Cànanachas na Gàidhlig
Coltas
'S e sgrùdadh na Gàidhlig aig ìre saidheansail a tha ann an Cànanachas na Gàidhlig. 'S e luchd-cànanachais a nì rannsachadh mar seo mar is trice. 'S iad seo na prìomh-chuspairean ann an cànanachas, a' gabhail a-steach cànanachas na Gàidhlig:
- structar a' chànain (gràmar, morf-eòlas, co-chàradh, fuaim-eòlas, fòn-eòlas
- ciall (seamantachd, pragmatachd)
- an cànan san fharsaingeachd (cànanachas eachdraidheil, sòiseo-chànanachas, saidhc-cànanachais, niùro-chànanachas, togail cànain)
Gu ruige seo, chaidh a' chuid as motha dhen rannsachadh saidheansail a dhèanamh air eachdraidh, dual-chainntean, fòn-eòlas is fuaim-eòlas na Gàidhlig ach nochd rannsachadh sna cuspairean eile cuideachd sna 30 bliadhna seo chaidh mean air mhean cuideachd. Ge-tà, tha mòran cuspairean ann a tha gu tur gun rannsachadh fhathast.
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]