Jan Hus
| Jan Hus | |||
|---|---|---|---|
|
| |||
| |||
| Beatha | |||
| Breith | Husinec, deichead 1370 | ||
| Dùthaich |
Rìoghachd Bohemia Ìmpireachd Naomh na Ròimhe | ||
| Àite-fuirich |
Birth house of Jan Hus (en) | ||
| Bàs | Konstanz, 6 dhen Iuchar 1415 | ||
| Àite-adhlacaidh |
Rhine (en) | ||
| Nàdar a’ bhàis |
peanas bàis (death by burning (en) | ||
| Foghlam | |||
| Foghlam | Oilthigh Theàrlaich ann am Pràg 1393) Baidealair nan Ealan | ||
| Cànain |
renaissance Latin (en) Old Czech (en) Seacais Laideann | ||
| Luchd-teagaisg |
Stanislaus von Znaim (en) | ||
| Dreuchd | |||
| Dreuchd |
eadar-theangair, diadhair, neach-teagaisg oilthigh, sgrìobhadair, feallsanaiche, aoghaire, cànanaiche, neach-teagaisg, searmonaiche, preasbadair agus bohemicist (en) | ||
|
Com-pàirtiche
| |||
| Fastaichean | Oilthigh Theàrlaich ann am Pràg | ||
| Buaidh |
John Wycliffe (mul) | ||
| Far-ainmean | Paulus Constantius | ||
| Tèarmann | |||
| 6 an t-Iuchar | |||
| Creideamh | |||
| Creideamh |
Proto-Protestantism (en) Caitligeachd | ||
|
| |||
B' e sagart, ollamh, feallsanaiche, sgrìobhadair, cànanaiche agus pears'-eaglais à Bohemia a dh'fheuch ris an eaglais atharrachadh ron Ath-Leasachadh a bh' ann an Jan Hus (IPA: jan ˈɦus, Husinec, mu 1369 – Konstanz 6 an t-Iuchar 1415). Is esan a stèidhich an sgoil-diadhaireachd Husachd aig àm An Ath-Leasachaidh Sheacaich. Rugadh e ann am bochdainn ach thug e ceum aig Oilthigh Phràg ann an 1396,[1] agus chaidh òrdachadh na shagart ann an 1401.[2] Ann an 1403 chuir e Trialogus le John Wycliffe gu Seacais, nuair a bha e os cionn an oilthighe. Leasaich e aibidil Sheacais. Fhuair an Eaglais Chaitligeach dubh chàineadh às a chùbaid bho Hus. Chaidh Hus a chur gu bàs le ùghdarrasan Iarlachd-crìche Bhaden ann an Konstanz ann an 1415.[3] Thug na sgrìobh agus na rinn e buaidh mhòr air an feadhainn a lean e an ceann linn, mar Martin Luther, Jean Calvin, Huldrych Zwingli agus Iain Knox.[4] Aig aon àm b' e gu robh co-dhiù 90% nan daoine ann am Bohemia a' leantainn na beachdan aige fad dà cheud bliadhna.