An Roinn-Eòrpa

O Uicipeid
Dealbh-dùthcha a' nochdadh an Roinn-Eòrpa
Stàitean
Cànanach
Roinnean
Eòrpa 1000 AC

Is mòr-thìr an Roinn-Eòrpa, aon de na seachd tìrean mòra, agus e na pàirt Siar de Euràisia. Tha i air a dealachadh bho Àisia le crìoch thraidiseanta a tha air a cumadh leis na Beanntan Uralach 'san Ruis, am Bosphorus 'san Tuirc agus bho Afraga leis a' Mhuir Meadhanach. Tha an an Cuan Siar air taobh an Iar na Roinn-Eòrpa. Tha mu leth-cheud dhùthaich 'san Roinn-Eòrpa.

Bunachas[deasaich | deasaich an tùs]

Anns an Eòlas-sgeulachd na Greug, bha Europa 'na ban-phrionnsa Fhèniseach a bha air a goid air falbh le Zeus, agus e ann an dreach tarbh, 's gun tug e do dh'eilean Chrèat i, far an do rug i Minos.

Stàitean agus Dùthchannan na Roinn-Eòrpa

Stàitean agus Dùthchannan[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil stàitean na Roinn-Eòrpa ceangailte ri chèile le cruinn-eòlas a-mhàin: dh'fhàs iad gu bhith ceangailte ann eachdraidh cuideachd, a bharrachd air ceanglaichean eile tha ann, m.e.: cultar, gniomhachas, poileataigs, lagha.

Is e seo liosta nan stàitean agus dùthchannan na Roinn-Eòrpa a chleachdar aig na Dùthchannan Aonaichte. Ach tha liostaichean eile ann. Mar sin s' urrainn do na stàitean neo na h-àireamhan a bhith eadar-dhealaichte.

