Jump to content

Nils Holmer

O Uicipeid
Nils Holmer
Beatha
Breith Masthuggs församling (en) Translate agus Göteborg, 5 dhen Ghearran 1904
Dùthaich  An t-Suain
Bàs 10 dhen Ògmhios 1994
Àite-adhlacaidh Fränninge Church (en) Translate
Foghlam
Cànain Spàinntis
Beurla
Suainis
Basgais
Portagailis
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche agus neach-teagaisg oilthigh
Fastaichean Oilthigh Lund

Bha Nils Magnus Holmer (Göteborg, 5 an Gearran 1904Lund, 1994) 'na chànanaiche a rugadh anns an t-Suain 's a rinn rannsachadh mòr air a' Ghàidhlig, gu h-àraid dual-chainntean taobh a deas na dùthcha mar Ghàidhlig Arainn, Chinn Tìre is Earra Ghàidheal agus dh'fhoillsich e grunn phàipearan is leabhraichean cudromach air a' chuspair.[1] Tha sin a' gabhail a-steach leabhar air Gaeilge Eilean Reachra a tha leathach slighe eadar Gàidhlig is Gaeilge.[2] Bha ollamhachd aige ann an cànanachas aig Oilthigh Lund eadar 1949-1969 agus tha e ainmeil mar an aon Suaineach aig an robh a-riamh trì artaigealan san iris Language.[3] Gu h-annasach, rinn e obair blàir chan ann a-mhàin air aon no dhà chànan ach air iomadh cànan air grunn mhòr-thirean, a' gabhail a-steach Gaeilge, Basgais, cànain Siouanach, cànain Algonquianach, cànain Iroquoianach, Kuna à Meadhan Aimeireaga agus Choco is Wayuu agus cànain nan tùsanach Astràileanach.[1] Thug e ceum bho Oilthigh Lund.

  1. 1.0 1.1 Chelliah, Shobhana and de Reuse, Willem The History of Linguistic Fieldwork (2011) Springer ISBN 978-9048190256
  2. Holmer, N. The Irish Language in Rathlin Island (1942) Royal Irish Academy
  3. Sigurd, Bengt Svensk språkforskning under 1900-talet Linköping Electronic Conference Proceedings