Berlin

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Berlin
Flag of Berlin.svg Coat of arms of Berlin.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Germany Laender Berlin.png
Suidheachadh
Dùthaich a' Ghearmailt
Co-chomharran 52° 31' Tuath
13° 25' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 891.82 km²
Àireamh-shluaigh 3,405,000 (2006)
Dlùths 3,818.04/km²
Àireamh fòn 030
Duilleag oifigeil berlin.de

Is e prìomh-bhaile Poblachd na Gearmailt a tha ann am Berlin o chionn 1990 a-rithist. Tha stàit-bhaile Bherlin aon de sia stàitean feadarail deug anns a' Ghearmailt. An-diugh tha 3.4 millean a' fuireach ann am Berlin. Is e am baile as motha anns a’ Ghearmailt agus am baile as motha ach aon anns an Roinn Eòrpa. Is dòcha gun robh am facal Slabhais berl a' ciallachadh mòinteach, agus thug sin ainm air Berlin. Tha 3,400,500 daoine a' fuireach ann am Berlin, is le sin 's e am baile as motha na dùthcha a th'ann.[1]

Berlin

Suidheachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Berlin suidhichte am measg Bhrandenburg, stàit feadarail eile anns a' Ghearmailt, 512km air falbh bho Stuttgart.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha a’ chiad fhianais sgrìobhte againn mu Chölln mar phàirt den bhaile dhùbailte Bherlin-Chölln anns an Spreeinsel (Eilean Spree) anns a’ bhliadhna 1237. Tha a’ chiad fhianais sgrìobhte againn mu Bherlin aig bruach an Abhainn Spree anns a’ bhliadhna 1244. Bha talla a’ bhaile cumanta air a thogail ann an 1307.

Bhitheadh an cinneadh Hohenzollern a’ riaghladh Berlin gu 1918 mar diùc Bhrandenburg, Rìgh Phrùisea agus Ceusar nan Gearmailteach

Ann an Cogadh na trichead bliadhna (1618 agus 1648) chaidh 30 % de na taighean ann am Berlin a sgrios agus chaidh an dàrna leth den t-sluagh a mharbhadh.

Ann an 1640 ghabh Frederic Uilleam, an Kurfürst mòr, sealbh air an ìompaireachd. Thòisich e air poileataigeachd den fulangas cràbhach agus den imrich a chur a-steach. Mu 1700 bha 20% de mhuinntir Bherlin nam Frangaich às an Fhraing oir thug Frederic Uilleam na Pròstanaich Frangach do Bherlin. Thàinig mòran daoine gu Berlin. Dh’ imrich iad às a' Phòlainn, à Bohàimia agus à Salzburg.

Chaidh Frederic I. air a chrùnadh anns a’ bhaile seo ann an 1701 agus dh' fhàs Berlin na phrìomh-bhaile na Prùise.

Ann an 1807 thàinig Napoleon Bonaparte do Bherlin agus ghoid e an Quadriga bhon Geata Bhrandenburger Tor. Ann an 1814 chaidh an Quadriga a thoirt air ais.

Chaidh dàrna Ìompaireachd na Gearmailt a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1871 agus bha Berlin na phrìomh-bhaile a-rithist. Bha Ceusair Uilleam II an ceusair mu dheireadh a bha ann.

Às deidh a' chiad chogadh ann an 1918 chaidh Poblachd a stèidheachadh anns a' Ghearmailt ann am Berlin.

Anns an 1933 chaidh na Nàsaich agus Adolf Hitler a thaghadh agus stèidhich iad treasa Ìompaireachd na Gearmailt.

Ann an 1945 bha an Dàrna Cogadh seachad agus chaidh Berlin a roinn ann an ceithir roinnean. Bha Berlin an Ear aig na Rùisich agus bha Berlin an Iar aig na Stàitean Aonaichte, aig an Fhraing agus aig Breatainn.

Bha na trioblaidean poileataigeach air stiùireadh am Blockade den Bherlin. Chuidich am feachd eadar-nàiseanta às na Stàitean Aonaichte agus eile gus am baile a chumail beò le chuir iad drochaid adhair Bherlin air chois.

