Henry Dieckhoff
| Henry Dieckhoff | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Moscobha, 3 dhen Iuchar 1869 |
| Dùthaich | Impireachd na Ruise |
| Bàs | Cille Chuimein, 5 dhen Lùnastal 1950 |
| Foghlam | |
| Cànain |
Gàidhlig Beurla Gearmailtis |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | cànanaiche, faclairiche agus sagart Caitligeach |
| Creideamh | |
| Creideamh | Eaglais Chaitligeach |
Bha An t-Athair Henry Cyril Dieckhoff (Ruisis: Генрих Кирилл Дикгоф) (Mosgo, 3 an t-Iuchar 1869 - Cille Chuimein, 5 an Lùnastal 1950[1]) 'na mhanach agus 'na chànanaiche Ruiseanach a bha a' fuireach ann an Abaid Chille Chuimein a-mach o 1891.[2] Rugadh e ann am Mosgo agus bha athair 'na aoghaire Lutheranach ach chuir e seachad cuid mhath dhe òige sa Ghearmailt a chionn 's gun robh a mhàthair 'na Caitligeach is cha b' urrainn dhaibh fuireach san Ruis tuilleadh.[3] Chaidh e dhan oilthigh ann am Berlin agus fhuair e an t-òrdugh naomh gun chead o na h-ùghdarrasan Ruiseach agus ri linn sin, b' fheudar dha teicheadh às an Ruis agus thàinig e a Shasainn an toiseach agus a dh'Alba an uairsin far an d'fhuair e fàilte mar bhràthair ann an Abaid Chille Chuimein ann an 1891.[3] Fhuair e inbhe sagairt sia bliadhna an dèidh sin ann an 1897.[3]

Dh'ionnsaich e Gàidhlig ann agus rinn e sgrùdadh mionaideach air Gàidhlig Ghleanna Garradh a dh'fhoillsich e san fhaclair aige A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic.[4] Thug e bliadhnaichean 'ga sgrìobhadh eadar 1920 agus 1932.[3] Tha am faclair seo annasach a chionn 's gu bheil fuaimneachadh de gach facal ann, chan ann san tuiseal ainmneach a-mhàin ach san tuiseal ghinideach cuideachd a thaobh nan ainmearan.
B' fheudar dha na dotairean a leth-chas a thoirt dheth ann an 1947 agus cha b' urrainn dha coiseachd an dèidh sin. Thòisich e air sgeul a bheatha a sgrìobhadh an uairsin is chaochail e ann an 1950.[3]
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ ScotlandsPeople
- ↑ Comann Seann Sgoilearan Sgoil Abaid Chille Chuimein
- 1 2 3 4 5 Boy from Moscow on Catholic Herald 11 dhen Lùnastal 1950
- ↑ Dieckhoff, H. A Pronouncing Dictionary of Scottish Gaelic (1932)
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Craobh-sloinnidh
- Aiste mu Heinrich Wilhelm Dieckhoff, athair Cyril (sa Ruisis, td.12, agus Gearmailtis, td.13)
