Somhairle MacGill-Eain
Somhairle MacGill-Eain | |||
---|---|---|---|
| |||
Beatha | |||
Breith | Ratharsair, 26 dhen Dàmhair 1911 | ||
Dùthaich | Alba | ||
Ciad chànan | Gàidhlig | ||
Bàs | Na h-Eileanan a-staigh, 24 dhen t-Samhain 1996 | ||
Teaghlach | |||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Oilthigh Dhùn Èideann Àrd-sgoil Phort Rìgh | ||
Cànain |
Gàidhlig Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | bàrd, eadar-theangair, sgrìobhadair agus tidsear-sgoile | ||
Fastaichean |
Àrd-sgoil Phort Rìgh Boroughmuir High School (en) Àrd-sgoil Thobar Mhoire Àrd-sgoil a' Phluic | ||
Gnè ealain | bàrdachd | ||
Seirbheis san arm | |||
Meur an airm | Arm Bhreatainn | ||
Strì | An Dàrna Cogadh | ||
sorleymaclean.org |
'S e prìomh bhàrd Gàidhlig an fhicheadamh linn a bh' ann an Somhairle MacGill-Eain (26 an Dàmhair 1911, Òsgaig - 24 an t-Samhain 1996, Inbhir Nis). Dh'atharraich e saoghal bàrdachd na Gàidhlig gu tur nuair a dh'fhoillsich e Dàin do Eimhir ann an 1943. Tha an sreath bàrdachd seo a' suathadh air gaol, briseadh-cridhe, An Cuilthionn, Cogadh Sìobhalta na Spàinne, Ùisdean MacDhiarmaid, co-mhaoineas is nàiseantachas, uaireannan anns an aon dàn.
Sgeulachd Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Ratharsair
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Somhairle MacGill-Eain ann an 26 an Dàmhair 1911 ann an Òsgaig, baile beag ann an Eilean Ratharsair. Fhuair e foghlam òige an toiseach ann an Ratharsair fhèin agus an uair sin anns an àrd-sgoil ann am Port Rìgh.
Air gach taobh bha na daoine bhon tàinig e tàlantach a thaobh òran, ciùil agus bàrdachd. Bha dithis pheathraichean agus ceathrar bhràithrean anns an aon teaghlach ri Somhairle agus bha tàlantan sònraichte nam measg fhèin cuideachd.
Bha an Eaglais Shaor-Chlèireach làidir ann an Ratharsair nuair a bha MacGill-Eain òg. 'S e cuspair dha-rìribh inntinneach a th' ann cuideachd dè a' bhuaidh a bha aig an eaglais air a shealladh air an t-saoghal agus air beatha. Tha facail agus ìomhaighean a bhuineas do chreideamh a' nochdadh tric na obair agus chithear e gan cleachdadh gus teachdaireachd làidir a thoirt mu ar coinneamh. Mar eisimpleir, anns a' bhàrdachd "Calbharaigh" is ann air bochdainn a' bhaile mhòir a tha e a' bualadh. Ann an "Ùrnaigh" tha e ga rùsgadh fhèin agus ag ràdh gur e "cridhe sgàinte" a tha aige-san.
Dh'fhàs e an-àird le beartas de bheul-aithris ga chuairteachadh agus còmhla ri sin bha e geur-mhothachail air eachdraidh riaslach a dhaoine tro na linntean. Ghabh bràthair a sheanar pàirt anns an strì ainmeil a ghabh àite ann am Bràighe an Eilean Sgitheanaich ann an 1882. Bha cuimhne nan tachartasan sin fhathast beò air beul an t-sluaigh an uair a bha Somhairle òg agus tha a h-uile coltas gun do rinn iad làrach dhomhain ann.
Dùn Èideann
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh e dhan Oilthigh Dhùn Éideann ann an 1929. Bha an t-Ollamh Herbert Grierson ga theagaisg, is bha ùidh aig MacGill-Eain ann am bàrdachd John Donne is na bàird "metaphysical" eile. Fhad 's a bha e anns an oilthigh choinnich e ri feadhainn dhan tug e àite mòr a thaobh litreachais. Nam measg sin bha Seumas Caird agus Seòras Elder Davie agus bha càirdeas dlùth eadar an triùir aca. An uair a bha e na oileanach gus dreuchd na teagasg a thoirt a-mach choinnich e ri Ùisdean MacDhiarmaid. Bha tarraing mhòr eadar an dithis agus lean sin gus an do bhàsaich MacDhiarmaid ann an 1978. Tha gu leòr den bheachd gun do ràinig Somhairle MacGill-Eain inbhe a cheart cho urramach mar bhàrd ri MacDhiarmaid agus ri Edwin Muir.
Thòisich Somhairle a' teagaisg anns an àrd-sgoil ann am Port Rìgh ann an 1934 agus ghluais e do Thobar Mhoire ann an 1938. Tha e fhèin a' dèanamh aithnichte gun robh buaidh mhòr aig àilleachd, trioblaidean agus eachdraidh Mhuile air. Is ann dhan àm sin a bhuineas a' bhàrdachd dhrùidhteach "Ban-Ghàidheal".
Ann an 1939 chaidh e a Dhùn Éideann. Choinnich e an sin a-rithist ri Raibeart Garioch air an robh e eòlach mar bhàrd bho bha iad san oilthigh. Nochd leabhran de bhàrdachd an dithis, Seventeen Songs for Sixpence, ann an 1940.
Èiphit - An Dàrna Cogadh
[deasaich | deasaich an tùs]As t-fhoghar a' bhliadhna sin chaidh a thogail dhan arm agus chaidh e a thrèanadh ann an Sasainn. Deireadh 1941 chaidh a chur dhan Èiphit. Shruth bàrdachd gu math làidir bho na chunnaic agus na dh'fhairich e ann an sin, mar "Glac a' Bhàis", "Latha Foghair", "Gluaisibh gu Deas"; "Curaidhean"; "Alasdair MacLeòid"; "Dol an Iar".
Ann an "Latha Foghair", tha e a' sgrìobhadh mu dhèidhinn na daoine eile a chaidh mharbhadh anns a' chogadh, neas a bha esan beò:
"Ghabh aon Taghadh iadsan ’s cha d’ ghabh e mise, gun fhaighneachd dhinn cò b’ fheàrr no bu mhiosa: ar leam, cho diabhlaidh coma ris na sligean.
Sianar marbh ri mo ghualainn latha foghair."[1]
Bha e air a dhroch leòn aig Blàr El Alamein deireadh 1942 agus thug e gu foghar 1943 a' falbh ospadail. Anns an t-Samhain 1943, nochd Dàin do Eimhir agus Dàin Eile ann an clò. B' e sin a' chiad chruinneachadh dhan bhàrdachd aige fhèin na h-aonar. An uair a bha e deiseil san arm thill e gu teagaisg ann an Dùn Éideann. Phòs e Renee Chamshron ann an 1946. Tha an toileachas agus an fhois-inntinn a thug seo dha a' tighinn am bàrr ann an "Solais" agus "Nighean is Seann Òrain". Bha iad a' fuireach ann an Dùn Èideann gu 1956.
Am Ploc is A' Bhràighe
[deasaich | deasaich an tùs]As an sin chaidh e gu bhith na mhaighstir-sgoile anns a' Phloc agus sin far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972. Bhon àm sin bha e na sgrìobhaiche aig Oilthigh Dhùn Éideann agus aig Sabhal Mòr Ostaig. Bha e a' fuireach anns A' Bhràighe, faisg air Port Rìgh. Bhàsaich e 24 an t-Samhain 1996 agus dh'fhàg e dìleab luachmhor às a dhèidh aig saoghal na Gàidhlig agus aig saoghal litreachais.
Teaghlach
[deasaich | deasaich an tùs]B' e a bhràthair-màthar a bha ann an Alasdair MacNeacail is b' e Calum Iain MacGillEathain a bhràthair.
Bàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 1940, dh'fhoillsich MacGill-Eain is Raibeart Garioch leabhran de bhàrdachd ri chèile, Seventeen Songs for Sixpence.
Anns an t-Samhain 1943, nochd Dàin do Eimhir agus Dàin Eile ann an clò. B' e sin a' chiad chruinneachadh dhan bhàrdachd aige fhèin na h-aonar. Tha mòran dhan bhàrdachd seo a' goil le gaol agus fèin-sgrùdadh, is Cogadh Sìobhalta na Spàinne. Bha dealbhan ann le William Crosbie.
Ann an 1954, nochd “Hallaig”, dàn Gàidhlig le MacGill-Eain, ann an clò anns an iris Ghàidhlig Gairm (Àireamh 8, An Samhradh, 1954). 'S e baile fuadaichte ann an Ratharsair a th'
ann an Hallaig agus b' àbhaist luchd-dàimh aig Somhairle MacGill-Eain a bhith a’ fuireach ann. 'S e aon de na dàin as ainmeil le MacGill-Eain a th' ann an "Hallaig" agus tha e a' nochdadh gu tric anns na duanairean.
Ann an 1977 nochd a' bhàrdachd aige fon thiotal Reothairt is Conntraigh agus ann an 1989 chaidh cruinneachadh tapaidh den obair aige fhoillseachadh, O Choille gu Bearradh. Tha an cruinneachadh seo air a roinn na sheachd earrannan a rèir nam bliadhnachan dham buin a' bhàrdachd.
Tha e soilleir gu leòr gun robh buaidh mhòr aig cuid de bhàird, agus de bhàrdachd, na Beurla air sgrìobhaidhean Shomhairle. Tha e inntinneach beachdachadh air cò aige a bha buaidh air a smuaineachadh agus air an stoidhle aige aig diofar amannan.
Cuspairean
[deasaich | deasaich an tùs]Tha àite mòr aig a' ghaol agus aig poileataics anns a' bhàrdachd aig Somhairle. Anns a' bhàrdachd gaoil aige chì sinn an dà chuid blàths agus teas. Uair agus uair chì sinn an dà chuspair air an snìomh an lùib a chèile agus iad ga bhuaireadh gu rann, mar anns a' chriomag bàrdachd air an tug e an tiotal "Am Buaireadh".
Ann an "Gaoir na h-Eòrpa" tha raon eile a bha ga ghluasad gu mòr a' tighinn gu uachdar - 's e sin an strì a bha a' dol air adhart anns an Spàinn timcheall air 1936-37. Tha e aithnichte gur ann gu poileataics na làimhe clì a bha e air aomadh. Bho phìosan mar "Gealach Ùr" tha e ri fhaicinn gun robh co-fhaireachdainn aige dhan fheallsanachd aig Marx, ach gheibhear blas na nàiseantachd air an obair aige cuideachd.
Tha raointean farsaing a' fosgladh romhainn anns an t-saothair aig Somhairle MacGill-Eain agus tha sinn mothachail air bàrd Gàidhlig a' sìneadh a-mach agus a' cleachdadh a mhac-meanmna gus cruthan ùra a dhealbh agus a thoirt am follais.
Clàr-leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Seventeen Songs for Sixpence. Còmhla ri Raibeart Garioch. Edinburgh: Chalmers Press, 1940.
- Dàin do Eimhir agus Dàin Eile. Glaschu: William MacLellan, 1943.
- Modern Scottish Gaelic Poetry. Obair Dheathain: Celtic Department of the University of Aberdeen, 1953.
- Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig / Modern Scottish Gaelic Poems: A Bilingual Anthology. Deas. le Dòmhnall MacAmhlaigh. New Directions, New York 1977. Td 70-115: "Am Mùr Gorm", "Camhanaich", "An Uair a Labhras mi mu Aodann", "Cha do Chuir de Bhuaireadh riamh", "Gaoir na h-Eòrpa", "An Roghainn", "Coin is Madaidhean-Allaidh", "A' Chorra-Ghridheach", "Hallaig", "Coilltean Ratharsair", "Ban-Ghàidheal", "Glac a' Bhàis", "Latha Foghair", "Aig Uaigh Yeats".
