Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Co-fhlaitheas na Pòlainn – Liotuàinia
15691795
Chorągiew królewska króla Zygmunta III Wazy.svg Coat of Arms of the Polish-Lithuanian Commonwealth.svg
Bratach na dùthcha Lùireach
Mapa
Rzeczpospolita 1600.png
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1569
Bliadhna mu Dheireadh 1795
Prìomh-Bhaile Kraków
Warsaw
Càna(i)n Oifigeil Pòlais/Liotuànais

B’ e Co-fhlaitheas na Pòlainn – Liotuàinia (Pòlais: Rzeczpospolita Korony Polskiej i Wielkiego Księstwa Litewskiego, Liotuànais: Abiejų Tautų Respublika) stàit air an àirde an ear na Roinn Eòrpa a mhair bho 1569 gu ruige 1795 is e ga stiùireadh eadar A' Phòlainn agus Liotuàinia. Chaidh an stàit seo a sgaradh eadar An Ostair, An Ruis agus A’ Phrùis mean air mhean tron 18mh Linn gus an deach e à bhith.

'S e stàit mhòr air a sgaoileadh tro na tìrean a bha fo bhuaidh na Pòlainn is Liotuàinia roimhe, air a stèidheachadh air aonaidhean is còrdaidhean eatorra a bh' ann an Co-fhlaitheas, gu h-àraidh an dèidh an Aonaidh Krew (1386).[1] Bha siostam poilitigeach anabarrach ann, air an robh Deamocrasaidh nan Uachdaran neo Saorsa an Òir, far an robh cumhachdan an rìgh fo bhuaidh na Sejm (Gàidhlig: Pàrlamaid) agus nan Uachdaran.[2] ‘S e roi-ruithear a’ dheamocrasaidh, na monarcachd bhun-reachdail agus na feadaraileachd a th' ann an latha an-diugh a bh' ann an siostam siud. A bharrachd air sin, chaidh Bun-Reachd nàiseanta a chur air chois mus do deach an Co-fhlaitheas à bhith (1505), is e an dàrna fear as aosda ann an eachdraidh na cruinne a bh’ann.[3] Gu foirmeil, bha an dà stàit co-ionnan ach 's e leis A’ Phòlainn a bha làmh an uachdair.[4] Bha àite uabhasach làidir aig an Eaglais Chaitligeach anns a’ Phoblachd, ged an robh an dùthaich gu math ceadach taobh chreideamhan, rud a dh’atharrachadh mean air mhean tro na linntean.[5] 'S e àiteachas a bha aig cridhe an eaconomaidh. Bha an stàit gu math soirbheachail airson an dà nàisean aig an toiseach, tron aois an òir mar a chanadh e, ach bha an dàrna linn beagan na bu chruaidh dhuibh: call armailteach, ar-a-mach nan croitear, buaireas poilitigeach. Tha e inntinneach gur robh an t-ainm ann am Pòlais a’ ciallachadh Poblachd Crùn na Pòlainn agus na Diùcachd Mòire Liotuàinia,[6] leis gur e A’ Phòlainn a bha a’ stiùireadh na stàite. Tha an t-ainm anns an Liotuanais a’ ciallachadh dìreach Poblachd na Dà Nàisein.[7] Chuireadh às do thràilleachd an seo ann an 1588.[8]

Bha freumhan na Diùcachd Mòire Warsaw, air a stèidheachadh ann an 1807,[9] anns a’ Cho-fhlaitheas, a thuilleadh air gluasadan ath-bheothachaidh eile a nochd ri linn ar-a-mach an Fhaoilleach (18631864)[10] agus anns an 1920an, is fiù 's an iomairt neo-tharbhach a rinn Józef Piłsudski gus stàit fheadarail a chruthachadh, fo stiùireadh na Pòlainn, air am biodh Międzymorze ("eadar na cuantan"), le Liotuàinia agus An Ucràin na bhroinn. ‘S e Poblachd na Pòlainn nar làithean fhèin a th' ann stàit-leantainneach a’ Cho-fhlaitheis.[11] Dhiùltadh Poblachd Liotuàinia ron Dàrna Cogadh ceangail sam bith leis, air sgath 's nach d’fhuair iad buannachdan, gu h-eachdraidheil, bhon stàit. Mhair an stàit gu ruige Treas Roinneadh na Pòlainn ann an 1795.[12] A bharrachd air an fhearann far a bheil A’ Phòlainn agus Liotuàinia an latha an-diugh, bha A' Bhealaruis, sgìrean mòra na h-Ucràin, Livonia (An Laitbhe an latha an-diugh) agus sgìre Smolensk san Ruis a-staigh na stàite siud cuideachd.[13] Mar as àbhaist thathar a’ cumail suas gur e A’ Phòlainn a th' ann stàit-oighre A’ Cho-fhlaitheis, is anns a’ bhitheantas cha bhi Lituània dhen bheachd idir gur e aimsir mhath tharbhach dhuibh, is iad ag ràdh gur e fiù 's làmhachas làidir an àite co-obrachadh co-ionnan a bh' ann an Aonadh siud.[14]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Jučas, Mečislovas (2000), Lietuvos ir Lenkijos unija, Aidai, ISBN 9986-590-95-7
  2. Sciaga
  3. Riaghaltas na Pòlainn
  4. Riaghaltas na Pòlainn
  5. Byzanz und Ostmitteleuropa, 950-1453, Herausgegeben von Günter Prinzing und Maciej Salamon, Otto Harrassowitz Verlag, 1999, ISBN 978-3-447-04146-1
  6. Dict
  7. Lingvozone
  8. The union of Lublin, Polish federalism in the golden age, Harry E. Dembkowski, East European Monographs, 1982, ISBN 9780880330091, duilleag 271
  9. Wirtualna Francja
  10. The attitude of the French Parliament to the Polish insurrection of 1861-1864, Gleb Bogoiavlensky, University of Washington, 1943
  11. Polish News
  12. Sciaga
  13. Every Culture
  14. University of Michigan