Fidel Alejandro Castro Ruz

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Fidel Alejandro Castro Ruz
Fidel Castro5 cropped.JPG
Prìomh-mhinistear Chùba

16 dhen Ghearran 1959 - 24 dhen Ghearran 2008
José Miró Cardona - Raúl Modesto Castro Ruz
Ciad Rùnaire Pàrtaidh Comannach Chùba

24 dhen Ògmhios 1961 - 19 dhen Ghiblean 2011
Blas Roca Calderio - Raúl Modesto Castro Ruz
Ceann-suidhe Chùba

2 dhen Dùbhlachd 1976 - 24 dhen Ghearran 2008
Osvaldo Dorticós Torrado - Raúl Modesto Castro Ruz
Àrd-rùnaire a' Ghluasaid Neo-thaobhaichte

16 dhen t-Sultain 2006 - 24 dhen Ghearran 2008
Abdullah Ahmad Badawi - Raúl Modesto Castro Ruz
Beatha
Ainm slàn Fidel Alejandro Castro Ruz
Breith Birán, 13 dhen Lùnastal 1926
Dùthaich  Cùba
Ciad chànan Spàinntis
Bàs Havana, 25 dhen t-Samhain 2016
Àite-adhlacaidh Santa Ifigenia Cemetery
Teaghlach
Athair Ángel Castro y Argiz
Cèile Mirta Díaz-Balart  (11 dhen Dàmhair 1948 -  1955)
Dalia Soto del Valle  (1980 -  2016)
Càraid Natalia Revuelta Clews
Dalia Soto del Valle
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Havana
(1945 - dhen t-Sultain 1950) Doctor of Law : Lagh
Sgoil-ullachaidh Ìosanach Belen
(1945 - 1945)
Cànain Spanish
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, neach-lagha agus saighdear
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Partido Ortodoxo
Gluasad 26mh dhen Iuchar
Ìre Comandante
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Comannach Chùba
IMDb nm0004242
Fidel Castro Signature.svg

B’ e saighdear, fear-lagha, neach-poileataigs agus stàitire Comunnach à Cùba a bh' ann am Fidel Alejandro Castro Ruz (IPA: fiˈðel aleˈxandɾo ˈkastɾo ˈrus, Birán 13 an Lùnasdal 1926 - La Habana 25 an t-Samhain 2016).[1]

Beatha Pearsanta[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e air an dùthaich san oighreachd Manacas,[2] leis gu robh an teaghlach aige nan uachdaran fearainn. Bhuineadh athair - Ángel Castro y Argiz - do bhaile bheag air a bheil Láncara thall san Spàinn ach b' ann à Cùba a bha a mhàthair, Lina Ruz González. B' e searbhant athar a bh' innte agus cha robh i posta idir nuair a rugadh Fidel. Rinn neach-teagaisg uchd-mhacachadh dha Fidel. Fhuair e baisteadh ann an Santiago de Cuba agus chaidh e gu na sgoiltean a b' fheàrr a bh' anns a' bhaile. Thug na dh'ionnsaich e bhon Chomann Iosaid buaidh làidir airsan fad a bheatha. Phòs Castro dà thuras: aig Mirta Francisca de la Caridad Díaz-Balart y Gutiérrez (1948 - 1955) a bha uabhasach fhèin beartach. Rug i aon mac dha, Fidel Ángel "Fidelito" Castro Díaz-Balart. Dhealaich iad is Castro sa phrìosan leis gun do thoisich i ag obair às leth an Riaghaltais air sàilleabh gum buineadh i dhan chlas a ruitheadh na dùthcha. Phòs e aig Dalia Soto del Valle ann an 1980. Chaochail Castro le diverticulosis aig 90 bliadhna a dh'aois anns a' bhaile far an do thogadh e.

