Epictetus
Epictetus | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Hierapolis (en) , 50 |
Dùthaich | An t-Seann Ròimh |
Bàs | Nicopolis (en) , 138 |
Foghlam | |
Cànain | Seann-Ghrèigis |
Luchd-teagaisg | Gaius Musonius Rufus (mul) |
Oileanaich |
Arrian (en) Demonax (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | feallsanaiche agus sgrìobhadair |
Gluasad | Stòthachd |
B' e tràill agus feallsanaiche à Impireachd na Ròimhe a ghabhadh ri stòthachd a bh' ann an Epictetus (Greugais: Ἐπίκτητος, Hierapolis mu 50 - Nicopolis mu 135).[1] Rugadh e ann am Phrygia, a bha na rìoghachd Ghreugach ann an Anatolia. Bha a mhàthair na tràill agus chaidh a reic gu fear beairteach anns An Ròimh air an robh Epaphroditos, rùnaire Nero. Tha an t-ainm a' ciallachadh air a cheannachd ann an Greugais. Ged a bha e na thràill, fhuair e cead ri dhol gu clasaichean feallsanachd a chumadh Gaius Musonius Rufus. Thug sin piseach air inbhe. Chaidh Epictetus a shaorachadh mu 68 agus thòisich e feallsanachd a theagasg, an t-Impire Hadrianus nam measg. B' fheudar do dh'Epictetus An Ròimh fhàgail airson Nicopolis ann an 94 nuair a dheòraich Domitianus gach uile feallsanaiche. Thug e buaidh uabhasach fhèin làidir air Marcus Aurelius.[2]
Na thuirt e
[deasaich | deasaich an tùs]'S e gu bheil smachd againne air corra rud, agus corra rud nach eil. Tha beachdan, miannanchd, fadachd agus gràin nar cumhachd; agus, gu dearbh, gach uile rud a nì sinn. Chan eil roghainn againn a thaobh a' chuirp, airgead, glòir neo riaghaltasan: anns an dealachadh, na rudan nach dèan sinn fhìn. [3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Pedro P. Fuentes González. art. "Épictète", ann an R. Goulet, Dictionnaire des Philosophes Antiques III, Paris, CNRS, 2000, 106–151 ISBN 2-271-05748-5.
- ↑ Werner Sohn, Epictetus: Ein erzkonservativer Bildungsroman mit liberalen Eselsohren, Norderstedt, BoD, 2010 ISBN 978-3-8391-5231-7.
- ↑ Res quaedam in potestate nostra sunt, quaedam non sunt. In nostra potestate est opinio, appetitio, desiderium, averatio; et, ut uno complectar verbo, quaelibet nostrae actiones. Nostri arbitrii non sunt corpus, pecunia, gloria, imperia: ad summam, ea quae ipsi non agimus, omnia.