Jump to content

Roy Wentworth

O Uicipeid
Roy Wentworth
Beatha
Breith Tooting (en) Translate, 1946
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Bàs 19 dhen Dàmhair 2003
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Cànain Beurla
Gàidhlig
Luchd-teagaisg Dòmhnall MacAmhlaigh
Dreuchd
Dreuchd phonologist (en) Translate, beul-aithrisiche agus cànanaiche

Rugadh Roy Graham Wentworth ann an 1946 ann an Tooting ann an Lunnainn, agus thàinig e a dh'Alba a' chiad turas ann an 1963, far an do chuir e seachad saor-làithean ann an Geàrrloch. Dh'fhàs e càirdeil ris na daoine ionadail an sin nuair a thill e a-rithist is a-rithist agus chuala e a' Ghàidhlig an sin. Dh'fhàs e gu h-àraidh càirdeil ri croitear, 'Ain Peigi (Iain MacCoinnich), anns an àite agus le sin dh'fhàs an ùidh aige anns a' choimhearsnachd agus anns a' chànan, agus dh'ionnsaich e a' Ghàidhlig.

Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Obair Dheathain fon ollamh Dòmhnall MacAmhlaigh ann an 1973. Bha ùidh shònraichte aige ann an dualchainntean agus seann Ghàidhlig. Às dèidh sin ghluais e a Gheàrrloch agus às dèidh bàs An Pheigi chaidh e na chroitear. Bha e cuideachd ag obair aig an taigh-tasgaidh ionadail agus chùm e a' dol leis na rannsachaidhean aige, Gàidhlig Gheàrrloch. Ghabh e ùidh ann an ainmean-àite, beul-aithris, teòiridh cànanach agus fogharachd practaigeach, a' cruinneachadh corpas bho dhaoine ionadail a bhruidhneadh dualchainnt a bha a' bàsachadh.

Bha maoineachadh ri fhaotainn airson rannsachadh for-cheum aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) ann an 1998, is thòisich e air PhD air dualchainntean fo stiùir Meg Bateman. Chuir e crìoch air ann an 2002, sgrìobhte anns a' Ghàidhlig.

Fhuair a bàs gu h-obann air 19 an Dàmhair 2003.