Iain Noble

O Uicipeid
Iain Noble
Beatha
Breith Berlin, 8 dhen t-Sultain 1935
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Bàs an t-Eilean Sgitheanach, 25 dhen Dùbhlachd 2010
Teaghlach
Athair Sir Andrew Noble, 2nd Baronet
Màthair Sigrid Michelet
Cèile Lucilla Charlotte James Mackenzie (en) Translate  (27 dhen Dàmhair 1990 -
Foghlam
Foghlam Colaiste Eton
Colaiste Oilthigh Oxford
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd bancair
Duaisean a fhuaras
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Bhreatainn

Bha an Treas Ridire Iain Anndra Noble (Berlin 8 an t-Sultain 1935 - An t-Eilean Sgitheanach, 25 an Dùbhlachd, 2010) 'na uachdaran oighreachd Fearann Eilean Iarmain agus Àird Chonghlais anns an Eilean Sgitheanach, agus tha e ainmeil mar fhear-taice na Gàidhlig is cuid ag ràdh gum b' esan am fear prìobhaideach a bu chudromaiche ann an leasachadh na Gàidhlig san 20mh linn.[1][2]

Beatha òg agus a theaghlach[deasaich | deasaich an tùs]

Bhuidhneadh e do theaghlach cudromach de bhancairean agus dìoplomasaich; bha a sheanmhair pòsta aig dìomplomasach Nirribheach agus bha athair, Sir Andrew Napier Noble, 'na thosgaire do Bhreatainn sa Phòlainn, Mheagsago is na Tìrean Ìsle.[2] 'S ann air taobh an iar na h-Alba a bha oighreachd an teaghlaich agus bha iad cudromach gu leòr gun do ghabh am Prìomh-mhinistear Arailt MacMhaolain fasgadh air oighreachd an teaghlaich aig àm sgainneal Profumo.[1]

Bha driod-fhortan gu leòr aig Iain on toiseach. Rugadh e e ann am Berlin 8 dhen t-Sultain 1935 ach chuir e seachad na ciad bhliadhnaichean san Ròimh. Bha athair ag obair san t-Sìn an uairsin gus an do thòisich an cogadh leis an t-Seapan, agus mar thoradh air sin, chaidh Iain a dh'Afraga a Deas fad greis.[2] Fhuair athair dreuchd tosgaire Bhreatainn san Argantain an uairsin agus chaidh Iain gu Colaiste Chill Rìmhinn ann am Buenos Aires[2]. Bha e toilichte ann agus chuir e bròn air nuair a dh'èirich cogadh eadar an Argantain is Breatann.[2] Fhuair e sgoil an uair sin ann an Eton ged nach do rinn e ro mhath ann ged a shoirbhich leis na bu mhotha aig Oilthigh Oxford às a dhèidh sin.[1][2] Cha d' fhuair e coimisean, rud a bha 'na bhriseadh-dùil dha theaghlach ach rinn e a chuid Seirbheis Nàiseanta le Feachd Earra-Ghàidheal is Chataibh 'na àite.[2]

Ge-tà, bha cianalas air Iain agus ceangal dlùth ri bràthair athar Mìcheal a bha 'na chìobair agus ball-pàrlamaid do dh'Earra-Ghàidheal, Rùnaire na Stàite airson Alba agus Ministear na Malairt.[2] Bha Iain a' beachdachadh air seasamh mar bhall-pàrlamaid Libearalach aig àm cuideachd ann an Alba agus thug Mìcheal taic dha.[2]

Beatha-obrach[deasaich | deasaich an tùs]

Fhuair Iain obair le bròcairean is cunntasairean Wrightson's ann an Lunnainn nuair a dh'fhàg e an t-oilthigh ach thill e a dh'Alba gu math luath gus obair a dhèanamh airson Comhairle na h-Alba airson Leasachadh is Gnìomhachas 's bha e a' toirt comhairle gnìomhachais dhaibh eadar 1964 is 1969 agus bha 'na uachdaran aca eadar 2003-2006.[2]

Bha Iain 'na bhall san Edinburgh Speculative Society agus stèidhich esan agus caraid dha ann, Aonghas Grossart banca marsantachd còmhla air an robh Noble-Grossart ann an 1969.[1][2] Bha feum air banca mar sin ann an Alba 'nam beachd-san 's na gnìomhachasan mòra tradaiseanta air crìonadh is na bancannan marsantachd a' cur cudrom air gnìomhachasan ùra taobh a-muigh na h-Alba.[2] Shoirbhich leis a' bhanca gu mòr, a dh'aindeon amannan doirbhe na h-eaconomaidh san linn sinn.[2]

Dh'fhàg Iain an com-pàirteachas 's e 'na thritheadan agus leis an dìoladh a fhuair e, thill e a dh'Alba aig àm nuair a bha 23,000 acair de dh'Oighreachd nan Dòmhnallach ri reic.[1] Fhad 's a bha e an sàs iomadh iomairt is sgeama air an Eilean Sgitheanach, cha robh e 'na thàmh ann an àitichean eile agus stèidhich e gnothachas àrachais, urrasan maoineachaidh agus mòran a bharrachd agus mar a bu ghnàth, shoirbhich leis an dàrna cuid agus chrìoch a' chuid eile.[1]

A bharrachd air gach rud, bha ùidh mhòr aige ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba cuideachd 's e 'na urrasaiche ann.[2]

An t-Eilean Sgitheanach[deasaich | deasaich an tùs]

Taigh-òsta agus gailearaidh Eilean Iarmain

Chuir Iain a-steach airson cuid dhen oighreachd agus fhuair e gach rud a bha e ag iarraidh.[1] Cha robh an oighreachd ann an deagh-staid aig an àm agus an sgìre a' fàs gann de dhaoine òga is cothroman obrach ach bha lèirsinn aig Iain gum b' urrainn do dh'Alba eisimpleir nan Eilean Fàro a leantainn a thaobh so-sheasmhachd.[1] Thagh e a' Ghàidhlig mar chànan obrach nan iomadh iomairt a chur e air dòigh, 'nam measg rudan mar thàigh-òsta, co-op figheadaireachd, fearann, colaiste Ghàidhlig, sgeama co-shealbhachd bhàtaichean, gailearaidh ealain agus leubail uisge-beatha, Pràban na Linne a nì Té Bheag nan Eilean, Poit Dhubh agus Mac na Mara.[1] Thuirt e, a thaobh cleachdadh na Gàidhlig: Ma dh'ath-bheòthaicheas tu do chuid cànain, bidh cothrom nas fhearr agad do choimhearsnachd ath-bheòthachadh.[3]Ged nach do shoirbhich le gach sgeama, bhrosnaich euchdan Iain an sgìre agus mean air mhean, sguir an crìonadh agus chunnacas fàs ùr.[1]

Bha Iain car leam-leat a thaobh Drochaid an Eilein. Bha e gu mòr airson na drochaid an toiseach gus gnìomhachas a bhrosnachadh ach thàinig an dà latha air a bheachd às a dhèidh sin 's e fo dhragh buaidh drochaide air cultar an eilein ach chuir e an caochladh roimhe a-rithist nuair a thòisich leasachadh eaconomach an eilein.[2]

Iain agus a' Ghàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'ionnsaich e a’ Ghàidhlig agus chleachd e a oighreachd agus a gnìomhachasan gus taic a thoirt dhan chànan, a’ toirt a’ chiad chothrom air obrach do dhaoine aig an robh a’ Ghàidhlig. Bhrosnaich e an cànan ann am beatha làitheil cuideachd 's e a' cur air Banca na h-Alba leabhar-sheicichean a thoirt dha ann an Gàidhlig.[3]

Bha Iain agus am bàrd ainmeil Iain MacNeacail, an Sgiobair, 'nan càirdean agus rinn an Sgiobair an t-òran seo dha sna 1980an, a' moladh saothair Iain airson na Gàidhlig:[4]

'S thoir mo bheannachd do dh'Eilean Iarmain,
don dhiùlnach fiachail ud Iain Noble,
thug cuireadh fialaidh dhuinn a chum dìota
gu ceòl is sgeulachd san t-Sabhal Mhòr aige.
Bha sean is òg againn cruinne còmhladh
toirt fuaim air òran 's toirt ceòl air teudan.
Chaidh biadh air bòrd dhuinn dhen h-uile seòrsa;
bha deoch gun stòradh toirt tuilleadh spèird dhuinn.
B' e fhèin an t-àrmann cùl-taic na Gàidhlig;
's e thog an àird i na b' fhearr na mòdan.
Bidh gach oisean sràide le 'n ainm na Gàidhlig
is air gach ceàrnaidh sna ràithdean mòra.
Ceann-iùil ar dùthcha gu robh 'ad diùmbach,
ag ràdh nach b' fhiù leotha bhith 'ga h-oilein.
Nan d' fhuair an dùrachd gun d' readh a mùchadh,
's cha d' readh a h-ionnsachadh dhan an òigridh.
Chuir e colaiste oilein an Eilean Iarmain.
Thig iad o chrìochan na Roinn-Eòrp' ann
's bidh Gàidhlig aosta, 's i air a sgaoileadh
air feadh an t-saoghail, le aont' is òrdugh.
B' e sàr-dhuin' uasal, 's ann dha bu dual sin;
gur ann o uaisle a-nuas a dh'fhàs e.
Bidh cuimhn' le mùirn air gach deireadh ùine
airson an cùram - bha ùidh dhan chànan.
Guma buan thu an Eilean Iarmain;
's e sin a dh'iarradh gach neach dhan eòl' thu.
Cha chualas riamh a's an Eilean Sgiath'ach
fear sheas cho dian riut air thaobh na còrach.


Sabhal Mòr Ostaig[deasaich | deasaich an tùs]

Seann-àrainn Shabhal Mòr Ostaig

'S e Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Ghàidhlig na h-Alba aon dhe na h-iomairtean as ainmeil aig Iain. Chuir e air chois e ann an seann-sabhail air an oighreachd a cheannaich e ann an 1973[3] agus 'na fhaclan fhèin, b' e sin a' chiad eagrachas Gàidhlig on a stèidhich Naomh Colm Cille an Eaglais Cheilteach.

Strì nan soidhnichean[deasaich | deasaich an tùs]

Nuair a bha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh air leasachadh a chur an sàs a thaobh na còmhdhalach air oighreachd, chuir Iain an ìre gum biodh Gàidhlig orra, rud nach robh a' Chomhairle ag iarraidh idir. Thuirt Lord Burton:

"It does become a matter of principle. If it raises itself in Viewfield Road, it might raise itself through out the whole of Skye". [5]

Ach bha Iain gu math làidir a thaobh na Gàidhlig:

"He [Burton] said my attitude was holding up the road and that the cost to the country would rise up to £ 20.000. I told him I was surprised […] to consider such a prize in order to prevent five words of Gaelic appearing in public".[6]

Ach aig a' cheann thall, shoirbhich le Iain agus b' iad sin na ciad soidhnichean rathaid ann an Gàidhlig a chunnacas a-riamh.[3]

Urram[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh iomadh urram a bhuileachadh air 'na bheatha, 'nam measg:

Bàs[deasaich | deasaich an tùs]

Chaochail Iain Noble 25 an Dùbhlachd 2010 air Eilean Iarmain 's e 75 bliadhna a dh'aois.[7] Tha e a' fàgail bean, a' Bhan-ridire Lucilla[1] agus bràthair, Timothy Peter Noble, aig a bheil a' bharantachd a-nis.

Bha luach £4.7 millean air oighreachd Shir Iain nuair a chaochail e, £2.5m dheth ann am fonn agus ann an taigh-òsta Eilean Iarmain agus an corr ann an seilbh eile, leis a' chuid as motha dheth a' dol dha bhean agus suimean beaga do Shabhal Mòr Ostaig agus Urras an Eilein Sgitheanaich.[8]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.00 1.01 1.02 1.03 1.04 1.05 1.06 1.07 1.08 1.09 1.10 Maxwell MacLeod: “Sir Iain Noble; banker landowner and champion of Gaelic”. Ann an: Herald Scotland, 28 dhen Dùbhlachd 2010. Air a thogail 6 dhen Fhaoilleach 2011. 
  2. 2.00 2.01 2.02 2.03 2.04 2.05 2.06 2.07 2.08 2.09 2.10 2.11 2.12 2.13 2.14 2.15 Tam Dalyell: “Sir Iain Noble: Entrepreneur who championed the Gaelic language and culture”. Ann an: The Independent, 31 dhen Dùbhlachd 2010. Air a thogail 6 dhen Fhaoilleach 2011. 
  3. 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 3.5 Phil Davison: “Obituary: Sir Iain Noble, Banker, hotelier, distillery owner and champion of Gaelic culture”. Ann an: The Scotsman, 27 dhen Dùbhlachd 2010. Air a thogail 6 dhen Fhaoilleach 2011. 
  4. McKean, T. Hebridean Songmaker - Iain MacNeacail of the Isle of Skye (1997) Polygon ISBN 0-7486-6214-6
  5. Hutchinson: td.115
  6. Hutchinson: td.117
  7. Banker Sir Iain Noble, champion of Gaelic, Skye and Scotland, dies at 75 The Scotsman, 27 an Dùbhlachd 2010
  8. Merchant banker and Gaelic champion Sir Iain Noble leaves £4.7m”. Ann an: The Daily Record, 6 dhen Iuchar 2011. Air a thogail 7 dhen Iuchar 2011. 

Leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

Roger Hutchinson: A Waxing Moon – The Modern Gaelic Revival. Mainstream Publishing Company, Dùn Èideann 2005. ISBN 1840187948

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]