B' e sgrìobhadair is easbaig a bha ann an Naomh Augustine à Hippo.
Rugadh e ann an Thagaste ann an Afraga a Tuath, a bha na phàirt den Ìmpireachd Romanach, ann an 354. Lean e Manichaeachd mus deach e na Chrìstean ann an 387 ann am Milan. Chaidh e na shagart ann an Hippo ann an 391 is na easbaig ann an 396. Chaochail e ann an 430 nuair a chreach na Bhandalan Hippo.
Tha e as ainmeile airson feallsanachd agus na leabhraichean a sgrìobh e, mar eisimpleir Confessiones ('Faoisidean') agus De Civitate Dei ('Air Baile Dia').[1]