Jump to content

Iain MacNeacail (An Sgiobair)

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Iain MacNeacail)
Iain MacNeacail (An Sgiobair)
Beatha
Breith Siadar, An t-Eilean Sgitheanach, 30 dhen Dàmhair 1903
Dùthaich  Alba
Bàs 17 dhen Chèitean 1999
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, seinneadair, neach-ciùil, bàrd, croitear agus saighdear
Gnè ealain bàrdachd
Inneal-ciùil guth

B' e seinneadair, sgeulaiche agus bàrd a bh' ann an Iain MacNeacail (30 an Dàmhair 1903[1] - 17 an Cèitean 1999[1]) ris an canar An Sgiobair cuideachd.

Rugadh e ann an Siadar[1] anns an Eilean Sgitheanach air 30 an Dàmhair 1903. A rèir iomradh a sgrìobh Catrìona NicGumaraid, cha robh e aig muir riamh ach fhuair e an far-ainm is e a' cosg 'deise seòladair' air a’ chiad latha a chaidh e don sgoil.[2] Thòisich e ri bàrdachd nuair a bha e na dheugaire.[2]

Aig àm an Dàrna Chogaidh, chaidh Iain dha na Royal Scots Fusiliers. B' ann aig Coimisean na Coilltearachd a bha e ag obair an uair sin.[2] Dh'fhuirich e anns a’ Chuidreach faisg air Uige còmhla ri a bhean Màiri leis an ochdnar chloinne a bh' aca.[2]

Chaochail e air 17 an Cèitean 1999.

Clàr-leughaidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Leabhraichean

  • NicGumaraid, Catrìona (deas.). 1980. Òrain Aonghais agus an Sgiobair: Òrain le Aonghas Fleidsear agus Iain MacNeacail (Dundéagh [Dùn Dé]: Catrìona NicGumaraid)
    • Òran Uige
    • A Mhàiri Bhàn, tha thu lurach
    • Tha mi fo thùrs, air bheagan sunnd
    • Òran a' Vheto
    • O Mhàiri, hé Mhàiri
    • Tarbh Oighre
    • Òran a' Cheàird
    • An t-Each Iaruinn
    • Òran an Fhéidh
    • Ho-ro tha mi fo smalan dheth
    • Bidh mi Cuimhneachadh 's ag Ionndrainn
    • Thoir an t-Soraidh so bhuam
    • Òran an Fhraing
    • Òran Mhicrath

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 Bliadhna nan Òran (2015): “Iain MacNeacail (An Sgiobair)(Gàidhlig). Air a thogail 4mh dhen t-Sultain 2017.
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 Fleidsear, Aonghas ⁊ Iain MacNeacail (1980): Òrain Aonghais agus an Sgiobair: Òrain le Aonghas Fleidsear agus Iain MacNeacail. Dundéagh [Dùn Dé]: Catrìona NicGumaraid, td. iii. 

Ceanglaichean a-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]