Eisleben

O Uicipeid
Eisleben

Eisleben, meadhan a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Co-chomharran 51° 31′ T
11° 33′ E
Feartan fiosaigeach

Is e baile beag Gearmailteach a tha ann an Eisleben. Tha e na laighe ann an iar dheas Sagsainn-Anhalt faisg air na beanntan Harz. Tha 21.000 daoine a' fuireach an seo. Tha Eisleben cliùiteach o chionn Màrtainn Lùtair. Tha na taighean far an do rugadh e agus far an do chaochail e ann fhathast. Tha iad air an dìon mar dualchas na cruinne leis an UNESCO (còmhla ri Lutherstadt Wittenberg). Mar sin is e Lutherstadt Eisleben (Baile-Lùtair Eisleben) an t-ainm oifigeil a tha air Eisleben.

Taigh-breith Mhàrtainn Lùtair[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an Lutherstadt Eisleben chìthear an taigh far an do rugadh Màrtainn Lùtair. Tha na seòmraichean fhathast anns an aon dòigh mar a bha iad aig àm Lùtair. Tha an t-sràid agus an gàrradh ceangailte ris an trannsa. B’ e seo an t-àite, far am bitheadh na daoine ag obair. An-diugh tha tòrr dhealbh rim faicinn mu Lùtair, a charaid Melanchthon agus Frederick III. Is e taigh-tasgaidh Lùtair a' chiad taigh-tasgaidh anns a' Ghearmailt agus aon de na taighean-tasgaidh as sine air feadh an t-saoghail.

Taigh-bàis Mhàrtainn Lùtair[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an taigh far an do chaochail Màrtainn Lùtair ann an Eisleben cuideachd. An-diugh tha taisbeanadh ann mu Bhìobaill Lùtair.

Bailtean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Stadt Herne
  2. Stadt Memmingen: Partnerstädte”. Baile Mhemmingen. Air a thogail 15mh dhen Dàmhair 2023.
  3. Annuaire de France
  4. Stadt Weinheim

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]