Jump to content

Frombork

O Uicipeid
Frombork
Bratach a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich A' Phòlainn
Ceàrn Braniewski
Sgìre warmińsko-mazurskie
Co-chomharran 54° 21 00' Tuath
19° 41' 00 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 7.59 km²
Àireamh-shluaigh 2,467 (2014)
Dlùths 325.03/km²
Àireamh fòn +48 55
Duilleag oifigeil http://www.formbork.pl/

'S e baile beag ann an ceann a tuath na Pòlainn a tha ann an Frombork (IPA: ˈfrɔmbɔrk, Gearmailtis: Frauenburg, Latbhais: Fromborka, Laideann: Frauemburgum). Tha e suidhichte aig 28m os cionn ìre na mara,[1] dìreach ri taobh an Lagùn Vistula, na h-aibhne Vistula agus Am Muir Baltach[2] anns an sgìre (Pòlais: Powiat) Braniewski, anns an roinn (Pòlais: Województwo) Warmińsko-mazurskie. Ann an 2010 bha 2,425 duine a' fuireach ann.[3] Tha Frombork 396km air falbh bho Lublin, 303km bho Kraków, 66km bho Gdańsk agus 250km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] Chaidh Fromborg a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 1278, ann an sgrìobhainn eaglaiseil agus fhuair e a chuid chòirichean ann an 1310.[5] Chaochail an Reul-eòlaiche Nicolaus Copernicus an seo ann an 1543.[6]

Chan eil sinn idir cinnteach fhathast nan nochdadh Frombork na àite seann chlachan nam Pruiseanach, a bhiodh ri taobh an Lagùn Vistula o shean. Nochd an caisteal Frauenburg airson a’ chiad turas mar chathair ùr na h-Easbaigeachd Ermeland, ann an 1282, [7] an dèidh gun do mhilleadh manachd ann am Braniewo, ri linn ar-a-mach nam Pruiseanach fad na 1270an. A-rèir seann mhìosachan nan chlèireach à Frauenburg, chuimhnich iad fear air an robh Heinricus de Castro far-ainm Pasloci (bho Sheann-Phruisis passis lukis = Sgìre ar Tighearna, neo Pasłęk anns an dòigh-labhairt Phòlais) agus a bhean[8] Gertrude Paslocisse, ann an 1393.

Bheir na sgrìobhainnean guth air an ainm Laideann Castrum Dominæ Nostræ (Caisteal ar Bhaintighearna), do Mhoire, freumh an ainm-àite Frauenburg ann an Gearmailtis, bho frau (boireannach) agus burg (Daingneach), neo Frombork anns an dòigh-labhairt Phòlais. Ach nochdaidh an dùn fon ainm Warmia ann an caochladh sgrìobhainn Laideann, a bharrachd air Ermeland, leis gu robh cathair-eaglais am broinn a’ chaisteil cuideachd. Mean air mhean nochd clachan aig bun a’ chaisteil, is fhuair e còirichean mar bhaile ann an 1310 bhon Easbaig Eberhard von Neisse,[9] air a mhisneachadh leis na Laghan Lübeck. Dh’fhuirich Frombork suarach tàireil taobh an eaconomaidh an coimeas ris a’ bhaile chumhachdail Hansa Braniewo, a tha faisg air làimhe, is e a-riamh ri cùlaibh Warmia, far an robh na h-Easbaigean.

Thug Rìoghachd na Pòlainn thairis Easbaigeachd Warmia, is Frombork na broinn, tro Chòrdadh Thorun, ann an 1466.[10] Ann an 1520 chaidh 89% a’ bhaile a mhilleadh leis na feachdan aig Albert de Brandebourg-Hohenzollern, an ceannard (is an 37mh fear) mu dheireadh na Buidhne Teutonach, ri linn a’ chogaidh aige an aghaidh na Pòlainn.[11] B’ fheudar do Nicolaus Copernicus, a bha na chlèireach ann an Warmia, theiche gu Olsztyn. Chuir Copernicus ùine mhòr seachad is e a’ dìon is ag ath-thogail na h-Easbaigeachd.[12] Chaochail esan ann am Frombork ann an 1543. Tha pràis-chuimhne dha am broinn na h-eaglaise air a sgrìobhadh ann an Laideann: Astronomo celeberrimo, cujus nomen et gloria utrumque implevit orbem.[13]

Thug an t-Arm Dearg ionnsaigh le plèanaichean cogaidh air Frombork air an 9mh An Gearran 1945, is chaidh 80% a’ bhaile air a mhilleadh.[14] Falamh is gun daoine, chaill an t-seann bhaile sin ann am Prùis-an-Ear inbhe dhe baile, is cha d’ fhuair sin air ais mu 1959. Ach cha do thoisich obair-càraidh gu ruige 1966, le taic bho tochaillichean òga (Pòlais: Harcerstwo Polskie) às a’ Phòlainn.[15]

Ann an 2001 thog ùghdarrasan na Pòlainn càrn-cuimhne ri taobh an Lagùn Vistula, do na Sìobhaltaich a dh’fhulaing nuair a b’ fheudar dhuibh am baile fhàgail ann an 1945 is an t-Arm Dearg a’ dèanamh air Frombork.[16] Bheannaich Àrd-easbaig Warmia, an t-Ollamh Edmund Piszcz,[17] pràis-chuimhneachaidh air a sgrìobhadh an dà chuid ann am Pòlais is ann an Gearmailtis.

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mongabay
  2. Zalew Wiślany Za
  3. Główny Urząd Statystyczny
  4. Global Feed Distance Calculator
  5. Castles of Poland
  6. BBC
  7. Urlaubsland Polen
  8. Codex Diplomaticus Warmensis[dead link]
  9. Gutenberg
  10. Zamki Polskie
  11. Weitwanderwege-Beschreibungen
  12. Frombork Republika
  13. Gutenberg
  14. Masuren
  15. Restauracja Akcent
  16. Frombork Republika
  17. Catholic Hierarchy
  18. Kazlų Rūda
  19. Sucha Beskidzka
  20. Калининградская область
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: