Anndra Mac a' Cheàrnaigh
Coltas
| Anndra Mac a' Cheàrnaigh | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Calgary, 19 dhen Ghiblean 1969 |
| Dùthaich |
|
| Àite-fuirich | Tucson |
| Foghlam | |
| Foghlam |
Oilthigh Thoronto Massachusetts Institute of Technology Colaiste Naomh Mìcheal, Toronto |
| Stiùiriche an teusais |
Kenneth L. Hale (en) |
| Cànain | Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | daon-eòlaiche agus cànanaiche |
| Fastaichean | Oilthigh Arizona |
| Buaidh | Noam Chomsky |
'S e cànanaiche à Canada a tha ann an Anndra Mac a' Cheàrnaigh neo Andrew Carnie (Calgary, 19 an Giblean 1969). agus tha e na ollamh aig Oilthigh Arizona 's tha a chuid rannsachadh a' cur cuideam air co-chàradh, fòn-eòlas is fuaim-eòlas na Gàidhlig agus na Gaeilge.[1]
Beatha phroifeiseanta
[deasaich | deasaich an tùs]Fhuair e ceum BA ann an cànanachas agus eòlas Ceilteach o Oilthigh Toronto ann an 1991 agus PhD ann an cànanachas is feallsanachd o MIT ann an 1995.[1] Bha e na leas-ollamh tadhalach aig Oilthigh Michigan fad bliadhna agus an uairsin aig Harvard gus an d' fhuair e dreuchd leas-ollamh aig Oilthigh Arizona ann an 1998.[2] Fhuair e urram làn-ollaimh ann an 2009.[2]
Clàr-leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]- Carnie, Andrew. (2000). The Syntax of Verb Initial Languages Oxford; New York: Oxford University Press ISBN: 0195132238
- Carnie, Andrew. (2008). Irish nouns: a reference guide Oxford; New York: Oxford University Press ISBN: 9780199213757
- Carnie, Andrew (ed.) (2011). Formal Approaches to Celtic Linguistics Newcastle upon Tyne: Cambridge Scholars Publishing ISBN: 9781443829038
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- 1 2 https://web.archive.org/web/20180930130926/http://dingo.sbs.arizona.edu/~carnie/
- 1 2 https://web.archive.org/web/20111113103907/http://dingo.sbs.arizona.edu/%7Ecarnie/personal/personal.html
