Arm na Breatainne

O Uicipeid
Bratach an Airm Bhreatannaich

Chaidh an t-Arm Bhreatannach a stèidheachadh le aonachadh Rìoghachdan Alba agus Shasainn airson an Rìoghachd Aonaichte a chruthachadh ann an 1707. Ghabh an t-arm ùr Breatannach a-steach seann rèiseamaidean bho Alba agus Sasainn agus bha e fo riaghailt an War Office ann an Lunnainn. Bho 1963 ‘s e Ministreachd an Dìon a tha air a bhith a' riaghladh na feachdan Breatannach.

Tha 112,100 neach saighdear san arm mar saighdear làn-thìde, nam measg 3,600 Gurkha, agus tha cuideachd mu 34,000 saighdear pàirt-ùine anns an Territorial Army. Mar sin tha mu 146,000 saighdear anns an arm air fad. Tha an t-arm Bhreatannach ri lorg ann an iomadach ceàrnaidh den t-saoghal agus e gu tric a' cur saighdearan a-mach fo bhratach nan Dùthchannan Aonaichte. An dràsta, tha an t-arm ag obair ann an Cosobho, Cìopras, a' Ghearmailt, Afganastan agus iomadh àite eile.

An coimeas ris a' Chabhlach Rìoghail, na Royal Marines agus Feachd an Àir, chan eil am facal “Rìoghail” ri fhaicinn ann an tiotal an Airm. Tha seo seach gu bheil an t-Arm, gu h-eachdraidheil, fo smachd na Pàrlamaid an àite a' mhonarcachd. Chaidh an suidheachadh seo a dhearbhadh tron Bill of Rights 1689 a thuirt gum feumadh a' Phàrlamaid Arm proifeiseanta a chumail fiù 's aig amannan sìtheil.

‘S e an Ridire Richard Dannatt ceannard proifeiseanta an Airm Bhreatannaich.

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]