Socrates
Socrates | |
---|---|
Beatha | |
Breith |
Alopeke (en) ![]() |
Dùthaich | Baile na h-Àithne clasaigeach |
Àite-fuirich | Baile na h-Àithne clasaigeach |
Bàs | An Àithne, 15 dhen Ghearran 399 BCE |
Nàdar a’ bhàis |
fèin-mhurt sparrte air neach (hemlock poisoning (en) ![]() |
Teaghlach | |
Athair | Sophroniscus |
Màthair | Phaenarete |
Cèile |
Xanthippe (en) ![]() Myrto (en) ![]() |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Cànain | Seann-Ghrèigis |
Oileanaich |
Platon Xenophon (en) ![]() Antisthenes (en) ![]() Aristippus (en) ![]() Isocrates (en) ![]() Euclid of Megara (en) ![]() Phaedo of Elis (en) ![]() Aeschines of Sphettus (en) ![]() Chaerephon (en) ![]() Simmias of Thebes (en) ![]() Cebes (en) ![]() Menexenus (en) ![]() Apollodorus (en) ![]() Alcibiades (en) ![]() |
Dreuchd | |
Dreuchd | feallsanaiche, neach-teagaisg agus sgrìobhadair |
Buaidh |
Anaxagoras (en) ![]() ![]() |
Ballrachd |
boule (en) ![]() |
IMDb | nm1419271 |
B' e feallsanaiche cudromach Greugach a bha ann an Socrates[1] (Greugais: Σωκράτης) (470 RC–399 RC). Dh’fhuirich e anns a’ bhaile mhòr An Àithne. Mar fheallsanaiche, bha ùidh aig Socrates air beus-eòlas. Chuir e ceistean mu dheidhinn dhaoine, mar eisimpleir, ciamar a bhios duine math gu fìor. 'S ann tric a dh’fhaighnicheadh e ceist le ceist eile na bu dhoimhne. Na linn-sa, b'e sin dòigh ùr airson comhaichidhean an toirt am follais. Anns an là an-diugh, 's e "am modh Sòcraiteach" a chanas sinn ris.
'S ann tric a chanar air Socrates gum b' e ‘Athair na feallsanachd siar’ ged nach do sgrìobh e sion de dh’fheallsanachd a-riamh. 'S e as coireach ri sin gum b’e na h-obraichean de Phlaton, an t-oileanach aig Socrates, agus na h-obraichean de dh’Aristotélīs, an t-oileanach a bhiodh aig Platon, nan obraichean a bu chudromaiche ann am feallsanachd fad còrr 's mìle bliadhna.
Beatha Socrates[deasaich | deasaich an tùs]
Chan eil mòran de dh’fhios againn mu dheidhinn beatha Socrates. Bha e beò cho fada air ais 's nach eil fiosrachadh dha-rìribh againn mu a dheidhinn. Tha sgeulachdan cudromach againn o dhuine no dhà a bha beò aig an àm siud. 'S iad na càraidean aig Socrates (mar Platon, agus Xenophon, eachdraiche Greugach) a bh’ ann a' chuid dhiubh, agus 's e daoine a dhèanadh sgeig air Socrates a bh’ ann a’ chuid eile (mar Aristophanes, a sgrìobh dealbhan-cluiche).
Cho fada as aithne dhuinn, cha do sgrìobh Socrates fhèin leabhraichean idir. Sgrìobh an t-oileanach aige, Platon, mu dheidhinn a bheatha, a smuaintean, agus cuideachd a bhàs. 'S e am prìomh-bhun againn air Socrates a th’ ann am Platon.
Thuirt Platon gum b’e Sophroniscos an athair aig Socrates, agus gum b’e Phainarete an t-ainm a bh’ air a mhàthair. Bha a mhàthair na banaltram neo bean-ghlùine, a chuidich do bhoireannaich ann a bhith a’ breith am leanabhan. Dh’fhaoidte gun d’thuirt Socrates gum b’e eisimpleir a mhàthair a thug airsan cuideachadh do dhaoine ann a’ bhith a bheir smuaintean 's beachdan ùra.
Bha Socrates pòsta ri boireannach fada na b' òige air an robh Xanthippe mar ainm. Bhathar ag ràdh gur ann tric a dh’fhàsadh i feargach leis agus gun robh i ainneartach aig uairean. Chan eil fios nan robh am pòsadh aca sona, ach bha triùir chloinne aca co-dhiù.
Their fear de na bunaichean gun robh Socrates na chlachair. Chan eil fhios co-dhiù gur fhìor sin gus nach fhìor. Thathar ag ràdh cuideachd gun do shabaidich e mar shaighdear airson Na Àithne ann an trì chogaidh, 's gun robh e gaisgeil anns a’ bhlàr.
Chuir Socrates an fhearg air móran, 's docha le bhith ro dh'onarach. Chanadh e na bha e a’ smaoineachadh, agus 's ann tric a chanadh e rudan air nach robh daoine airson cluinntinn. Sheall e nach robh fhios aig feadhainn de dhaoine a bha gu math cumhachdach. Chuireadh iad ‘creithleag’ air, airson a comharrachadh gur e duine draghail a bh’ ann nam beachdan-sa.
Tha sgeulachd ann gun do dh’fhaighnich càraid aig Socrates dhen ‘oracail’ (càileach naomh do na Greugaich o shean, dham b' urrainn a bhith a bruidhinn ri na diathan, a rèir creideimh) an robh duine sam bith ann a bha na bu ghlice na Socrates anns An Àithne. Thuirt an t-oracail nach robh duine ann na bu ghlice. Bha an t-oracail ainmeil airson a’ bhith ag ràdh rudan nach robh cho soilleir. Thuirt Socrates an còmhnaidh nach robh fios sam bith aige air sion, agus cha do chreid e an t-oracail. Chaidh e do na daoine as glice anns An Àithne airson ceistean a chur orra. Aig a’ cheann-thall, dh’ionnsaich Socrates gun robh esan dha-rìribh na bu ghlice, chionn 's gun do chreid na daoine eile gun robh fhios aca, ged nach robh. Mar sin, b' e Socrates an aona duine a bha fiosrachail air a chuid aineolas-fhèin, agus mar sin, am fear a bu ghlice.
Mar bhodach, 's ann tric a bhiodh Socrates a’ bruidhinn le fireannaich òga agus balaich agus a’ feuchainn rin teagasg. Theagasg e do na daoine òga a bhith a’ cur cheistean air ùghdarrasan agus a bhith a’ smaoineachadh dhaibh-fhèin. Mu dheireadh, chuir na nàimhdean cumhachdach aig Socrates casaid air airson ‘coirbteachd de na h-òigridh’. Thug iad binn bàis air, le bhith ag òl puinnsean.

Smuaintean Socrates[deasaich | deasaich an tùs]
Cha robh ùidh aig Socratiseach ann a' bheus-eòlas. Bha Socrates ag ràdh nach e ach eòlas a th’ anns na subhailcean, eòlas air ge dè bu chòir dhuinn a dhèanamh. Bha e ag ràdh cuideachd gu bheil na daoine gu bunaiteach math, 's nach e ach aineolas as coireach gum bi daoine a’ dèanamh olc. Chuir Sokrátīscuideam air fèin-theagamh agus fèin-sgrùdadh. 'S ann tric a thèid na faclan “Chan fhiach a’ bheatha mì-sgrùdaichte a mhaireann” a cur às leth Sokrátīs.
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Mar as àbhaist, tha teacsan anns a' Ghàidhlig a' cleachdadh an aon chruth ris a' Bheurla, faic “Corpas na Gàidhlig”. Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG). Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 24mh dhen Chèitean 2020.