Franciszek Smolka

O Uicipeid
Franciszek Smolka
Member of the Austrian Reichstag (en) Translate


Member of Abgeordnetenhaus (en) Translate

1861 - 1865
Member of the Diet of Galicia and Lodomeria (en) Translate

1861 - 1899
Member of Abgeordnetenhaus (en) Translate

1870 - 1873
Member of Abgeordnetenhaus (en) Translate

1873 - 1877
Member of Abgeordnetenhaus (en) Translate

1879 - 1893
Member of the House of Lords (Austria) (en) Translate

1 dhen Ghiblean 1893 -
Beatha
Breith Kalush, 5 dhen t-Samhain 1810
Dùthaich  A' Phòlainn
Cisleithania
Bàs Lviv, 4 dhen Dùbhlachd 1899
Àite-adhlacaidh Lychakiv Cemetery (en) Translate
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Law Faculty of Lviv University (en) Translate
Àrd-fhoghlam ceum dotaireachd
Cànain Gearmailtis
Pòlainnis
Dreuchd
Dreuchd lagh-eòlaiche agus neach-poileataigs
Ballrachd Galician Economic Society (en) Translate
Seirbheis san arm
Strì Aramach an Fhaoillich
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Polish Circle in the Council of State (Austria-Hungary) (en) Translate

B' e neach-lagha agus neach-poileataigs à Ostair-Ungaire/A' Phòlainn a ghabhadh ri nàiseanteachd a bh' ann am Franciszek Jan Smolka (Gearmailtis: Franz Schmolke, Kalusch, 5 an t-Samhain 1810 - Lemberg, 4 an Dùbhlachd 1899).[1] Bhuinneadh e do theaghlach bùirdeasach: bha athair na oifigear san arm roimhe. Thug e ceum ann an lagh à Oilthigh Lviv agus stèidhich e oifis lagha an sin cuideachd. Ann an 1834 ghabh e a-steach don Aonadh Nàiseanta Deamocratach, air neo "Caraidean an t-Sluaigh Phòlaich" air neo "Comann nan Daoine Pòlach", agus cha b' fhada gus an robh e na cheannard. Ann an 1841 chaidh a chur an grèim agus, an dèidh cùis lagha a mhair ceithir bliadhna, chaidh binn bàis a thoirt dha san Fhaoilleach 1845, ach chaidh maitheanas fhaighinn sa bhad.[2]

Anns a' Mhàrt 1848 bha e os cionn gluasad nàiseanta na Pòlainn ann an Galicia agus dh' obair e às an leth a' bhuidheann sin san Reichstag am Vienna. Chaidh a thaghadh an toiseach mar Iar-Cheann-suidhe na Pàrlamaid seo, a bha an uair sin na Cheann-suidhe air 12 an Dàmhair 1848. An dèidh dhan Reichstag a bhith air a chur às anns a' Mhàrt 1849, thill e a Lemberg (Lviv an latha an-diugh) agus dh' obair e mar neach-lagha a-rithist.[3] Ann an 1861 chaidh a thaghadh leis an Diet ann an Galicia mar iar-cheannard dhan Reichsrat thall ann an Vienna, far an do ghabh e àite còmhla ri feadarailich Pòlach is Seiceach air an làimh dheis agus an aghaidh siostam meadhanachaidh Anton von Schmerling.[4]

Chaidh prìomh dhreuchd Smolka ann an Club nam Pòlach sìos airson a rinn fàbhar Kasimir von Grocholski (18151888), agus san Dùbhlachd 1862 leig e dheth a dhreuchd an dà chuid san Reichsrat agus san Landtag roinneil, ach chaidh ath-thaghadh ann an 1867 agus b' ann am measg ceannardan buidheann na Pòlainn 's a bha Smolka.[5] Ann an 1879 chaidh a thaghadh mar chiad iar-cheann-suidhe agus ann an 1881 na cheann-suidhe air Taigh nan Riochdairean. Air 16 an t-Sultain 1882 fhuair e an t-urram a bhith na Chomhairliche Dhìomhair agus ann an 1891 chaidh ainmeachadh na àrd cheann-suidhe air Taigh Riochdairean san Reichsrat. Chaochail e le stròc ann an Lemberg ann an 1899. Chaidh ìomhaigh-cloiche a thogail mar urram fhoillseachadh ann an Lemberg air 8 an Dùbhlachd 1913 (snaidheadair: Tadeusz Błotnicki, 18581928) ach rinneadh fìor dhrocha sgrios air, ri linn an Dàrna Cogaidh.[6]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Constantin von Wurzbach: Smolka, Franz. Ann an: Biographisches Lexikon des Kaiserthums Oesterreich, Kaiserlich-königliche Hof- und Staatsdruckerei, Vienna, 1877.
  2. Karol Widmann: Franciszek Smolka. Jego życie i zawód, Lviv, Konegen, 18841886.
  3. Smolka, Meyers Konversations-Lexikon. 4. Auflage. Band 14, Verlag des Bibliographischen Instituts, Leipzig/Vienna 18851892.
  4. H. Binder: Smolka Franciszek, Österreichisches Biographisches Lexikon, 18151950 (ÖBL). Band 12, Verlag der Österreichischen Akademie der Wissenschaften, Vienna, 2005, ISBN 3-7001-3580-7.
  5. Franz Ilwof: Smolka, Franz, Allgemeine Deutsche Biographie (ADB). Band 54, Duncker & Humblot, Leipzig, 1908.
  6. Józef Białynia Chołodecki: Franciszek Smolka. Komitet budowy pomnika F. Smolki, Lviv, 1913
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: