Jump to content

Robert Garioch

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Raibeart Garioch)
Robert Garioch
Beatha
Breith Dùn Èideann, 9 dhen Chèitean 1909
Dùthaich  Alba
Bàs 26 dhen Ghiblean 1981
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
An Àrd-sgoil Rìoghail
Cànain Eadailtis
Dreuchd
Dreuchd eadar-theangair, sgrìobhadair agus bàrd
Duaisean a fhuaras
Gluasad Ath-bheòthachadh na h-Alba
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Bhreatainn
Strì An Dàrna Cogadh

B' e Robert Garioch Sutherland (9 an Cèitean 190926 an Giblean 1981) bàrd agus eadar-theangachair Albannach, cliùiteach airson na h-obrach cudromaich aige (le William Soutar agus Sidney Goodsir Smith) ann an ath-bheòthachadh na Beurla Ghallta ann am meadhan an fhicheadamh linn.

Am measg nam buadhannan litreachail air, bha Robert Fergusson agus am bàrd dualchainnt Eadailtis Giuseppe Gioachino Belli. Rugadh Garioch ann an Dùn Èideann agus chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann. Bidh Dùn Èideann a' nochdadh gu tric san obair aige. Lean e an obair ath-bheòthachadh a thoisich Ùisdean MacDhiarmaid, ged nach robh e daonnan a' gabhail leis a' chùrsa chànanach a stiùir MacDhiarmaid fhèin. Dh'eadar-theangaich e bhon Laideann dà dhealbh-chluich aig Seòras Bochanan, a bharrachd air litreachas Pindar is Hesiod. Dh'fhoillsich e cruinneachadh bàrdachd còmhla le Somhairle MacGill-Eain, Seventeen Poems for Sixpence, ann an 1940.

Dh'obair e mar thidsear, agus bha e na neach-sanais rè an Dàrna Cogadh. San 60an leig e a dhreuchd dhìot mar thidsear is thòisich e ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Dùn Èideann is chaochail e ann an 1981.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. BBC Two - Writing Scotland - Robert Garioch”. BBC. Air a thogail 26mh dhen Ghiblean 2018.