A' Phòlainn
Rzeczpospolita Polska Poblachd na Pòlainn | |
---|---|
![]() Bratach |
![]() Gearradh-arm |
Laoidh Nàiseanta | |
Mazurek Dąbrowskiego (Polais) Mazurka aig Dąbrowski | |
Cànan(an) oifigeil | Pòlais |
Prìomh-bhaile | Warsaw |
Baile as motha | Warsaw |
Riaghaltas | Poblachd phàrlamaideach |
Ceann-suidhe | Andrzej Duda |
Prìomh Mhinistear | Mateusz Morawiecki |
Stèidheachadh | |
Stèidheachadh | 14 Giblean 966 |
Dàrna Poblachd na Pòlainn | 11 Samhain 1918 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 312,696[1][2] km² (70mh) |
Uisge | 3.07 % |
LTD/CCC (2007) | |
Iomlan | $631.8 billean (24mh) |
gach pearsa | $20,487 (52mh) |
Roinn tìde | CET (UTC+1) |
as t-samhradh | CEST (UTC+2) |
Ruith-airgid | Złoty (PLN) = 100 groszy |
Prìomh àrainn-lìn | .pl |
Còd Àireamh fòn | +48 |
'S e dùthaich Eòrpach a th' anns a' Phòlainn[3][4][5][6][7] no a’ Phólainn[8][9] no Póland.[10] Tha i suidhichte ann am meadhan na Roinn-Eòrpa. Tha crìochan aice leis a' Ghearmailt, a' Bhealaruis, Poblachd na Seice, Ucràin agus le Slobhaigia. Gu h-eachdraidheil agus a rèir cultair is creidimh b' e pàirt den Roinn Eòrpa an Iar a bh' anns a' Phòlainn ach san latha an-diugh bidh i gu tric air a cur am measg nan dùthchannan eile a bha fo smachd a' Chomannachais mar phàirt den Roinn Eòrpa an Ear.
Cleachdar Bealaruisis, Silèisis, cànan Cassubian/Caisiubais, Gearmailtis agus Ucràinis cuideachd ged nach eil iad nan cànanan oifigeil.
'S e Oilthigh Jagiellonian an dàrna oilthigh as sine ann am meadhan na h-Eòrpa. Chaidh a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1364, mar sin tha e am measg nan oilthighean as aosmhoire san t-saoghal.
Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]
- 960 - Freumhan miotasach nam Piast.
- 1205–1385 - A' chiad Rìoghachd na Pòlainn eachdraidheil, fo na Piast.
- 1385–1569 - An dàrna Rìoghachd na Pòlainn fo shliochd Jogaila.
- 1569–1795 - Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia.
Bhuineadh A' Phòlainn dhan Cho-aonta Warszawa eadar 1955 agus 1990. Air 12 am Màrt 1999 ghabh an dùthaich ri NATO.[11]
Daoine ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]
- Frédéric Chopin
- Marie Curie
- Jarosław Dąbrowski
- Jogaila
- Czesław Miłosz, Sgrìobhadair
- Lech Kaczyński, Ceann-suidhe na Pòlainn a chaochail ann an tubaist adhair
- Henryk Sienkiewicz
- Wisława Szymborska, Sgrìobhadair.
- Lech Wałęsa
Bailtean mòra[deasaich | deasaich an tùs]
Seo liosta deich bailtean as motha na dùthcha:[12]
Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Główny Urząd Statystyczny, dane za rok 2018, stan na 01.01.2018. [1]
- ↑ Bankier.pl, Powierzchnia Polski wzrosła o 1643 ha [2]
- ↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- ↑ Brigh nam Facal, Faclair Ur don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Am Faclair Gàidhlig - Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ Dùthchannan ag SMO
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ (1999): An Tuil: Anthology of 20th-century Scottish Gaelic Verse, td. 255, 263.
- ↑ NATO
- ↑ Àireamhan-sluaigh bailtean Pòlanach