Comhairle na Gàidhealtachd

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Comhairle na Gàidhealtachd

Airson an roinn traidiseanta faic: Gàidhealteachd

'S e a’ chomhairle as motha de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle na Gàidhealtachd. Tha an cuid as motha dhith suidhichte air tìr mhòr na h-Alba far an robh na siorrachdan traidiseanta Gallaibh, Cromba Inbhir Nis, Inbhir Narann, Siorrachd Rois Cataibh agus am pàirt san iar-thuath Earra-Ghàidheal. Tha a' chomhairle a' gabhail a-steach cuid de na h-Eileanan a-staigh cuideachd. Tha Comhairle Mhoireach, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain agus Earra-Ghaidheal agus Bòd timcheall oirre.

Rianachd na Comhairle[deasaich | deasaich an tùs]

'S e Inbhir Nis prìomh-bhaile ionadail na chomhairle. Tha 80 ball air a' chomhairle.

Comhairlichean an dèidh dha na taghaidhean ionadail 2017:[1]

# Uàrd Comhairlichean
1 Cataibh a Tuath, an Iar is Meadhanach Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
2 Inbhir Theòrsa is Iar-thuath Ghallaibh Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
3 Inbhir Ùige is Gallaibh an Ear Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
4 Cataibh an Ear & Eadardan Pàrtaidh Làbarach na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Neo-eisimeileach (1)
5 Ros an Iar, Srath Pheofhair is Loch Aillse Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
6 Caolas Chrombaigh Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (2)
7 Baile Dhubhthaich is Ros an Ear Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
8 Inbhir Pheofharain & Sìophort Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
9 An t-Eilean Dubh Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
10 Eilean a' Cheò Neo-eisimeileach (3), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)
11 An Caol is Malaig Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1)
12 An t-Àird is Loch Nis Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
13 Inbhir Nis an Iar Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
14 Meadhan Inbhir Nis Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Làbarach na h-Alba (1)
15 Inbhir Nis Taobh Nis Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
16 Inbhir Nis Allt a' Mhuilinn Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Làbarach na h-Alba (1)
17 Cùil Lodair is Àird nan Saor Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1)
18 Inbhir Narann is Caladar Neo-eisimeileach (2), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
19 Inbhir Nis a Deas Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
20 Bàideanach agus Srath Spè Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Uaine na h-Alba (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (1), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)
21 An Gearasdan is Àird nam Murchan Neo-eisimeileach (1), Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (2), Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba (1)

Sluagh Roinn na Comhairle[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Comhairle na Gàidhealtachd cho mòr ri 30.659 cileameatair cèarnagach agus bha 213.590 duine a’ fuireach an seo anns a’ bhliadhna 2005. Tha mu 12,000 luchd labhairt na Gàidhlig air fhagail anns an sgìre seo.

Buidseat[deasaich | deasaich an tùs]

Buidseat bliadhnail (an duil 2007-2008) £518M. Luchd-obrach 10,800. Buidseat bliadhnail airson gach ceann sluaigh: £ 2409. Riochd Buidseat bliadhnail: Luchd-Obrach £48,000:1

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Àitichean eile[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Comhairle na Gàidhealtachd”. BBC. Air a thogail 7mh dhen Chèitean 2017.