Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Coltas
Tha Drochaid an Eilein Sgitheanaich aʼ ceangal an Eilein Sgitheanaich ris an tìr mór, aʼ dol eadar na bailtean Caol Loch Aillse agus Caol Acain (no faisg orra co-dhiù), agus a’ dol os cionn an Eilein Bhàin.[1] Tha e ʼna pàirt den rathad A87. Thog Dyckerhoff & Widmann AG, companaidh às a' Ghearmailt, agus Miller Civil Engineering e.[2] Thòisich iad ann an 1992. Chaidh a fosgladh air 16 an Dàmhair 1995, agus bha na cìsean gu math connspaideach gus an deach cur às dhaibh air 21 an Dùbhlachd 2004.