Poznań

O Uicipeid
Poznań
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich A' Phòlainn
Ceàrn Saor-bhaile Phoznań
Sgìre Wielkopolska
Co-chomharran 52° 24′ 00 Tuath
16° 55′ 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 261.91 km²
Àireamh-shluaigh 545,680 (2014)
Dlùths 2,083.46/km²
Àireamh fòn (+ 48) 61
Duilleag oifigeil http://www.poznan.pl/

‘S e baile mòr cudromach air an àirde an iar na Pòlainn a th’ ann Poznań (IPA: 'pɔznaɲ, Gearmailtis: Pozen, Ruiseis Познань, Iùdais: פּױזן neo Poyzn, Laideann: Posnania). ‘S ann às a’ ghnìomhair poznać ('aithneachadh') ann am Pòlais a tha an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1253. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Warta, a shìos bho dheas gu tuath, tron srath Warta, aig 50m os cionn ìre na mara.[1] Tha 551,627 dhe dhaoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[2] Tha Poznań 51km air falbh bho Lublin, 245km bho Kraków, 394km bho Gdańsk agus 110km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] A bharrachd air sin, ‘s e an 6mh baile as motha na dùthcha a th’ann.[4]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e fear dhe na bailtean as shine na dùthcha agus prìomh-bhaile roinn na Pòlainn Mhòir (Pòlais: Województwo wielkopolskie) a th’ann am Poznań. A bharrachd air sin, ‘s e àite uabhasach cudromach taobh eachdraidh. Tha seanachaidh neo dithis a’ cumail a’ dol gur e prìomh-bhaile na dùthcha fhèin anns an 10mh Linn a bh’ann, agus ri linn riaghaltas an treubh Knyaz agus na h-uachdaran Piast.[5] Thathar a’ cleachdadh an t-ainm Poznania ann an Pòlais airson na sgìre a tha fo bhuaidh Phoznań, air an àirde an iar-mheadhan Wielkopolska. Tha e coltach gun do thachairt baisteadh samhlach nam Pòlach uile gu lèir an seo, nuair a thionndaich am prionnsa Mieszko I gu bhith na Chrìosdaidh. Thathar dhen gun robh a’ chiad Easbaig na Pòlainn, Jordan, na tàmh ann am Poznań ann an 968,[6] air an Eilean far a bheil a’ chiad chathair-eaglais an latha an-diugh.

Chaidh am baile a chlàradh anns an asgair a sgrìobh Thietmar à Merseburg eadar 1012 agus 1018.[7] Nochd episcopus Posnaniensis ann an sgrìobhainn eile ann an 970 agus ab urbe Posnani ann an 1005. Nochd ainm a’ bhaile anns an tuiseal ainmeach mar Posnania ann an 1236 agus Poznania ann an 1247. Nochd am foirm Poznan mu dheireadh thall ann an 1146 agus 1244.[8]

‘S e prìomh-bhaile Wielkopolska a bh’ann am Poznań gu ruige 1793 nuair a ghabh A’ Phruis thairis am baile aig àm Dàrna Roinneadh na Pòlainn, is chaidh ainm na sgìre atharrachadh gu Deas na Pruise (Gearmailtis: Südpreussen).[9] Ann an 1797 chaidh crìochan a’ bhaile a leudachadh gus na bailtean beagan taobh a-muigh mùran a’ bhaile fhèin a ghabhail a-staigh, agus ann an 1800 chaidh an t-eilean Ostrów Tumski a thoirt na bhroinn (còmhla ri Chwaliszewo air an taobh thall) a bharrachd air àiteachan eile air bruaich dheas na h-aibhne Warta, Śródka agus bailtean beaga eile mar Ostrówek agus Łacina).[10]

Ri linn Ar-a-mach na Pòlainn Mhòir ann an 1806 chuidich saighdearan agus sìobhaltaich saor-thoileach Pòlach na feachdan aig Napoléon gus ruaig a chur air saighdearan na Pruise. Chaidh am baile a thoirt a-staigh na Diùcachd Warsaw ann an 1807 mar phrìomh-bhaile na Sgìreachd Phoznań.[11] A dh’aindeoin sin, an dèidh Co-labhairt Vienna, chaidh Wielkopolska a thoirt air ais gus A’ Phruise agus le sin bha Poznań na phrìomh-bhaile Àrd-Dhiucachd Gran Phosen (Gearmailtis: Großherzogtum Posen).[12] Bha e na phrìomh-bhaile na Roinne Pruisianach Phosen an dèidh Ar-a-mach 1848 is baile Gearmailteach an dèidh Aonadh na Gearmailte ann an 1871.

