Jump to content

Voltaire

O Uicipeid
Voltaire
historiographer of France (en) Translate

1744 - 1750
Johann Daniel Schöpflin (en) Translate - Charles Pinot Duclos (mul) Translate
seat 33 of the Académie française (en) Translate

2 dhen Chèitean 1746 - 30 dhen Chèitean 1778
Jean Bouhier (mul) Translate - Jean-François Ducis (mul) Translate
Beatha
Ainm slàn François-Marie Arouet
Breith Paris, 21 dhen t-Samhain 1694
Dùthaich  An Fhraing
Ciad chànan Fraingis
Bàs Paris, 30 dhen Chèitean 1778
Àite-adhlacaidh Panthéon (en) Translate
Abbaye de Sellières (en) Translate
Teaghlach
Athair François d'Arouet
Màthair Marguerite d'Aumard
Cèile no value
Càraid Émilie du Châtelet
Foghlam
Foghlam Lycée Louis-le-Grand (en) Translate
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche, bàrd, eachdraiche, aistear, sgrìobhaiche-dràma, fèin-bheatha-eachdraiche, sgrìobhadair leabhair-latha, neach-lagha a tha na b(h)àid, sgrìobhadair ficsein shaidheansail, encyclopédistes (en) Translate, correspondent (en) Translate, neach-saidheans poileataigeach agus sgrìobhadair
Obraichean comharraichte Candide (en) Translate
Zadig or Destiny (en) Translate
Zaïre (en) Translate
Letters on the English (en) Translate
Dictionnaire philosophique (en) Translate
The Huron; or, Pupil of Nature (en) Translate
Mahomet (en) Translate
Correspondence of Voltaire (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Buaidh Blaise Pascal (mul) Translate, Cicero (en) Translate, Lucian of Samosata (en) Translate, Pierrre Bayle (en) Translate, Ibn Tufayl (en) Translate, Nicolas Malebranche (mul) Translate, Henry St John, 1st Viscount Bolingbroke (mul) Translate, Zoroaster (en) Translate, Confucius, Cervantes, William Shakespeare (mul) Translate, Jean Racine (mul) Translate, Platon, John Locke (mul) Translate agus Isaac Newton
Ballrachd An Comann Rìoghail
Académie Française (en) Translate
Acadamh Phruiseach nan Saidheansan
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Acadamh Rìoghail na Suaine airson Litrichean, Eachdraidh agus Àrsaidheachd
Saor-chlachaireachd
Accademia della Crusca (en) Translate
Gluasad freethought (en) Translate
Soillseachadh
diadhachas
Far-ainmean Voltaire agus Bénédictin
Gnè ealain nobhail
Creideamh
Creideamh neo-dhiadhaireachd
IMDb nm0901806

B’ e François Marie Arouet (IPA fʁɑ̃swa maʁi aʁuˈwe), neo Voltaire (IPA volˈtɛʁ), an t-ainm-brèige a chleachd e mar bu tric, ùghdar agus feallsanach a thug buaidh mhòr air an 18mh linn, gu seachd àraidh air cuimhne coitcheann nam Frangach. Rugadh e air an 21mh latha dhen t-Samhain 1694 ann am Paris, am baile far an do chaochail e air an 30mh latha dhen Chèitean 1788.[1] 'S e a’ chiad cheannard na luchd-innteachail is e an sàs ag obair airson na Fìrinn, a’ Cheartais agus Saorsa na Smuain. Fhuair e an t-ainm pinn sin bho na litrichean AROUET L(e) J(eune), anagram an ainm aige, air an sgrìobhadh ann an Laideann, AROVETLI.[2]

Mar Shamhla An t-Soillseachaidh agus ceannard nam Feallsanach (Fraingis: Le Parti Philosophique), tha an t-ainm aige fhathast gu math ceangailte ris an strì ann an dà chuid an aghaidh na Gràinealachd (Fraingis: l’infâme), an t-ainm a thug e do dh’eudmhorachd chràbhach, agus airson adhartas agus ceadachas. ‘S e deist a bh' ann ged-tà, is e dhen bheachd gur e monarcachd chuimseach libearalach, air an soillearachadh leis na “feallsanaich”, an siostam na b’ fheàrr co-dhiù. Bha e dlùth air na uachdaran soillearaichte na Roinn Eòrpa aig àm an t-Soillseachaidh is ghabhadh e bràth mar bu tric air a chuid suaicheantais gus ìobairtich a dhìon bho an neo-cheadachas chràbhach agus an neo-riaghailteachas, mar eisimpleir na cùisean Calas, Sirven, Chevalier de La Barre agus Comte Lally, Dh’Fhàs e na bu chliùitiche air an sàilleabh.

