An tuiseal tabhartach

O Uicipeid

Tha an tuiseal tabhartach 'na chruth dhen ainmear a chomharraicheas gu bheilear a' toirt rudeigin dhan ainmear, mar eisimpleir sa Ghearmailtis Peter gab dem Hund einen Knochen.

Tha cuid a' cleachdadh an teirm sin sa Ghàidhlig cuideachd ach tha seo car mì-cheart oir chan e fìor-thuiseal tabhartach a tha sa Ghàidhlig. Thathar a' cleachdadh an teirm an tuiseal roimhearach air a shon an-diugh a chionn 's gun nochd e an dèidh roimhearan, m.e. bròg > dhan bhròig.