A' Phruis
A' Phruis | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1525 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1947 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Königsberg (ro 1701 agus Berlin bho 1701) | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis | |||||||
Farsaingeachd | 141.1 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 41,915,040 (1939) | |||||||
Dlùths | 297,059.11/km2 |
B' e a' Phruis (Gearmailtis: Preußen; Laideann: Borussia, Prutenia; Làitbhianis: Prūsija; Liotuànais: Prūsija; Pòlais: Prusy; Seann Phruisis: Prūsa) stàit neo-eisimeileachd ann am meadhan na Roinn Eòrpa far a bheil a' Phòlainn, a’ Ghearmailt agus Kalingrad, sgìre Ruiseanach ri taobh na Mara Bhaltaich an latha an-diugh. Bha a' mhòr-chuid de dh'fhearann na Pruise suidhichte eadar na h-aibhnichean Vistula agus Nemen.[1]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Thug a' Phruis thairis Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotàinia fad an 18mh Linn, ann an co-bhann leis An Ostair agus An Ruis. Dh’fhàs a’ Phruis na bu chumhachdaiche is na bu chumhachdaiche[2] beag air bheag aig ìre na Roinn Eòrpa ro 1871 nuair a chaidh A’ Ghearmailt a stèidheachadh mar aon dùthaich.[3] ‘S e Königsberg a bh' ann a' chiad phrìomh-bhaile na Pruise, ach thaghadh Berlin mar phrìomh-bhaile ùr ann an 1701, o chionn 's gu robh e dìreach ann an meadhan na dùthcha. A bharrachd air sin, 's e a’ Phruis an dùthaich a fhuair an adhartas teicneòlais na bu motha anns an Roinn Eòrpa fad an 19mh linn.[4] B’ e dùthaich neo-eisimeileachd a bh' anns a’ Phruis bhon 17mh linn gu ruige 1871 nuair a ghabh Rìgh na Pruise thairis A’ Ghearmailt air fad, an dèidh buaidh a thoirt air An Danmhairg ann an Dàrna Cogadh Schlwesig ann an 1864 agus rinn iad a' chùis an aghaidh na h-Ostair ann an 1866 agus mu dheireadh thall chuir ruaig a chur air na Frangaich anns a’ Chogadh Frangach-Pruisianach ann an 1870 agus 1871.[5] Bha prìomh mhinistear na Pruise, Otto von Bismarck an sàs anns an iomairt gus A’ Ghearmailt a chur ris a chèile fo stiùireadh na Pruise airson Dàrna Reich (Gàidhlig: Rìoghachd) nan Gearmailteach a stèidheachadh is bha e na phrìomhair na Gearmailte an dèidh sin cuideachd.[6] Le sin, chaidh a’ Phruis à bith mar stàit ann an 1871, ged an do lean e gu ruige 1947 mar roinn.[7] Ann an 1853 chuir Riaghaltasan na Pruise agus na Diùcachd Oldenburg ainmean gu Còrdadh Jade (Gearmailtis: Jade-Vertrag),[8] a thug 3.13km² dhe talamh ri taobh Bàgh Jade dhan Phruis, far a bheil Wilhelmshaven an-diugh.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Encyclopédie Larousse
- ↑ Global Security
- ↑ Tacitus Historical Atlases
- ↑ New Advent
- ↑ La Guia
- ↑ Biografías y Vidas
- ↑ Tacitus Historical Atlases
- ↑ NWZ Online