Ged an do sgrìobh e iomadach rud, cha leughar an-diugh ach a chuid fheallsanachd ann an rosg: mar eisimpleir sgeulachdan agus nobhailean (‘s e Candide an leabhar as ainmeile aige), Lettres philosophiques, Dictionnaire philosophique agus na litrichean a sgrìobh e. Thathar a’ leigeil seachad a’ mhòr-chuid dhen dràma, dàn mòr agus na leabhraichean eachdraidheil a fhuair deagh chliù fad na 18mh linne. Tha e cliùiteach fhathast gus an latha an-diugh air sgàth an nòs sgrìobhaidh dreachmhor pongail ìoronasach cruaidh a bh’ aige.

Bha Voltaire còmhla ri daoine mòra fad a bheatha is e cho dèidheil air na rìghrean, gun a bhith a chuid dhìmeas taobh na daoine cumanta fhalach, ach chuir an Riaghaltas dragh airsan cuideachd: chaidh e a thoirt dhan Bhastille is b’ fheudar dha a dhol na fhògarrach gu Sasainn agus Paris fhàgail.[3] Ann an 1749, an dèidh bàis Émilie du Châtelet, an leannan aige fad 15 bliadhna dhe càirdeas gu math stoirmeil, dh’ fhalbh e dhan Phrùis. Cha b’ urrainn dha pàirt cudromach fhaighinn ri taobh h Friedrich II na Prùise ann am Berlin, agus an ceann trì bliadhna chaidh e a-mach leis an rìgh agus dh’ fhàg e Berlin ann am 1753.[4] An ceann greiseig chaidh e gu Délices anns an Eilbheis, faisg air Geneva, mus do cheannaich e oighreachd ann am Ferney-Voltaire dìreach air na crìochan eadar An Fhraing agus Geneva, fada às na daoine chumhachdach, ann an 1759.[5] Dh’fhàs an oighreachd aige na bu luachmhoire agus bha Ferney àite ainmeil airson chultair anns an Roinn Eòrpa air fad. Cha do thill e gu Paris gu ruige gu 1778, is fhuair e urram le daoine a bhith a' seasamh agus a' bualadh bhasan an uair sin. Chaochail e an siud nuair a bha e 83 bliadhna a dh’ aois.[6]

Dìreach mar ghuth na "deagh amannan ann am làithean an iarainn sin" (Fraingis: «bon temps (de) ce siècle de fer!») anns an leabhar Le Mondain, bha Voltaire cho dèidheil air saimheachas agus air aoibhneas a’ bhìdh agus a’ chòmhraidh, agus bha e dhen bheachd gu robh iad, còmhla ris an dràma, na cleachdaidhean na b’ ionnsaichte anns a’ cho-chomann. Chuireadh e uallach air a chuid chomhfhurtachd shaoghalta oir gur e barantas a chuid shaorsa is neo-eisimeileachd a bh' ann. Dh’fhàs e a cho beartach tro sheilbhean baralach gum b’ urrainn dha caisteal a cheannach ann am Ferney ann an 1759, le companaich foghlaimte inntinneach a’ cèilidh air. A dh’aindeoin sin, bha e daonnan aimhreiteach agus gu math fiadhaich leis a chuid nàmhaidean, mar Jean-Jacques Rousseau.[7]

Aig àm Ar-a-mach na Frainge bhite dhen bheachd gur e ro-ruithear a bh’ ann an Voltaire agus an nàmhaid aige Jean-Jacques Rousseau, is chaidh an dust aige a thoirt dhan Panthéon ann an 1791, an dàrna fear an dèidh Honoré Gabriel Riqueti de Mirabeau.[8] Ghlèidheadh an dìleab a leig Voltaire glè chudromach ri linne III Poblachd na Frainge is bho 1870 rachadh an t-ainm aige a chur gu rathad agus ceàrnaig ann am Paris (is beag air bheag gu cidheachan, sràidean, sgoiltean, stèiseanan trèana fo thalamh is a h-uile càil). Anns an 19mh Linn bha na sgrìobh is na smaoinich e aig cnag na cùise anns an strì eadar an fheadhainn a bha an aghaidh agus an fheadhainn a bha airson sgoiltean neo-chràbhach na Stàite, mòran na b’ fhaide na smaoinich na daoine aig àm an t-Soillearachaidh.

An Teaghlach Arouet

[deasaich | deasaich an tùs]

Bhuineadh na Arouet do Saint-Loup, baile beag ann an ceann an tuath na sgìre Poitou, is iad nan cairtearan an siud fad an 15mh Linn agus an 16mh Linn. ‘S e eisimpleir dhe dol suas nam bùirdeasach anns an 17mh Linn a bh' ann na Arouet. Chaidh a’ chiad Arouet gu Paris ann an 1625, is dh’fhosgail e bùth shìoda. Phòs e nighean cheannaiche-aodaich is dh’fhàs e a bhith cho beartach gum faodadh e dreuchd mar nòtair aig Taigh na Cùirte ann an Châtelet a cheannachd do a mhac, athair Voltaire, ann an 1675. Le sin, b’ urrainn dha a bhith na uasail laghail (Fraingis: noblesse de robe), neo tighearna a cheannaich an tiotal aige. Bha athair Voltaire uabhasach dìorrasach seòlta: dh’ fhàs e càirdeil le daoine cudromach, thug e piseach air beairteas an teaghlaich, phòs e nighean clèireach cùirte, reic e an dreuchd aige ann an 1696 is fhuair e dreuchd mar chomhairliche an rìgh. Dh’eug màthair Voltaire nuair a bha esan dìreach seachd bliadhna a dh’aois. Bha a bhràthair mòr, Armand Arouet (16851745), fear-lagha anns a’ chòmhdhail, Caitligeach cruaidh agus janseneach làidir, seana-ghille agus shealbhaich Voltaire a chuid oighreachdan. Bha piuthar aige cuideachd, Marie Arouet (a chaochail air an 15mh latha dhen Dhàmhair 1726), bean Pierre François Mignot, sgrìobhaiche oifigeil. ‘S e ise an aon Arouet a chòrdadh le Voltaire. Bha ceathrar chloinne aice, sagart agus sgrìobhadair nam measg. Thuirt Voltaire: “Tha dithis cràichte agam, fear ann an rosg agus fear eile ann am bàrdachd”.

Foghlam: An Comann Iosaid agus na saor-chlachairean

[deasaich | deasaich an tùs]
Toglach nam saor-chlachair ann an 1739

Bha athair Voltaire ag iarraidh deagh fhoghlaim inntleachdail a thoirt dha a mhac, a bha cho tapaidh nuair a bha e fhathast na leanabh. Nuair a bha e 10 bliadhna a dh’aois chaidh e gu sgoil An Comainn Iosaid lycée Louis-le-Grand, an sgoil na bu spaideile agus na bu dhaoire ann am Paris. Dh’ionnsachadh na sagartan Laideann, Greugais agus òr-chainnt. A bharrachd air sin bha iad ag iarraidh ceannardan na dùthcha a chruthachadh is shealladh iad cleachdaidhean na daoine mòra dha na sgoilearan aca. Le sin, bha deasbadan, argamaidean laghail, farpaisean bhàrdachd, agus drama uabhasach cudromach aig an sgoil. ‘S e sàr sgoilear a bh’ ann Arouet òg agus dh’fhàs e a bhith gu math cliùiteach airson a chuid bhàrdachd. Dh’ionnsaich e ciamar a chòrdadh ris na daoine mòra is ciamar a bhruidhinn riutha mar cho-inbheach co-dhiù. Dh’fhàs e gu math càirdeil ri daoine cudromach is rachadh aige ris a' chàirdeas sin a chleachdadh fad a bheatha, gu seachd àraidh na bràithrean D’Argenson, nam ministearan fo Louis XV agus Louis François Armand de Vignerot du Plessis, Iarla Richelieu.

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Lettres philosophiques sur les Anglais (1733)
  • Le Mondain (1736)
  • Sept Discours en Vers sur l'Homme (1738)
  • Zadig (1747)
  • Micromégas (1752)
  • Candide (1759)
  • Traité sur la Tolérance (1763)
  • Ce qui plaît aux dames (1764)
  • Dictionnaire philosophique (1764)
  • L'Ingénu (1767)
  • La Princesse de Babylone (1768)

Dealbhan Cluiche

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Œdipe (1718)
  • Zaïre (1732)
  • Eriphile (1732)
  • Irène
  • Socrates
  • Mahomet
  • Mérope
  • Nanine
  • L'Orfelin de la Chine (1755)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Biografías y Vidas
  2. Encyclopédie Larousse
  3. Cibernous
  4. Munger
  5. Astoft
  6. http://www.visitvoltaire.com/voltaire_bio.htmisit Visitvoltaire
  7. EPDLP
  8. Robertexto