Hànobhar

O Uicipeid
Hànobhar
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Hànobhar
Sgìre Sagsainn Iosail
Co-chomharran 52° 22 28' Tuath
09° 44′ 19 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 204.14 km²
Àireamh-shluaigh 519,619 (2007)
Dlùths 2,545.41/km²
Àireamh fòn +49 0511
Duilleag oifigeil http://www.hannover.de

‘S e baile mòr air an àirde an iar na Gearmailte a th’ ann am Hànobhar (Gearmailtis: Hannover, IPA: 'ha'no:fɐ, Laideann: Hannovra). Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1150 is fhuair e a chuid chòirichean ann an 1202 agus tha an t-ainm a’ ciallachadh àrd bruaich. Tha e suidhichte aig 55m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Leine, anns an stàit Sagsainn Iosail agus ‘ e prìomh-bhaile na stàite a th’ann cuideachd. Tha am baile 249km air falbh bho Bherlin, 240km bho Düsseldorf agus 132km bho Hamburg.[1] Chaidh Oilthigh Leibnitz Hànobhar a stèidheachadh dìreach ann an 1831.[2] Tha 519,619 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile, leis gur e an 11mh baile as motha na dùthcha.[3]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Hànobhar a chlàradh airson a’ chiad turas ann an sgrìobhainn bho 1150. ‘S e dìreach baile beag iasgach suidhichte air àrdan os cionn na h-aibhne Leine a bh’ann (dh’fhaodamaid ann t-seann ainm Honovere (Hohes Ufer), a chur sa Ghàidhlig mar "bhruich àrd"). Ann an 1241, thug an Diùc Otto à Hànobhar neo-eisimeileachd dhan bhaile.[4] Tha dà achd ann is iad a’ dearbhadh na còirichean sin, air an stèidheachadh seann laghan coitcheann a’ bhaile. Bha slighe aibneach chudromach an seo aig an àm ud leis gun tigeadh dà sheann shlighe mhòr dìreach an seo. Dh’fhàsadh an clachan air sgàth sin is ‘s e baile marsanta le margaidh a bh’ann Hànobhar aig deireadh na meadhan-aoisean is fiù’s fhuair e còirichean sònraichte. Chaidh am baile a reic dha na Welf, is iad a’ fuireach an seo anns an 17mh Linn co-dhiù.[5]

Dh’fhàs am baile na bu bheartaiche ann an àite goirid is fiù’s fhuair e ballrachd na Lìog Hansa ann an 1368.[6] Chaidh na h-eaglaisean as motha an Hànobhar a thogail fad an 14mh Linn. Aig an aon àm thogadh mùr làidir dìona mu thimcheall a’ bhaile. Tha pìos neo dhà bhuaithe air fhàgail ann an corra àite, mar eisimpleir An Tùr Béguinage agus aig an Taigh-tasgaidh.

Bha dleastanas poiliteagach uabhasach cudromach aig ìre eadar-nàiseanta aig Hànobhar bhon 17mh Linn: ann an 1714, ghabh mac an Rìgh de Ernst-August thairis cathair-rìgh na Breatainn Mòire mar Rìgh Seòras I tro phòsadh; fhuair Hànobhar deagh chliù air sàilleabh an aonaidh phearsanta seo eadar dà theaghlach rìoghail.[7] Ghabh an Cath Hastenbeck àite ri linn Cogadh na Naoi Bliadhna, ann an 1757.[8] Chuir Arm na Frainge ruaig air Feachdan Hànobhar is ghabh iad thairis am baile. Ann an 1803, ri linn cogaidhean Ar-a-mach na Frainge, bha mu 25,000 saighdearan frangach anns a’ bhaile.[9] ho 1807 gu ruige 1813 bha i na pàirt Rìoghachd Westphalen.

‘S e rìoghachd neo-eisimeileach fo Rìghrean Hànobhar fhèin, a bh’ann Hànobhar gus a dh’aonadh e leis A’ Phrùis ann an 1866.[10] Bha na daoine ann an Hànobhar an aghaidh Riaghaltas na Prùise.[11] Aig an aon àm, thòisich leasachadh mòr ann an Hànobhar. Fiù’s thogadh baile ùr eadar an stèisean is an t-seann bhaile agus thachairt fàs mòr anns a’ ghnìomhachas an dèidh Aonadh na Gearmailte ann an 1871.

Thug saighdearan na 84mh rèisimeid coise às na Stàitean Aonaichte Hànobhar thairis, gun sabaid sam bith, air an 10mh latha dhen Ghiblean 1945, is chuir sin crìoch air a’ chogadh anns a’ bhaile seo.[12] Thug an cogadh buaidh mhòr air a’ bhaile. Chaidh meadhan a’ bhaile a mhilleadh gu lèir leis na h-ionnsaighean boma. Ann an 1945, bha faisg air 2/3 na toglaichean air an leigeil nan tobhtaichean neo ann an droch stàit air sàilleabh na h-ionnsaighean boma.[13] Bha mòran de dhaoine gun dachaigh. Bhìte a’ sgioblachadh is a’ togail a’ bhaile a-rithist gu luath an dèidh a’ chogaidh.

‘S e baile torach nàdarra ann an nòs ùr a th’ann Hànobhar an latha an-diugh.[14] Tha iomadach àite cultarail ann, a bharrachd air deagh bhùithtean is tachartasan sònraichte aig ìre nàiseanta mar na fèiltean is na fèisean Schützenfest: ‘s e fèis bhliadhnail do clubaichean boghadaireachd na roinne a th’ann.[15] Tha Fèis an locha Machsee ainmeil cuideachd.

Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Distance Calculator
  2. Oilthigh Leibnitz Hànobhar
  3. Bailtean na Cruinne
  4. World 66
  5. Welfen
  6. Dr Johannes Falke(1863). Die Hansa als deutsche See- und Handelsmacht
  7. Alison Weir:Britain's Royal Families: The Complete Genealogy, Revised edition. Random House
  8. Sam MustafaTeamplaid:Fix/category[dead link]
  9. JstorTeamplaid:Fix/category[dead link]
  10. JstorTeamplaid:Fix/category[dead link]
  11. The Routledge companion to European history since 1763, Chris Cook, John Stevenson, ISNB 0415345839
  12. US Holocaust Museum
  13. Nicola Lambourne: War Damage in Western Europe: The Destruction of Historic Monuments During the Second World War, Edinburgh University Press 2001, ISBN 0-7486-1285-8
  14. World Guides
  15. Germany Tourism
  16. SisterCities
  17. Riaghaltas Iosrael
  18. Stadt Leipzig
  19. Annuaire de France
  20. Annuaire de France

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]