Ain-Riaghailteachd
Ain-Riaghailteachd | |
Fiosrachadh | |
Luchd-stèidhichidh | William Godwin Peter Kropotkin Mikhail Bakunin |
Beachdan | |
Linn | 19mh Linn, 20mh Linn |
Buidhnean | Besti flokkurinn |
Tha an t-ainm Ain-riaghailteachd sa Ghàidhlig (cuideachd, 'anargachd' neo anarcachas) gu math coltach ris an fhacal Greugais αναρχία ("às aonais archonan (riaghladair/riaghailt)"), agus co-ionann ri Anarchism (Beurla). Chan eil i a' ciallachadh mì-òrdugh ach 's e feallsanachd poilitigeach a tha innte a tha, ann an spiorad, a' nochdadh air feadh eachdraidh. Chaidh a cruthachadh mar shiostam ar-a-mach (aig an aon àm ri Marxachas) san 19mh linn an aghaidh ùghdarrasan, mì-cheartais is mì-chothromachd agus airson comainn far a bheil cumhachd aig na daoine fhèin.
Fiosrachadh
[deasaich | deasaich an tùs]‘S e sreath dhe smuaintean feallsanach agus poiliteagach a th' ann an t-"anarcachas" (bhon Ghreugais αν- ,an-, "gun", agus αρχω, arkho, "cumhachd"). Air an dàrna làimh thathar an aghaigh na Stàite, nan rangachdan neo Ùghdarras sam bith a chuireas bacadh (fiosaigeach, inntinneil neo spioradail) air saorsa phearsanta uile gu lèir. Thathar cuideachd dhen bheachd gum biodh an Comann Sòisealta mòran na b’ fheàrr as aonais a leithid dhe eagrachasan, leis gu bheil iad ag obair os cionn nan daoine. Air an làmh eile thathar an aghaidh an t-seilbh prìobhaideach. Bheireadh beachdan agus smuaintean nan Ain-Riaghailtich buaidh uabhasach mòr air a’ chomann sòisealta san Roinn Eòrpa fad an 19mh Linn agus toiseach tòiseachaidh an 20mh Linn, ged nach d’ fhuair iad mòran taic taobh a-muigh Gluasadan nan Luchd-obrach.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Mikhail Bakunin (1814 – 1876) neach-smaoin ain-riaghailteach, a shabaid an aghaidh Marx a thaobh stàitean, cumhachd, agus cothromachd ann an comann an luchd-obrach.
- Pyotr Kropotkin (1842 - 1921)
- Ștefan Gheorghiu (1879 - 1914)
- Salvador Puig i Antich (1948 - 1974). Ain-Riaghailteach à Catalòinia.
Ceanglaichean taobh a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Ain-Riaghailteachd • Calpachas • Co-mhaoineas • Faisisteachas • Marxachas • Nàsachd • Libearalas • Sòisealachd