B' e matamataigear agus feallsanaiche às an Fhraing a bha ann an René Descartes.
Rugadh 31 am Màrt1596 ann an La Haye agus bha e na sgoilear aig colaiste nan Ìosad La Flèche. Dh'ionnsaich e lagha ann am Poitiers ach cha deach e na neach-lagha. Shabaid e mar shaighdear agus shiubhail e air feadh na Frainge, na Gearmailte agus na h-Ungaire. Dh'fhuirich e anns na Tìrean Ìsle far an do sgrìobh e Le Monde, ou Traité de la Lumière (An t-saoghal, no tràchdas mu sholais) agus Discours de la méthode pour bien conduire sa raison et chercher la vérité dans les sciences (Dòigh airson cèill agus an fhìrinn anns na saidheansan a lorg).
Iarr Bànrigh Cairistìona às an Suain e gu Stockholm ann an 1649. Dh'fheum e èirigh 'sa mhoch-mhadainn agus cha do dh'fhreagair seo air. Fhuair e am fiabhras-clèibhe agus chaochail e 11 an Gearran1650.[1]