Ann an 1949 chaidh an GDR, Gearmailt an Ear, a stèidheachadh. B' e prìomh-bhaile a bha ann am Berlin an Ear agus dh' fhàs trioblaidean poileataigeachd cho dona gu Cogadh Fuar.

Bha cuir cudthrom air na trioblaidean eadar nan Ear agus nan Iar ann an 1961. Chaidh Balla Bherlin a thogail.

Balla Bherlin

Chaidh an t-sluagh mì-thoilichte agus diombach. Às t-samhradh 1989 thòisich na ùrnaighean sìthe anns an Eaglais Nicolai ann an Leipzig agus às deidh bha na caismeachdan-Di-Luain ann gach seachdain. Anns an Dàmhair thuit GDR am broinn a chèile. Thuit am Balla Bherlin aig 9mh den t-Samhain 1989. Chaidh a’ Ghearmailt ath-aonadh anns a’ bhliadhna 1990 agus b’ e prìomh-bhaile na Gearmailt a bha ann am Berlin a-rithist.

O chionn 1999 tha a' phàrlamaid agus cuid de na ministearan ann am Berlin cuideachd ach tha seachd ministearan fhathast ag obair anns an t-seann phrìomh-bhaile, Bonn.

Cànan[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Gearmailtis air a bhruidhinn ann am Berlin ach tha barrachd chànanan rim cluinntinn air sgàth’ s gu bheil am baile glè ioma-chultarach. Cluinnear Beurla, Arabais is Sìonais gu math tric. Tha mòran choigreach a’ fuireach anns a' bhaile seo agus bidh mòran luchd-turais a' tadhal air Berlin.

Tha dualchainnt ann ris an canar "Berlinerisch". Mar eisimpleir bithear ag ràdh icke an àite ich (Gàidhlig: mi), loofen an àite laufen (a' ruith) neo wa' an àite nicht wahr (...nach eil?)

Eaconomaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ionad Sony san oidhche

Tha 36% de na h-obraichean ceangailte ris an roinn-seirbhis.

  • 33% ris a' ghnìomhachas
  • 13% ri malairt agus ri trafaig
  • 18% ris an t-seirbhis Poblachd.

Tha tòrr stèisean telebhisein is rèidio ann mar RB, MTV, Nick, VIVA, Sat 1, N24 agus gu nàdarra tha studio aig ARD, ZDF no RTL ann am Berlin cuideachd. Tha 80% de na gnìomhachasan a’ buntainn ris an treas roinn. Tha an treas roinn glè chudthromach airson Berlin agus mar sin tha turasachd a’ fàs nas cudthromaiche ri taobh bhancaichean agus sheirbhisean eile.

Is e DaimlerChrysler, Sony, Springer-Verlag, Walter de Gruyter na companaidhean as cliùitiche a tha ann. Chan eil tòrr àiteachas ann agus chan eil ach beagan gnìomhachas ann am Berlin. Is e obair mheatailt, cheimigeachd agus bhidh am meur gnìomhachais as motha ann am Berlin.

Cultar[deasaich | deasaich an tùs]

Gus am meadhan-aois tràth[deasaich | deasaich an tùs]

Farsaingeachd

‘S e sluagh na Semnonaich a bha anns an sgìre Bherlin. Ach ‘s e Sueben an t-ainm a bha air an treubh. Cha robh sluagh Gearmanach coitcheann ann. Bliadhnaichean às deidh bha cumhachd phoilitigeach a dh’ fhàs an t-aonadh sluaigh na Gearmanaich. ‘S e treubh na Sueben a bha a’ dol a-steach an t-Sluagh Mòr na h-Alamannaich. Bha iad a' fuireach ann an clachain agus bha taighean aca, a bha air a thogail bho choille is bhon chailc. Bha cumadh-cruidh is àiteachas ann.

Creideamh

Bha pàganach ann gu tric leis na h-ìobart nan daoine . Bha a' Chrìosdachd a’ toirt air na Gearmanaich anns an 5mh linn.

