Gràmar na Gàidhlig
Coltas
Seo cuid de na tréithean a tha cudromach ann an Gràmar na Gàidhlig:
- ’S e cànan ‘VSO’ (verb-subject-object) a th’ ann, rud a caran neo-chumanta am measg cànanan an t-Saoghail. Anns na abairtean sìmplidh àbhaisteach, ’s e an gnìomhair a tha a’ tighinn an toiseach, an uair sin an cùisear, an uair sin an cuspair.
- Tha toiseach nam facal ag atharrachadh le sèimheachadh air diofar adhbharan gràmarail: bòrd→bhòrd, bean→bhean, 7c.
- Ainmearan boireannta às dèidh an uilt anns na tuislean ainmneach is tabhartach: m.e caileag, a' chaileag, aig a' chaileig.
- Ainmearan fireannta às dèidh an uilt anns na tuislean tabhartach is ginideach: m.e balach, aig a' bhalach, guth a' bhalaich.
- Buadhairean às dèidh ainmearan boireannta (ach san tuiseal ginideach), ainmearan fireannta (sna tuislean tabhartach is ginideach)
- Às dèidh faclann àirid leithid; 'glè', 'fìor'; 'mo', 'do', 'a'; 'aon', 'dà'
- Às dèidh roimhearan àirid: do, ro, mu, tro, fo, de, bho/o
- Gnìomhairean anns an Tràth Caithte, an Tràth Cumhach, an Guth Fulangach 7c
- Tha deireadh nam facal ag atharrachadh gu tric le caolachadh (palatization) gus an tuiseal ginideach no iolra a dhèanamh: giomach→giomaich, bòrd→bùird, ruadh→ruaidh, dubh→duibh, 7c.
- Tha na roimhearan a’ nasgadh ri na riochdairean gus “riochdairean roimhearach” a dhèanamh: agam, agad, aige, aice, ...; orm, ort ...; 7c.
- AIG: agam, agad, aig, aice, againn, agaibh, aca
- AIR: orm, ort, air, oirre, oirnn, oirbh, orra
- ANN: annam, annad, ann, innte, annainn, annaibh, annta
- ÀS: asam, asad, às, aiste, asainn, asaibh, asta
- BHO: bhuam, bhuad, bhuaithe, bhuaipe, bhuainn, bhuaibh, bhuapa
- DE: dhìom, dhìot, dheth, dhith, dhinn, dhibh, dhiubh
- DO: dhomh, dhut, dha, dhi, dhuinn, dhuibh, dhaibh
- FO: fodham, fodhad, fodha, fòipe, fodhainn, fodhaibh, fòpa
- GU: thugam, thugad, thuige, thuice, thugainn, thugaibh, thuca
- LE: leam, leat, leis, leatha, leinn, leibh, leotha
- RI: rium, riut, ris, rithe, rinn, ribh, riutha
- RO; romham, romhad, roimhe, roimhpe, romhainn, romhaibh, romhpa
- TRO: tromham, tromhad, troimhe, troimhpe, tromhainn, tromhaibh, romhpa
- Tha cruthan iomsgarach ann de na riochdairean agus de na riochdairean roimhearach gu léir: mi→mise, thu→thusa, ...; agam→agamsa, agad→agadsa ...; 7c.
- Tha ceithir tuislean air na h-ainmearan: ainmneach, gairmeach, ginideach, tabhartach.
- ’S e an singilte den ainmear a chleachdar às dèidh àireamh a dhà: aon taigh, dà thaigh, trì taighean ... (Ann an glè bheag de dh’fhacail chumanta, tha rian den t-seann dèach ann: aon chluas, dà chluais, trì cluasan, ...)
- Tha cruth neo-phearsanta den gnìomhair ann, foirm gun chùisear sam bith: m.e. thathar, bheilear, rinneadh.
- Tha 'Rìomhlachd T-V' aig a' Ghàidhlig. Seo diofar na foirmealachd eadar "thu" agus "sibh".
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Calder, A Gaelic Grammar, 1923 (Webarchive) ... clàr-amais
- Scottish Gaelic Grammar Wiki aig Oilthigh Arizona