Karl Marx

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Karl Marx
Karl Marx 001.jpg
Beatha
Ainm slàn Karl Heinrich Marx
Breith Trier, 5 dhen Chèitean 1818
Dùthaich duine gun stàit
Rìoghachd na Pruise
Àite-fuirich Lunnainn
Trier
Berlin
Paris
Cinneadh Iùdhaich
Gearmailtich
Bàs Lunnainn, 14 dhen Mhàrt 1883
Àite-adhlacaidh cladh Highgate
Teaghlach
Athair Heinrich Marx
Màthair Henriette Presburg
Cèile Jenny von Westphalen  (19 dhen Ògmhios 1843 -
Càraid Jenny von Westphalen
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Bonn
Oilthigh Humboldt Berlin
Oilthigh Jena
Gimnasium Real Frederick William III
(1830 -
Stiùiriche an teusais Bruno Bauer
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd eaconamaiche, neach-naidheachd, eachdraiche, feallsanaiche, sòiseo-eòlaiche, rèabhlaideach agus bàrd
Àitichean-obrach Köln
Fastaichean Neue Rheinische Zeitung
Rheinische Zeitung
Obraichean comharraichte Economic and Philosophic Manuscripts of 1844
Das Kapital
The German Ideology
Am Manifesto Commanach
Buaidh Georg Wilhelm Friedrich Hegel
Ballrachd Comann Eadar-nàiseanta nam Fir-obrach
Far-ainmean Glückskind
Creideamh
Creideamh neo-dhiadhaireachd
IMDb nm0555631
Karl Marx Signature.svg

B' e feallsanaiche poileataigeach às a' Ghearmailt a bha ann an Karl Heinrich Marx (Trier, 5 an Cèitean, 1818Lunnainn, 14 am Màrt 1883). Bhitheadh e a sgrìobhadh mu airgeid agus cumhachd. Cuide ri Friedrich Engels, stèidhich e an fheallsanachd phoilitigeach ris an canar Co-mhaoineas anns an duilleachan no pamflaid "am Manifesto Commanach" a thàinig a-mach ann an 1848. An dèidh seo 's e 'Marxachas' a dh'èighear air na smuaintean aige.

Beatha agus obair[deasaich | deasaich an tùs]

Bha e na oileanach sna oilthighean ann am Bonn agus Berlin. Dh'imrich e do Pharas ann an 1843, far an do choinnich e Engels, agus Lunnainn ann an 1849. Tha mòran den bheachd gur e an leabhar is cudromaiche aige Das Kapital a sgrìobh e tarsainn air trì deichead agus far an do bhris e sìos, bheachdaich e agus gu ìre dh'ainmich e an seòrsa eaconamas ris an canar Kapitalismus (Gàidhlig: calpachas) san latha an diugh. Bha e a' dol an aghaidh bheachdan eaconamas libearalaich agus lean mòran deasbaid eadar an fheadhainn a tha ag aontachadh leis agus an fheadhainn nach eil.

Dh'ùghdar e gu leòr leabhraichean eile mu iomadach cuspair cuideachd. Ged a chaidh a bhreith anns a' Ghearmailt bha aige ri gluasad dhachaigh glè thric oir nach bu chaomh le toir dhaoine na beachdan aige agus mu dheireadh rinn e a dhachaigh ann an Lunnainn agus dh'fhuirich e an sin gus an do bhàsaich e ann an 1883. Thug na sgrìobh agus na rinn e buaidh mhòr air Fidel Castro.

Urraman[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'ainmicheadh an Oilthigh Leipzig air eadar 1953 agus 1990.

Aistean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]