Nàsachd

O Uicipeid
Nàsachd
Fiosrachadh
Luchd-stèidhichidh Anton Drexler
Beachdan Gràin-cinnidh, Ain-Sheimitigeachas, Armailteachas, Thar-ghearmailteas, Ain-Cho-mhaoineas
Ceannardan Adolf Hitler
Linn 20mh Linn
Buidhnean Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach
Dùthchannan A' Ghearmailt

'S e beachd-smuainealas, ideòlas agus gluasad poilitigeach a nochd anns A' Ghearmailt eadar An Cogadh Mòr agus An Dàrna Cogadh, a tha uabhasach fhèin dlùth air Faisisteachas[1] a th' ann an Nàsachd air neo Sòisealas Nàiseanta (Gearmailtis Nationalsozialismus). B' ann fo stiùir Adolf Hitler anns na 30an agus na 40an a gabh am Pàrtaidh Nàsach (ainm slàn: Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach, Gearmailtis: Nationalsozialistische Deutsche Arbeiterpartei) os làimh Riaghaltas na Gearmailt agus a rinn iad fìor dhroch sgrios air an Roinn Eòrpa leis an ideòlas eucoireach mì-mhoralta aca.[2]

Ain-Sheimitigeachas[deasaich | deasaich an tùs]

Ghabhadh Nàsach ris a' bhun-smuain nan Aryanach mun sgrìobhadh am feallsanaiche Johann Gottfried Herder, a chanadh gur ann à in-imrich Innd-Ayranaich a thàinig daoine na Roinn-Eòrpa, is iad seo an fheadhainn a bha nan tàmh sna h-Innseachan agus Ioràn (Ayraan) o shin.[3] Bhathar a' creidsinn gu robh cànain agus cultair nan Aryanach na b' fhèarr na cultair ″parasaiteach″ nan Seimitigeach. B' e fìor dhroch naidheachd airson Iùdhaich na Roinn-Eòrpa a bh' ann, o chionn's gu do lean sin, ann an dealachadh, gu Uile-losgadh nan Iùdhach.

Gnè[deasaich | deasaich an tùs]

Cha robh ideòlas Nàsach airson Boireann-dhligheachas idir agus bhathar ag iarraidh nach biodh am boireannach ach aig an taigh agus beò-leatromach. Mar a thuirt an sluagh-ghairm aca: Kinder, Küche, Kirche (Clann, Cidsin, Eaglais). Bha casg-breith mì-laghail fo Hitler agus cha robh e idir cho furasta casgadh-gineamhainn fhaighinn do Ghearmailtich ach gu math furasta do mhion-chuidean.[4]

Clas Sòisealta[deasaich | deasaich an tùs]

Dhiùilteadh nàsachd bun-smuaintean Marxach mu còmhstri eadar clasaichean sòisealta. A rèir Karl Marx,[5] bidh còmhstri ann eadar a' Bhùirdeasachd agus am Mòr-shluagh an-còmhnaidh. Mholadh nàsachd an dà chuid calpairean Gearmailteach agus luchd-obrach leis gu robh iad seo uile deatamach dhan Volksgemeinschaft (Gàidhlig: Coimhearsnachd nan Daoine). Anns an Volksgemeinschaft, bhiodh clasaichean sòisealta fhathast ann, ach às aonais chòmhstri eatorra. Thug Friedrich Nietzsche buaidh uabhasach fhèin làidir air Hitler agus chuir esan an gnìomh am bun-smuain übermensch do chalpairean soirbheachail.[6]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Spielvogel, Jackson J. (2010) [1996] Hitler and Nazi Germany: A History New York: Routledge, ISBN 978-0131924697
  2. Anton Weiss-Wendt (2010). Eradicating Differences: The Treatment of Minorities in Nazi-Dominated Europe. Cambridge Scholars Publishing, ISBN 978-1-4438-2449-1.
  3. Clark, Robert Thomas (1955). Herder: His Life and Thought. University of California Press.
  4. Jill Stephenson, Women in Nazi Germany, Lunnainn: Longman, 2001
  5. Callinicos, Alex (2010): The Revolutionary Ideas of Karl Marx. Bloomsbury, Lunnainn: Bookmarks. ISBN 978-1-905192-68-7.
  6. Grunberger, Richard, A Social History of the Third Reich, Weidenfeld and Nicolson, Lunnainn, 1971