Leipzig

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Leipzig
Flag of Leipzig.svg Coat of arms of Leipzig.svg
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Fockeberg leipzig.jpg
Suidheachadh
Dùthaich a' Ghearmailt
Ceàrn Sagsainn
Sgìre Leipzig
Co-chomharran 51° 20′ 25.2″ Tuath
12° 22′ 29.1″ Ear.
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 297.36 km²
Àireamh-shluaigh 592.796 (2020)
Dlùths 1.99/km²
Àireamh fòn 0049 341
Duilleag oifigeil www.leipzig.de

'S e Leipzig (Sorbais Uarach: Lipsk) am baile as motha ann an Sagsainn, ann an earra-dheas na Gearmailt. Anns an Ògmhios 2020 bha 592,796 duine a' fuireach ann.[1]

Suidheachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha am baile suidhichte anns an Leipziger Tieflandsbucht, àite gu math rèidh, ann an iar-thuath Shagsainn. 'S e seo na co-chomharran aige: 51° 20′ 25.2″ Tuath agus 12° 22′ 29.1″ Ear.

Tha an abhainn Weiße Elster a' ruith tron bhaile. 'S e am Monarchenhügel (159 m) agus am Fockeberg (153 m) na h-àitichean as àirde anns a' bhaile fhèin, tha a' bheinn Galgenberg (163 m) faisg air a‘ bhaile.

Timcheall air Leipzig tha bailtean mòra eile ann, tha Halle (Saale) mu 30 cilemeatair air falbh san iar-thuath, anns an àirde a deas tha Chemnitz a tha mu 80 cileameatair air falbh agus Gera aig astar 60 cilemeatair. Tha Dresden mu 100 cileameatair san earra-dheas, Erfurt timcheall air 100 cilemeatair san iar-dheas agus Magdeburg mu 100 cilemeatair san iar-thuath.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 900 ri taobh na h-aibhne Parthe mar thuineachadh Slàbhach. Tha a' chiad tùs sgrìobhte a' nochdadh ann an 1015, far an robh Thietmar von Merseburg a' toirt seachad fiosrachadh mu "urbs Libzi" (Baile nan Teilean). Dh' atharraich an t-ainm seo tro na linntean gu Liptzick (1220), Leiptzgk (1402) agus ann an 1507 gu Leipzig.

An t-aros ùr aig Fèill Leipzig

Bhon 12na linn a-mach 's e teas-meadhan malairt cudromach a tha ann an Leipzig. Chaidh an Leipziger Messe (Fèill Leipzig) a chur air bhonn ann an 1190 agus mar sin 's e Leipzig aon dhe na h-àiteachan-fèille as aosta anns an t-saoghal air fad. Air sgàth 's nach robh na seann toglaichean airson na fèille mòr gu leòr, chaidh àros ùr a thogail ann an 1996. Chaidh na seann tallaichean ath-nuadhachadh cuideachd, tha bùthan ann a-nis. An-diugh bidh diofar fhèillean a' tachairt aig amannan eadar-dhealaichte tron bhliadhna, m.e.: fèill ris an canar Auto Mobil International no an Games Convention Online. Tha fèillean eile a' sealltainn nan rudan ùra a tha ceangailte ri taighean, gàirnealachd agus còcaireachd.

Ann an eachdraidh a' bhaile chithear gu bheil ceangal làidir eadar Leipzig agus clò-bhualadh is malairt leabhraichean. Anns an 17mh linn chaidh an Leipziger Buchmesse (Fèill Leabhraichean Leipzig) a stèidheachadh.

Foghlam[deasaich | deasaich an tùs]

'S e an dàrna oilthigh as sine anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Leipzig. Chaidh a stèidheachadh ann an 1409[2]. Mar a b' àbhaist aig an àm ud, bhathar a' teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd ann.

Bhon bhliadhna 1927 bha Werner Heisenberg ag obair mar ollamh aig Oilthigh Leipzig. Bhuannaich e Duais Nobel ann an 1932.

'S e Oilthigh Leipzig an aon oilthigh san t-saoghal aig a bheil Roinn na Sòrbais. Tha i a' tabhainn chùrsaichean ceuma ann an Sòrbais Uachdarach agus Sòrbais Ìochdarach, teagasg tro mheadhan na Sòrbais agus mion-chànanan Eòrpach[3][4]. Ann an 2013/2014 bha 37 oileanaich aig an oilthigh agus rinn an stàid Sagsainn cinnteach gum faigh gach oileanach obair mar thidsear ma bhios e soirbheachail aig an oilthigh.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Tha mòran daoine ainmeil à Leipzig. Rugadh Richard Wagner an seo ann an 1813, neach-ciùil a tha cliùiteach airson nan oparan aige. Rugadh Karl Liebknecht ann an Leipzig ann an 1871.

Chuir Johann Sebastian Bach, Felix Mendelssohn Bartholdy agus Friedrich Nietzsche pàirt dhen bheatha aca seachad ann an Leipzig.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. www.statistik.sachsen.de
  2. Universität Leipzig.
  3. Institut für Sorabistik: Aufgaben und Profil.
  4. Institut für Sorabistik: B. A. Europäische Minderheitensprachen.
  5. Stadt Frankfurt am Main
  6. Stadt Hannover
  7. Riaghaltas Iosrael
  8. SisterCities
  9. Urząd Miasta Krakowa
  10. Ville de Lyon

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: