Seumas Grannd
| Seumas Grannd | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith | Baile Ùr nan Granndach, 26 dhen Dàmhair 1950 |
| Dùthaich |
|
| Foghlam | |
| Foghlam | Oilthigh Obar Dheathain |
| Dreuchd | |
'S e cànanaiche a tha san Ollamh Seumas Grannd (Baile Ùr nan Granndach, 26 an Dàmhair 1950).[1] Tha e an sàs rannsachadh dual-chainntean taobh a deas na h-Alba, gu h-àraidh dual-chainntean Ìle, Earra-Ghàidheal agus Bhàideanach.[2]
Rugadh Seumas ann am Baile nan Granndach agus thogadh e ann an Rata Mhurchais. Thug e a-mach ceum ann an Ceiltis ann an Obar Dheathain agus an uairsin ann am foghlam aig Colaiste Chnoc Iòrdain ann an Glaschu.[1] Ghabh e dreuchd teagaisg aig Oilthigh Obar Dheathain ann an 1983 far an robh e fad 23 bliadhna agus far an dug e a-mach ceum ollamhachd ann an 1988 le obair rannsachaidh air Gàidhlig Ìle 's Earra-Ghàidheal.[1]
Tha e air tilleadh a bhaile àraidh, Rata Mhurchais, far a bheil e a' fuireach leis a bhean, an t-Ollamh Alison Diack.[1]
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- 1 2 3 4 Bliadhna nan Òran - Seumas Grannd
- ↑ Grannd, S. The Gaelic of Islay: A Comparative Study Oilthigh Obar Dheathain (2000)