- O Choille gu Bearradh. Manchester: Carcanet, 1989.
- Reothairt is Conntraigh. Edinburgh: Canongate, 1977.
- Somhairle MacGill-Eain. Edinburgh: National Library of Scotland 1981.
- MacGill-Eain, Somhairle. Ris a’ Bhruthaich: Criticism and Prose Writings. Deas. le William Gillies. Stornoway: Acair, 1985.
- Eimhir. Somhairle MacGill-Eain is Iain Mac a' Ghobhainn. Acair Earranta, 1999.
- Dàin do Eimhir / Poems to Eimhir. Deas. le Christopher Whyte. Glasgow: Association for Scottish Literary Studies, 2002.
- An Cuilithionn 1939: The Cuillin 1939 & Unpublished Poems. Deas. le Christopher Whyte. Glasgow: Association of Scottish Literary Studies, 2011 (cruineanachadh sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh Beurla)
- Caoir Gheal Leumraich / White Leaping Flame: collected poems in Gaelic with English translations. Deas. le Christopher Whyte is Emma Dymock. Edinburgh: Polygon, 2011.
Bàrdachd anns na h-irisean
[deasaich | deasaich an tùs]- Gairm 8 td 360
- Gairm 76 td 335-337
- Gairm 76 td 379-384
- Gairm 101 td 91-96
- Gairm 109 td 33
- Gairm 150 td 181
Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn
[deasaich | deasaich an tùs]- Devlin, Brendan P. (1977) 'On Sorley MacLean' Lines Review 61, June, 5-19.
- Herdman, John. (1977) 'The Poetry of Sorley MacLean: a non-Gael's view.' Lines Review 61, June, 25-36.
- Ross, R.J. & J. Hendry (deas.) (1986) Sorley MacLean - Critical Essays Edinburgh: Scottish Academic Press Ltd.
- Caimbeul, Aonghas Pàdraig (deas.). Somhairle - Dàin is Deilbh. A Celebration on the 80th Birthday of Sorley MacLean. Stornoway: Acair, 1991.
- Thomson, Derick (1994) The Companion to Gaelic Scotland Glasgow: Gairm Publications.
- Mackay, Peter (2010) Sorley MacLean Aberdeen: AHRC Centre for Irish and Scottish Studies.
- Dymock, Emma (2011) Scotnotes: The Poetry of Sorley Maclean Glasgow: Association of Scottish Literary Studies.
Meadhanan
[deasaich | deasaich an tùs]- 14 Poems of Sorley MacLean (audio). Iomradh le Iain Mac a' Ghobhainn. Glaschu: Association for Scottish Literary Studies, 1980.
- Eadar Dà Chogadh - The Early Poems of Sorley MacLean. MacDonald - Mitchell Associates.
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- Somhairle MacGill-Eain Air-loidhne - làrach-lìn le Urras Shomhairle
Clàran fuaim is bhideo
[deasaich | deasaich an tùs]- Sorley MacLean's Island, (Ogam Films, 1974) - Film le Somhairle a' leughadh bàrdachd agus a' bruidhinn mu shaothair le Iain Mac a' Ghobhainn
- "Off the Page" le Somhairle MacGill-Eain (video air Youtube)
- “MacLean, Sorley, 1911-1996 (3338)”. Tobar an Dualchais. Air a thogail 17mh dhen Dàmhair 2022. Agallamhan le Somhairle air Tobar an Dualchais
Tasglannan eile
[deasaich | deasaich an tùs]- Scottish Poetry Library: Sorley MacLean
- GRD: Somhairle MacGill-Eain
- BBC Alba Làrach nam Bàrd - Fiosrachadh mu Shomhairle, a bheatha is a bhàrdachd.
- Artaigil le Iain MacAonghais "Language, Metre and Diction in the Poetry of Sorley MacLean" air loidhne
- Artaigil le Iain MacAonghais "Sorley MacLean’s Hallaig: a note" air loidhne
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]