Magne Oftedal
| Magne Oftedal | |||||
|---|---|---|---|---|---|
1959, 1963 - 1963, 1966
1963 - 1966 | |||||
| Beatha | |||||
| Breith |
Sandnes agus Høyland Municipality (en) | ||||
| Dùthaich |
| ||||
| Bàs | Oslo, 26 dhen Chèitean 1985 | ||||
| Teaghlach | |||||
| Cèile |
Eli Oftedal (en) | ||||
| Foghlam | |||||
| Foghlam | Oilthigh Oslo | ||||
| Dreuchd | |||||
| Dreuchd |
cànanaiche agus philologist (en) | ||||
| Fastaichean | Oilthigh Oslo | ||||
| Ballrachd | Acadamh Nirribheach nan Saidheansan is Litrichean | ||||
| Neach-fànais | |||||
'S e cànanaiche Nirribheach a bha ann am Magne Oftedal (Sandnes, 10 am Màrt 1921 - Oslo, 26 an Cèitean 1985) 's rinn e rannsachadh air dual-chainntean na Gàidhlig agus ceanglaichean fòn-eòlasach eadar cànain Cheilteach is Spàinnteach.[1][2] Rugadh e ann an 1921 ann an Sandnes, san sgìre Rogaland agus thòisich e air Fil-eòlas ionnsachadh aig Oilthigh Oslo ach bhris an Dàrna Cogadh Mòr a-steach air agus cha do chuir e crìoch air ceum, ann an cànanachas, ach ann an 1947 an dèidh deireadh a' chogaidh.[2] Fhad 's e bha e 'na bhall air Oilthigh Oslo, rinn e obair-rannsachaidh air Eilean Leòdhais eadar 1949 is 1954 agus ri linn sin, dh'fhoillsich e pàipear cudromach air an robh The village names of Lewis in the Outer Hebrides ann an 1954 agus choisinn e inbhe dotaireachd le obair air Gàidhlig Liùrbost, The Gaelic of Leurbost ann an 1956.[2] Rinn e rannsachadh gu h-àraidh air fuaim-eòlas na Gàidhlig 's na Cuimrise agus na Nirribhise fad a bheatha agus cuideachd ainmean-àite nan cànan sin agus fhuair esan ollamhachd aig Oilthigh Oslo an dèidh Carl Marstrander 's bha e ann mar ollamh cha mhòr fad 30 bliadhna.[2] Bha e 'na dheasaiche os cionn na h-irise Lochlann - A Review of Celtic Studies eadar 1969 is 1974 agus bha e 'na bhall - no os cionn - ann an iomadh buidheann, leithid Det Norske Videnskaps-Akademi (o 1958) agus Norsk Forening for Språkvitenskap.[2]
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Duilleag air luchd-cànanachais nan cànan Ceilteach aig Oilthigh Duisburg
- 1 2 3 4 5 6 http://snl.no/.nbl_biografi/Magne_Oftedal/utdypning Norsk biografisk leksikon
- ↑ Ternes, E. The Phonemic Analysis of Scottish Gaelic (1989) Buske Verlag ISBN 3-87118-161-7
