Martin Luther

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Màrtainn Lùtair

B' e manach agus ollamh Gearmailteach a bha ann am Màrtainn Lùtair (10 an t-Samhain 1483 - 18 an Gearran 1546). Bha na beachdan ùra aige a' tòiseachadh an Ath-Leasachaidh.

Beatha Mhàrtainn[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Màrtainn Lùtair (Martin Luther 'sa Bheurla) 10 an t-Samhain 1483 ann an Eisleben ann an Sagsainn-Anhalt. Chaidh a thogail ann am Mansfeld, far an do dh’fhàs athair Mhàrtainn rud beag beairteach le bhith ag obair mar thuathanach agus mèinnear. Mar sin b’ urrainn do Mhàrtainn a dhol dhan oilthigh, far an do dh’ionnsaich e Laideann, gràmair, ùr-labhairt, ealain-reusanachaidh, beus-eòlas agus ceòl. O chionn’ s gum bu mhiann le athair Mhàrtainn gum biodh Màrtainn na fear-lagha, chaidh Màrtainn do Oilthigh Erfurt. Ach aon latha, nuair a bha Màrtainn a’ tilleadh do dh’Erfurt, thàinig stoirm le tàirneanach agus dealanach uabhasach. Bha eagal a bheatha air, agus thuirt e: "Naomh Anna, cuidich mi, ma leigeas tu mi a bhith beò, bidh mi nam mhanach". Mar sin chaidh e an-aghaidh toil athair do mhanach. Ann an 1507 fhuair e òrdachadh sagartachd. An uair sin chaidh e gu Wittenberg airson rannsachadh diadhaireachd, far an do dh’ionnsaich e Greugais agus Eabhra. Ann an 19 an Dàmhair 1512 cheumnaich e le PhD. An dèidh sin thòisich e air a theagasg mar ollamh mu "Lectura in Biblia" ann an Oilthigh Wittenberg.[1] [2]

Beachdan ùra[deasaich | deasaich an tùs]

Thug na sgrìobh agus na rinn Jan Hus buaidh mhòr airsan.[3] Bha Màrtainn Lùtair a’ teagasg mun Bhìobaill, ach airson bhliadhnachan bha smaoin trom aige: ciamar a gheibh mi Dia iochdmhòr? Aon oidhche, (chan eil an luchd-rannsachaidh cinnteach: eadar 1511-13 neo 1515-18) nuair a bha e a’ meòmhrachadh air rann Rom.1.17[4], thàinig an fhreagairt tro rann Hab. 2.4.[5] : Is e gibht iochdmhor a tha anns a’ cheartas Dhè. Tha na daoine ga fhaighinn tron chreideamh a-mhàin. Chan urrainnear seo a chuir an gnìomh tron obair neo cliù fhèin! A-nis bha beachdan Mhàrtainn Lùtair gu tùr an-aghaidh malairt le litrichean-loghaidh, a rinn an eaglais Chaitligeach.

Universität Wittenberg

Mar sin sgrìobh e 95 argamaid a chuir e gu àrd easbaig Mhainz agus gu sagartan eile airson deasbad diadhaireachd a thòiseachadh. Canar gun do chuir e iad ri doras Eaglais a' Chaisteil ann am Wittenberg anns an 31. den Dàmhair 1517 cuideachd. Cha robh Lùtair a’ gearan mu na dòighean aithreachais ceàrr a-mhàin, dh’iarr e ath-leasachadh am broinn na h-eaglaise cuideachd. Gu nàdarra cha do dh’aontaich an Eaglais Caitligeach ris na h-argamaidean. Mar sin bha tòrr cùisean-lagha ann, m.e.: Èigheachd Worms (Gearmailtis:Reichstag zu Worms), far an tuirt Màrtainn Lùtair: Tha am bìoball os cionn riaghailtean na h-eaglaise. An dèidh sin chuir am Pàpa Màrtainn fon choill ann an 1521. Chaidh casg a chuir air na pìosan a sgrìobh Lùtair.

Bìoball Lùtair

Fhuair Lùtair cuideachadh bho Frederick III à Sagsainn-Anhalt, a chuir air falach e mar „Junker Jörg“ air a’ Wartburg ann an Thüringen. An seo dh’eadar-theangaich e am Bìoball tùsail bhon Ghreugais agus Eabhra gu Gearmailtis ann an 11 seachdainean a-mhàin. Ach rinn e sin ann an cànan làitheil nan daoine. B’ e sin am Bìoball ris an canar Lutherbibel (Bìoball Lùtair) an-diugh. Leis an inneal clò-bhualadh ùr chaidh am bìoball fhoillseachadh air feadh na Gearmailt gu math luath. Thòisich na daoine an cànan às a' Bhìoball a chleachdach. B’ e sin an t-àm far deach an Àrd-Ghearmailtis oifigeil a chruthaich.

An t-Ath-Leasachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Aig an aon àm bha Melanchthon, deagh charaid aig Mhàrtainn, a’ sgaoileadh nam beachdan ùra. O chionn 's gun robh na daoine deiseil agus deònach airson ath-nuachaidh, chleachd iad na argamaidean Lùtair airson na h-eaglaise fhàgail. Theich mòran manachan agus cailleachan dhubha às na manachainnean cuideachd. Chaidh iad uile ri chèile airson eaglais nuadh a’ stèidheachadh ris an cainte Eaglais Pròstanach (bho Protestare: casaid, gearan).

Ach bha trioblaidean mòra ann am Wittenberg mu na dòighean ceart anns an eaglais ùir agus mar sin chaidh Màrtainn air ais. Dh’atharraich esan an t-aifreann a rèir a’ Bhìoball. Gus 1545 chuir e òraidean seachad ann am Wittenberg agus ghabh e a bheachdan airson chuspairean diofraichte. Ach anns an fharsaingeachd cha do chuir esan an t-Ath-Leasachadh air adhart.

Bha Màrtainn an aghaidh an t-seasganachd cuideachd. Ann an 1525 phòs e Katharina von Bora, cailleach dhubh, a theich às a’ mhanach. Bha sianar cloinne aca. Chaochail e air turas ann an Eisleben ann an 1546, ach chaidh a thìodhlacadh ann an Eaglais a' Chaisteil Wittenberg.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Brecht, Martin. Martin Luther. tr. James L. Schaaf, Philadelphia: Fortress Press, 1985–93, 1:112–127.
  2. Hendrix, Scott H. (2015): Martin Luther: Visionary Reformer. Yale University Press, td. 44. ISBN 978-0-300-16669-9. 
  3. Musée Protestant
  4. Rann Rom.1.17: Oir tha fireantachd Dhè air a foillseachadh ann an tre chreideamh gu creideamh: mar a tha e sgrìobhte: Bidh am fìrean beò tre chreideamh.
  5. Rann Hab.2.4: Feuch, chan eil a anam-san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a-staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: