. Birlinn Ltd. Air a thogail 9mh dhen Ògmhios 2024.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]