Dòmhnall MacAmhlaigh
Coltas
| Dòmhnall MacAmhlaigh | |||||
|---|---|---|---|---|---|
1991 - 1995
1991 - | |||||
| Beatha | |||||
| Breith | Beàrnaraigh Mòr, 21 dhen Chèitean 1930 | ||||
| Dùthaich |
| ||||
| Bàs | 28 dhen Ghearran 2017 | ||||
| Foghlam | |||||
| Foghlam | Oilthigh Obar Dheathain | ||||
| Cànain |
Gàidhlig Ruisis Beurla | ||||
| Oileanaich | Roy Wentworth | ||||
| Dreuchd | |||||
| Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd | ||||
| Fastaichean | Oilthigh Ghlaschu | ||||
B' e sgoilear agus bàrd a bh' ann an Dòmhnall MacAmhlaigh (1930–2017) (Beurla: Donald MacAulay).
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh e air 21 Cèitean 1930 ann am Beàrnaraigh, Leòdhas.[1] Fhuair e foghlam aig bun-sgoil Bheàrnaraigh agus aig Àrd-sgoil MhicNeacail, Steòrnabhagh.[2] As dèidh sin, rinn e ceum aig Oilthigh Obar Dheathain. Rinn e seirbheis nàiseanta san roinn Ruisis a' Chabhlaich Rìoghail, agus theagaisg e aig Oilthigh Dhùn Èideann is Colaiste na Trianaide, Baile Àtha Cliath. Dh'imrich e a dh'Obar Dheathain ann an 1967, far an deach e na cheannard Roinn Ceiltis.[3] B' esan Ollamh na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu bho 1991[1] gu 1995.[4]
Clàr-leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]Bàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]Aistean
[deasaich | deasaich an tùs]- MacAmhlaigh, Dòmhnall (1980). ' 'Aramach am Beàrnaraigh . . .’ 1874', ann an Oighreachd agus Gabhaltas deas. Dòmhnall MacAmhlaigh. Obar-Dheadhan: Roinn an Fhoghlaim Cheiltich Oilthigh Obar-Dheadhan. dd. 1-11.
Ann am Beurla
[deasaich | deasaich an tùs]- MacAulay, Donald (1977). 'The Writing of Scottish Gaelic: Uses of convention and innovation' ann an TGSI 1977 dd.81-96.
Obair mar dheasaiche
[deasaich | deasaich an tùs]- Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig / Modern Scottish Gaelic Poems: A Bilingual Anthology
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- 1 2 Thomson, Derick S. (1994): The Companion to Gaelic Scotland. Glasgow: Gairm, td. 158.
- ↑ BBC Làrach nam Bàrd
- ↑ “Professor Donald MacAulay”. Sgeul na Gàidhlig, Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 9mh dhen Mhàrt 2018.
- ↑ Làrach 'Birlinn'