Ainm dùthcha[1] Ainm-duibhearach Farsaingeachd
(km²)
Àireamh-shluaigh
(1 an t-Iuchar, 2002 est.)
Prìomh-bhaile
Roinn Eòrpa an Ear:
Flag of Belarus.svg A' Bhealaruis Беларусь 207,600 10,335,382 Minsk
Flag of Bulgaria.svg Bulgàiria България 110,910 7,322,858 Sofia
Flag of Moldova.svg Moldàibhia[2] Moldova 33,843 4,320,490 Chişinău
Flag of Poland.svg A' Phòlainn Polska 312,685 38,518,241 Warsaw
Flag of Romania.svg Ròmainia România 238,391 22,276,056 Bucharest
Flag of Russia.svg An Ruis [3] Россия 3,960,000 106,037,143 Mosgo
Flag of the Czech Republic.svg An t-Seic Česká republika 78,866 10,228,744 Pràg
Flag of Slovakia.svg An t-Slòbhac Slovensko 48,845 5,447,502 Bratislava
Flag of Ukraine.svg An Ùcrain Україна 603,700 46,299,862 Kyiv
Flag of Hungary.svg An Ungair Magyarország 93,030 9,956,108 Budapest
Roinn-Eòrpa a Tuath:
Flag of Åland.svg Na h-Eileanan Àland (Suòmaidh) Åland 1,552 26,008 Mariehamn
Flag of Denmark.svg An Danmhairg Danmark 43,094 5,368,854 Copenhagen
Flag of Estonia.svg Eastòinia Eesti 45,226 1,415,681 Tallinn
Flag of the Isle of Mann.svg Eilean Mhanainn [4] Ellan Vannin 572 73,873 Doolish
Flag of the Faroe Islands.svg Na h-Eileanan Fàro (An Danmhairg) Føroyar 1,399 46,011 Tórshavn
Flag of Ireland.svg Poblachd na h-Èireann Éire 70,280 4,234,925 Baile Átha Cliath
Flag of Guernsey.svg Geàrnsaidh [5] Bailiwick of Guernsey 78 64,587 St Peter Port
Flag of Iceland.svg Innis Tìle Ísland 103,000 307,261 Reykjavík
Flag of Jersey.svg Deàrsaidh [6] Bailiwick of Jersey 116 89,775 Saint Helier
Flag of Latvia.svg An Laitbhe Latvija 64,589 2,366,515 Riga
Flag of Lithuania.svg Liotuàinia Lietuva 65,200 3,601,138 Vilnius
Flag of Norway.svg Nirribhidh Norge 324,220 4,525,116 Oslo
Flag of the United Kingdom (3-5).svg An Rìoghachd Aonaichte United Kingdom 244,820 59,201,000 Lunnainn
Flag of Finland.svg Suòmaidh Suomi 336,593 5,157,537 Helsinki
Flag of Sweden.svg An t-Suain Sverige 449,964 9,090,113 Stockholm
Flag of Norway.svg Svalbard is Jan Mayen (Nirribhidh) Svalbard og Jan Mayen 62,049 2,868 Longyearbyen
Roinn Eòrpa a Deas:
Flag of Albania.svg Albàinia Shqipëria 28,748 3,600,523 Tirana
Flag of Andorra.svg Andorra Andorra 468 68,403 Andorra la Vella
Flag of Bosnia and Herzegovina.svg Bosna agus Heartsagobhana Босна и Херцеговина 51,129 4,552,198 Sarajevo
Flag of the Vatican City.svg Cathair na Bhatacain Città del Vaticano 0.44 900 Vatican City
Flag of Croatia.svg Croàisia Hrvatska 56,542 4,493,312 Zagreb
Flag of Italy.svg An Eadailt Italia 301,230 58,147,733 An Ròimh
Flag of Greece.svg A' Ghrèig Ελλάς 131,940 10,706,290 An Àithne
Flag of Gibraltar.svg Giobraltair (An Rìoghachd Aonaichte) Gibraltar 5.9 27,714 Gibraltar
Flag of Malta.svg Malta Malta 316 397,499 Valletta
Flag of North Macedonia.svg Masadoinia Македонија 25,333 2,055,915 Skopje
Flag of Montenegro.svg Am Monadh Neagrach [7] Црна Гора 13,812 684,736 Podgorica
Flag of Portugal.svg A' Phortagail [8] Portugal 91,568 10,084,245 Lisbon
Flag of San Marino.svg San Marino San Marino 61 27,730 San Marino
Flag of Serbia.svg An t-Sèirb [9] Србија 88,361 10,147,398 Belgrade
Flag of Slovenia.svg Sloibhìnia Slovenija 20,273 2,009,245 Ljubljana
Flag of Spain.svg An Spàinn [10] España 498,506 40,077,100 Madrid
Roinn Eòrpa an Iar:
Flag of Belgium.svg A' Bheilg België 30,510 10,274,595 A' Bhruiseal
Flag of Switzerland.svg An Eilbheis Schweiz 41,290 7,301,994 Bern
Flag of France.svg An Fhraing [11] France 547,030 59,765,983 Paris
Flag of Germany.svg A' Ghearmailt Deutschland 357,021 83,251,851 Berlin
Flag of Liechtenstein.svg Liechtenstein Liechtenstein 160 32,842 Vaduz
Flag of Luxembourg.svg Lucsamburg Lëtzebuerg 2,586 448,569 Lucsamburg (baile)
Flag of Monaco.svg Monaco Monaco 1.95 31,987 Monaco
Flag of Austria.svg An Ostair Österreich 83,858 8,169,929 Vienna
Flag of the Netherlands.svg Na Tìrean Ìsle[12] Nederland 41,526 16,318,199 Amsterdam
Meadhan Àisia:
Flag of Kazakhstan.svg Casachstàn[13] Қазақстан 150,000 600,000 Nursultan
Àisia an Iar:
Flag of Azerbaijan.svg Asarbaidean[14] Azərbaycan 39,730 4,198,491 Baku
Flag of Georgia.svg A' Chairtbheil[15] საქართველო 49,240 2,447,176 Tbilisi
Flag of Turkey.svg An Tuirc[16] Türkiye 24,378 11,044,932 Ankara
Total 10,176,246 709,608,850
Mòr-roinnean an t-Saoghail
LocationAfricaEurasia.png
Afraga-Eoràisia
LocationAmericas.png
Na h-Aimearagan
LocationEurasia.png
Eoràisia
LocationAfrica.png
Afraga
LocationAntarctica.png
Antargtaga
LocationAsia.png
Àisia
Location of Australia.svg
Astràilia
Location of Europe.svg
An Roinn-Eòrpa
LocationNorthAmerica.png
Aimearaga a Tuath
LocationSouthAmerica.png
Aimearaga a Deas
LocationOceania.png
Roinn a' Chuain Shèimh


Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Roinnean mòr-thìreil a rèir UN categorisations/map. A rèir mìneachaidh, 's urrainn do na ranntairean a' leantainn a bhith ann an Eòrpa còmhla ri Àisia, ann an Afraga, neo ann an Roinn a' Chuain Shèimh.
  2. A' gabhail a-steach Transnistria, roinn a ghairm agus bhuidhinn neo-eismeileachd de facto, ach chan eil mòran stàit air a neo-eisimeileachd aithnicheadh.
  3. Thathar a' meas gur e dùthcha anns an Roinn Eòrpa agus cuideachd ann an Àisia a tha anns An Ruis, le ranntair Eòrpach iar air na Beanntan Uralach, air an abhainn Ural agus an abhainn Emba; chan eil seo ach na h-àireamhan airson na cuide anns an Roinn Eòrpa.
  4. 'S e eisimeileachd Chrùin na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Eilean Mhanainn.
  5. 'S e eisimeileachd Chrùin na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Guernsey.
  6. 'S e eisimeileachd Chrùin na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an Jersey.
  7. Ghairm Am Monadh Neagrach neo-eisimeileachd bho aonadh an Sèirb agus a' Mhonaidh Neagraich 3 Òg-mhios 2006.
  8. A' gabhail a-steach na h-Azores iar air a' Phortagail ach ag às-dùnadh Madeira ann an Afraga.
  9. A' gabhail a-steach Cosobho, mòr-roinn rianaichte le UNMIK a rèir Rùn Comhairle Tèarainteachd 1244.
  10. Ag às-dùnadh Na h-Eileanan Canàrach, iar air Morocco ann an Afraga, agus Ceuta is Melilla, a tha cuideachd ann an Afraga.
  11. Chan eil na h-àireamhan seo ach airson Fraing na Roinn-Eòrpa; tha pàirtean de na Frainge taobh a-muigh na h-Eòrpa.
  12. Àireamh-shluaigh nan Tìrean Ìsle anns an Iuchar 2004 agus airson pàirt de Rìoghachd nan Tìrean Ìsle anns an Roinn Eòrpa. 'S e Aruba, Curaçao, Na Tìrean Ìsle agus Sint Maarten an cèithir pàirtean dhen Rìoghachd. 'Se Amsterdam am prìomh-bhaile oifigeil agus Den Haag am prìomh-bhaile rianachail.
  13. Seo na h-àireamhan airson an ranntair aig Casachstàn iar air na Beanntan Uralach is na h-aibhnichean Ural agus Emba.
  14. Seo na h-àireamhan airson Asarbaidean tuath air a' Chabhcas is an aibhne Kura.
  15. Seo na h-àireamhan airson na Cairtbheile tuath air a' Chabhcas is an aibhne Kura, a' toirt leis an Abhchas agus Osàidea a Deas.
  16. Seo na h-àireamhan airson na Tuirce tuath is iar air a' Bhosphorus agus na Dardanelles.