Shaoraich Ar-a-mach na Wielkopolska, an aghaidh na Gearmailte, am baile is an roinn ann an 19181919 is na Gearmailtich dìreach air a’ Chogadh Mhòr a chall.[13] ‘S e phrìomh-bhaile na Roinne Phoznań a bh’ann. Chaidh Oilthigh Phoznań a stèidheachadh ann an 1919, neo Oilthigh Adam Mickiewicz mar a chanar an latha an-diugh.[14] Bha muinntir na Pòlainn fo bhuaidh chruaidh dhoirbh nan Nàsach fad an Dàrna Cogadh is fhuair iad droch làimhseachadh bhuapa. Ann an 1945, ghairm Adolf Hitler gur e daingneach (Gearmailtis: Festung) a bh’ann Poznań far am biodh na Gearmailtich a dheànamh sabaid deireannach an aghaidh nan Ruisianach.[15] Chuairtich An t-Arm Dearg am baile is an uair sin thug iad ionnsaigh air gàrraidhean-bacaidh nan Gearmailteach anns a’ Chath Phoznań, air sàilleabh gu robh e dìreach air an t-slighe eadar Warsaw agus Berlin, is chrìochnaich an gnothach le ionnsaighean air an daingneach, is chaidh droch sgrios is mhilleadh a dhèanamh air a’ bhaile. Bho dheireadh an Dàrna Cogaidh, tha Poznań air a bhith na phrìomh-bhaile na sgìre mu thimcheall, a dh’aindeoin atharrachaidhean crìochan na comhairle ann an 1957, 1975 agus 1999. Le sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Wielkopolska, tè dhe 16 anns A’ Phòlainn, a th’ann am Poznań an latha an-diugh.

Thog na luchd-obrach fianais anns a’ bhaile le sabaidean an aghaidh na feachd armachd bho 28mh gu 29mh An t-Ògmhios 1956, ri linn Ar-a-mach Phoznán 1956 (Pòlais: Poznanski Czerwiec), fear dhe na tachartasan na bu chudromaiche ann an eachdraidh na dùthcha anns an dàrna leth na 20mh Linne.[16]

Cruinn-Eòlaos[deasaich | deasaich an tùs]

‘S e Loch Kiekrz (Pòlais: Jezioro Kierskie), air an àirde an iar-thuath a’ bhaile, a th’ann an loch as motha san sgìre.[17] Tha lochan mòra eile ann, mar eisimpleir Loch Malta, seòrsa dhe dàm chruthachadh air an abhainn Cybina ann an 1952, Loch Strzeszyn air an abhainn Bogdanka, agus Loch Rusałka, dàm eile air an abhainn Bogdanka cuideachd, a chaidh a thogail ann an 1943.[18] Thathar gan cleachdadh an dà loch seo airson snàmh agus Loch Kiekrz airson luingearachd is ràmhach.

Eòlas-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha àireamh-sluaigh a' bhaile air a bhith a' fàs suas beag air bheag bho thoiseach an 20mh linn, ged an do thuit e aig deireadh an Dàrna Cogaidh air sgàth gun do chuir na Ruiseanaich ruaig air Arm na Gearmailte, theich na daoine is chaidh am baile a thoirt dhan a' Phòlain.[19] Tha am baile air a bhith a' fàs nas motha agus 's e an 5mh baile na dùthcha a th'ann an latha an-diugh. A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na roinne Wielkopolska a th’ann cuideachd.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Gallery[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mongabay
  2. Riaghaltas na Pòlainn
  3. Global Feed Distance Calculator
  4. Bailtean na cruinneTeamplaid:Fix/category[dead link]
  5. Histmag Polska
  6. Polskie Dzieje
  7. Chronicon Thietmari Merseburgensis
  8. Dziedzictwo PolskaTeamplaid:Fix/category[dead link]
  9. Don Howard
  10. Centrum Historii Ostrowa Tumskiego
  11. Study in Poland
  12. Polen Didaktik
  13. Antoni Czubiński, Rola Powstania Wielkopolskiego w walce narodu polskiego o powstrzymanie niemieckiego >parcia na wschód<, Przegląd Zachodni 1968, nr 5-6
  14. Uniwersytet Adam Mickiewicz
  15. Festung Posen: "Bastion an der Wache": Journals from a Fortress, Fredrik Nilsson, Leandoer and Ekholm, 2011, ISBN 9185657964
  16. Poznan Life
  17. Wedkuje
  18. Wedkuje
  19. Zentrale für Unterrechtsmedien
  20. Gemeente Assen
  21. Brno
  22. Chàrcobh
  23. Győr Város
  24. Stadt Hannover
  25. Jyväskylä
  26. Fiosrachadh aig a’ Chomhairle Phosnan
  27. Medina Nablus
  28. Ayuntamiento de Pozuelo de Alarcón
  29. Ra’anana
  30. Ville de rennes
  31. Nottinghamshire County Council
  32. Shenzhen
  33. City of Todedo