Jump to content

Drew Hendry

O Uicipeid
Drew Hendry
Ball 56mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

7 dhen Chèitean 2015 - 3 dhen Chèitean 2017
Sgìre: Inbhir Nis
Taghadh: Taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2015
ball 57mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

8 dhen Ògmhios 2017 - 6 dhen t-Samhain 2019
Sgìre: Inbhir Nis
Taghadh: Taghadh Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2017
ball 58mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

12 dhen Dùbhlachd 2019 - 30 dhen Chèitean 2024
Sgìre: Inbhir Nis
Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rioghachd Aonaichte 2019
Beatha
Breith Dùn Èideann, 31 dhen Chèitean 1964
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Boroughmuir High School (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-gnìomhachais
Àitichean-obrach Lunnainn
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Drew Hendry.

Riochdaich e Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè airson nan Nàiseantach eadar 2015 agus 2024. Eadar 2012 agus 2015 bha e na cheannard Comhairle na Gàidhealtachd.[1] Bha e na bhall comataidhean taghte air Gnìomhachas agus Malairt eadar an t-Sultain 2017 agus an t-Samhain 2019, air Cùisean nan Dùthchannan Cèin eadar am Faoilleach 2023 agus an t-Sultain 2023 agus an sin air Roinn an Ionmhais mus do sgaoil Rishi Sunak a' phàrlamaid anns a' Chèitean 2024. Bha e cuideachd na neach-labhairt an SNP air malairt ann an 2021 agus 2022 agus air cùisean nan dùthchannan cèin nuair a bha e na sheasamh air a' chomataidh sin agus air Roinn an Ionmhais an dèidh sin.[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Comhairle ùr na Gàidhealtachd air coinneachadh”, Naidheachdan a' BhBC. 17mh dhen Chèitean 2012. Air a thogail 16mh dhen Ògmhios 2024. 
  2. Parliamentary career for Drew Hendry - MPs and Lords”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 16mh dhen Ògmhios 2024.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]