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Thoisich e Oilthigh La Habana ann an 1945 far an robh e gu mòr ann sàs ann am poileataigs. Bha e na bhall a' phàirtidh Ortadogsach, a bha fo bhuaidh Eduardo Chivás. Bha e an lùib ar-a-mach ann am Poblachd Dhoiminicia nach robh idir soirbheachail ann an 1947. Ann an 1948 chaidh e gu Bogotá airson chruinneachadh oileanaich le taic airgid a fhuair e bho Juan Domingo Perón, ceann-suidhe na h-Argantain aig an àm. Mharbh feachd an làimhe dheas Jorge Eliecer Gaitán, tagraiche dhan cheannas airson nan Libearalach. Chuidich Castro na Libearalaich ann an aimhreit a lean fad corr is seachdain an dèidh sin, air an robh Am Bogotazo. Chuir e seachad bliadhnaichean na fhear-lagha ag obair às leth nan daoine bochda. Chuir Fulgencio Batista Zaldívar às dhan Riaghaltas ann an 1952 agus b' fheudar do Chastro slighe eile air adhart a lorg.

Chuir e ar-a-mach nàiseantach air dòigh an aghaidh Bhatista ann an 1953, ach dh'fhàilg e.[3] Chuir e seachad dà bhliadhna sa phrìosan, far an do leugh e Marx, Lenin, Martí, Freud, Kant, Shakespeare, Munthe, Maugham agus Dostoyevsky. Chaidh e thall thairis an dèidh am prìosan fhàgail agus chruthaich e gluasad làidir an aghaidh Bhatista,air an robh MR-26-7 (Gluasad 26 an t-Iuchar). Thill e dhan dùthaich à Meagsago aige fhèin ann an 1956 air bord bata air a bheil Granma, 80 reubaltaich còmhla ris. Fad trì bliadhna bheireadh iad ionnsaigh air feachdan an Riaghaltais. Theich Batista ann an 1959[4] agus thug Castro seilbh air an dùthaich. Bha Castro os cionn na dùthcha, mar phrìomhaire agus mar cheann-suidhe fad 47 bliadhna, gus a leig e an dreuchd dheth ann an 2006.

Riaghaltas[deasaich | deasaich an tùs]

Aig an toiseach tòiseachaidh cha robh trioblaid sam bith aig an Riaghaltas ùr fo Chastro leis na Stàitean Aonaichte. Ach thoisich an Gluasad 27 an t-Iuchar na daoine a bha dìleas dhan t-seann Riaghaltas a chur a-mach às an dreuchdan, air neo dìreach sa phrìosain. Chèilidh e air na Stàitean Aonaichte agus corra dhùthaich eile. Bha e a' sìreadh taic airgid airson na rinn Batista ceàrr a cheartachadh. Cha d'fhuair a sgillinn ruadh. Beag air bheag thoisich e ri Sòisealtaich agus Comunnaich a thoirt a-steach dhan chaibineit aige. B' ann le Castro a-mhàin a bha làmh an uachdair.

B' e adhartas sòisealta a bha aig teis nam polasaidhean a bha aig Castro taobh a-staigh na dùthcha agus bheireadh e taic do dh'ar-a-maich air feadh an t-saoghail cuideachd.

Molaidhean agus Càinidhean[deasaich | deasaich an tùs]

Fhuair Castro taic agus molaidhean bho iomadh daoine a bha ann lùib Diadhaireachd an t-saoraidh agus bha e gu math dlùth air cuid dhuibh, Frei Betto nam measg.[5] Thug Diadhaireachd an t-saoraidh buaidh mhòr air Fidel agus bha esan agus Leonardo Boff nan deagh caraidean.[6]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. El Colombiano
  2. Cubanet
  3. Eckhardt, William, ann an Sivard, Ruth Leger (1987). World Military and Social Expenditures, 1987-88 (12na deas.)
  4. José Navarro, History of Cuba - The Challenge of the York and the Star : Biography of a people, SI-MAR Publishing House La Habana Cuba, 2001 (ISBN 9789597054757)
  5. Público
  6. Deutche Welle


Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: