Aristotelis

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Aristotelis
Aristotle Altemps Inv8575.jpg
Beatha
Breith Stagira, 384 aC
Cinneadh Grèigich
Bàs Chalkida, 322 aC
Teaghlach
Athair Nicomachus
Cèile Pythias
Herpyllis
Clann
Foghlam
Cànain Seann-Ghrèigis
Luchd-teagaisg Platon
Oileanaich Alasdair Mòr
Theophrastus
Aristoxenus
Dicaearchus
Eudemus of Rhodes
Clearchus of Soli
Phaenias of Eresus
Chamaeleon
Neleus of Scepsis
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche, meata-fiosaigiche, bith-eòlaiche, cosmos-eòlaiche, loidsigiche, ainmh-eòlaiche, breithniche litreachais, matamataigear, ethicist, epistemologist, feallsanaiche poileataigeach, iom-eòlaiche, feallsanaiche chànan, sgrìobhadair, reul-eòlaiche agus neach-saidheans
Buaidh Platon, Sokrates agus Heraclitus a Ephesus
Gluasad An Sgoil Shiùbhlach
Creideamh
Creideamh diadhachas

'S e Aristotélīs (Greugais: Ἀριστοτέλης, Beurla: Aristotle; beò 384 RC, Stagira, Masadoinia, A' Ghrèig7 am Màrt 322 RC, Chalicis, Euboea, a' Ghrèig), còmhla ri Platon, aon de na feallsanaichean as cudthromaiche ann an dòighean smaoineachadh Siarach. Tha e coltach gun do sgrìobh e mu 150 leabhraichean mu feallsanach ged a tha tòrr dhiu air an call.

Fosgladh[deasaich | deasaich an tùs]

'S e dotair do Rìgh Amyntas de Maseadonia a bh' ann an athair Aristotélīs. Bho aois ochd deug gu trichead 'sa seachd dh'fhuirich è an Àithne mar oileanach fon fheallsanaiche ainmeil Plato.

Tha air a ràdh gur e na trì feallsanaiche is mòr a bh' anns a' Ghrèig anns na sean aoisean Aristotélīs, Plato agus Socrates. 'S e maighstear Plato a bh' ann an Socrates agus 's e maighstear Aristotélīs a bh' ann am Plato. 'S e na trì feallsanaiche seo a chuir feallsanachd a' Ghrèig air dòigh is gur e an toiseach dhan an oileanachd ris an canar Feallsanaiche Siarach 'san latha an diugh. Theagaisg Aristotélīs Alasdair Uaibhreach ( Alexander the Great ) a cheannsaich an Ear Mheadhanach gu lèir.

Bha a chuid mhòr de smuaintean Phlato mu fhios bho na ciad-fàthan an còmhnaidh mì-chinnteach agus nach b' urrainn do dhuine sam bith fios fìrinneach fhaighean ach bho thionndadh air falbh bho'n neach a thionndas air falbh bhon t-saoghal.

Bha diofar bheachdan aig Aristotélīs. Bha esan a' smaoineachadh gu robh fios bho na ciad-fàthan nas cudthromaiche. 'S e na beachdan seo a chaidh an cleachdadh an dèidh linntean anns an dòigh smuaintean ris an canar an Scientific Method 'sa Bheurla. 'S e a chuid mhòr de th' againn a thuirt Aristotélīs 'san latha an diugh nòtaichean a dh'fhàg è bho toirt òraid. 'S e feadhainn de na sgrìobhaidhean as ainmeile aige a tha againn fhathast Physics,Metaphysics.(Nicomachean) Ethics, Politics,De Anima agus Poetics.

Eachdraidh agus Cudthrom obair Aristotélīs[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil mòran fios againn mu eachdraidh obair Aristotélīs bho'n àm a bhàsaich è chun a Chiad Linn RC. Tha seann-sgeul ag ràdh gun deach na leabhraichean agus sgrìobhaidhean aig Aristotélīs fhàgail dha Theophrastus. 'S e Theophrastus am maighsear a lean Aristotélīs agus dh'fhalaich e na sgrìobh e airson dèanamh cinnteach nach dèidheadh an goid na an sgrios. Cha deach an lorg chun a' bhliadhna 70 RC.