Ealain

Tha a’ chiad fianais sgrìobhte mu gu bhith 200 às deidh Dia. ‘S e Futhark a bh’ ann na chiad litrichean Ghearmanaich. Bha cuid na bu lugha sgrìobhaidhean den an àm seo. Cha mhòr dh' aithnich na daoine dealbhan. O chionn na 5mh linn bha àilleagan òir ann. Bha dealbhan na tuirc is nam fèidh àbhaisteach mar na eisimpleirean Ròmanach.

Gus an latha an-diugh[deasaich | deasaich an tùs]

Creideamh

Às deidh an Ath-leasachadh anns an 15mh linn 's e an cuid a bu mhotha nan daoine Pròstanaich a bh' annta. Anns an 18mh linn thoir Frederic Mòr an ceadachas-cràbhach. An-diugh 's e baile mòr glè ioma-chultarach a th' ann am Berlin agus tha torr chreideimh ann.

Saidheans/ Eòlas

Tha ceithir oilthighean ann. ( 'S e am Medizinische Fakultät coitcheann as motha ann an Roinn Eòrpa.) Tha trì colaisdean-ealain is seachd colaisdean le cuspairean sònraichte is deich colaisdean phrìobhaideach ann. Tha gu bhith 140.000 oileanaich aig Berlin.

Ealain[deasaich | deasaich an tùs]

Togalachan ainmeil is cudthromach[deasaich | deasaich an tùs]

  • an Geata Bhrandenburg leis an Quadriga, air a thogail eadar 1788 agus 1791
  • an Leabharlann na Gearmailt, air a thogail eadar 1774 agus 1780
  • an taigh-opra na Gearmailt, air a thogail 1743
  • an Zeughaus, air a thogail eadar 1695 agus 1706
  • Oilthigh Humboldt Berlin, a chaidh fhosgladh ann an 1809
  • an Reichstag, air a thogail eadar 1884 agus 1894
  • an Caisteal Bellevue, air a thogail ann an 1785
  • an Caisteal Charlottenburg, toiseach a thogail ann an 1695
  • an Kaufhaus des Westens (Bùth nan Siar), a' bhùth as motha ann an Roinn Eòrpa
  • am Funkturm Berlin, air a thogail eadar 1924 agus 1926 airson na treasa Funkausstellung
  • am Fernsehturm Berlin, an togalach as àirde anns a' Ghearmailt air fad (368m)

Eaglaisean cliùiteach[deasaich | deasaich an tùs]

  • a' chathair-eaglais Bherlin
  • a' chathair na Hedwig, air a thogail eadar 1747 agus 1773
  • a' chathair Fhrangach air a' mhargaidh na Gendarmen
  • an tobhta nan eaglaise "Cuimhne an Ceasar-Uilleam", air a thogail eadar 1891 agus 1895 agus air an sgrios anns an dàrna cogadh
  • an eaglais na Màiri

Taighean-tasgaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Eilean na taigh-tasgaidh (o chionn 1999 dualchas an t-saoghal cultar UNESCO )
  • an t-seann lobhta nàiseanta
  • an t-seann taigh-tasgaidh anns a' gharradh nam miann (Lustgarten) [no ann an gàrradh nam miann]
  • an taigh-tasgaidh ùr
  • an taigh-tasgaidh Bode
  • an taigh-tasgaidh Pergamon
  • an taigh-tasgaidh na h-ealain
  • an taigh-tasgaidh na h-eachdraidh anns an Zeughaus
  • an tasglann Bauhaus
  • an taigh-tasgaidh na h-Iùdhaich
  • torr chruinneachaidh na deilbh anns na taighean diofraichte


Fèisteas[deasaich | deasaich an tùs]

  • taighean-chluiche leis na phrògraman cunbhalach
  • còisirean-ciùil leis na phrògraman cunbhalach
  • orcastra is opra leis na phrògraman cunbhalach
  • Fèis Fiolm eadar-nàiseanta
  • Berlinale, leis an duais mathan Bherlin
  • agus fèisean eile

Daoine ainmeil, a tha/ bha ceangailte ris Berlin[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Aistean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Meadhan a' bhaile

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Bailtean as motha na cruinne
  2. SisterCities
  3. Urząd Miasta Warszawa
  4. Stadt Köln