Am Ploc
'S e baile air a’ Ghàidhealtachd a tha ann am Ploc Loch Aillse no Am Ploc (Beurla: Plockton).[1] Tha am baile suidhichte faisg air Loch Carrann. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 20′ 16.84″ Tuath agus 5° 39′ 8.32″ Iar.
Tha timcheall air 378 duine a' fuireach an seo.
Am baile
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh a' mhòr-chuid de na taighean a thogail anns an 18mh is 19mh linn. Tha meadhan a' bhaile, timcheall air Harbour Street agus Innes Street na raoin-ghlèidhteachais[2]. B' e iasgach an gnìomhachas a bu chudromaiche aig an àm ud. An-diugh tha turasachd gu math làidir anns a' bhaile, gu h-àraidh air sgàth 's gun deach an sreath tbh Hamish Macbeth le Robert Carlyle a chlàradh an seo agus ghabh mòran dhaoine bhon sgire pàirt ann. Bha pàirt dhen fhilm The Wicker Man (an acarsaid aig toiseach an fhilm[3]) agus Inspector Alleyn Mysteries clàraichte an-seo cuideachd. Thig mòran luchd-turais dhan dannsa aig a' bhliadhna ùir airson a' charthannais Computers For Africa.
Tha dhà bhùth bheag, dhà no trì taighean-òsta agus taighean-bìdh ann.
Tha bun-sgoil agus àrd-sgoil ann, agus tha Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd[4] mar phàirt den àrd-sgoil. 'S e ionad nàiseanta airson sàr-mhathas ciùil thraidiseanta a th' ann, agus bidh e a' tarraing sgoilearan òga tàlanta thuige bho air feadh na dùthcha.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bho 1956 gu 1972, nuair a leig e dheth a dhreuchd, bha Somhairle MacGill-Eain na Cheannard air Àrd-sgoil A' Phluic.[5] Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh an seo ann an 1973.[6]
A’ Ghàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Bho 1991 tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn aig Bun Sgoil a' Phluic far a bheil aonad. Tha Gàidhlig ri fhaighinn aig Àrd-sgoil A' Phluic cuideachd.
A-rèir a' chunntas-sluaigh tha a' Ghàidhlig aig 24.4% san sgìre - an àireamh as àirde air tìr mòr na h-Alba. [1]
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Am Ploc aig muir-tràigh
-
Harbour Street, am prìomh-sràid anns a' Phloc
-
Dannsadh air an t-sràid air an latha mu dheireadh de cola-deug an Regatta
-
Am Ploc, An Cèitean, 2010
-
Am Ploc, An Cèitean, 2010
-
Am Ploc, An Cèitean, 2010
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 96, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ “Plockton” (Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ Move-Locations.com,
- ↑ Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd
- ↑ Somhairle MacGill-Eain air loidhne
- ↑ Movie Locations
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 802 334
- Làrach-lin Ploc Loch Aillse
- Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd
- Fiosrachadh: Somhairle MacGill-Eain anns A' Phloc
- BBC Naidheachdan 2016-06-14: Cuimhneachan dha Somhairle MacIlleathain (aithris-bhideo 2:12)