Sigmund Freud

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Sigmund Freud
Sigmund Freud LIFE.jpg
Beatha
Ainm slàn Sigismund Schlomo Freud
Breith Příbor, 6 dhen Chèitean 1856
Dùthaich  An Ostair
Àite-fuirich Vienna
Lunnainn
Cinneadh Iùdhaich
Ciad chànan Gearmailtis
Bàs Lunnainn, 23 dhen t-Sultain 1939
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (Aillse)
Teaghlach
Màthair Amalia Freud
Cèile Martha Bernays  (1886 -  23 dhen t-Sultain 1939)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Vienna
Àrd-fhoghlam Doktor Nauk
Dreuchd
Dreuchd sgrùdaiche-inntinn, neurologist agus sgrìobhadair saidheans
Àitichean-obrach Vienna
Fastaichean Oilthigh Vienna
Obraichean comharraichte The Interpretation of Dreams
Group Psychology and the Analysis of the Ego
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd An Comann Rìoghail
FreudSignature.png

'S e teiripiche-inntinn Ostairech Iùdhach a bha ann an Sigmund Freud (ainm slàn: Sigismund Schlomo Freud, Freiberg am Mähren 6 an Cèitean 1856Lunnainn 23 an t-Sultain 1939).

Rugadh e ann am Freiberg am Mähren ann an Ostair-Ungaire (Příbor anns an t-Seic anns an latha an-diugh). Bha e na oileanach aig Oilthigh Vienna, agus dh'obraich e ann as dèidh sin gus 1938, nuair a bha aige ri teicheadh air na Nàsaich. Chaochail e an ath bhliadhna ann an Lunnainn.

Chuir e air bhonn psychoanalysis agus bha ùidh mhòr aige ann an neo-mhothachadh agus bruadaran. Is às-san a thàinig am bun-bheachd de id, ego is super-ego. Anns a' chiad dol a-mach bha e gu math dlùth air Carl Gustav Jung ach chaill iad a-mach à chèile air sàilleabh 's gun do dh' fhàs na beachdan aca cho eadar-dhealaichte[1]: chuireadh Freud cuideam as motha air fonn-collaidh (libido), ach smaoinich Jung gu bheil togradh air cumhachd a cheart cho cudromach.

Ged nach eil daoine agus luchd-saidheans cho measail air psychoanalysis aig toiseach 21d linn ris na bha iad 100 no 50 bliadhna na bu thràithe, tha e cinnteach gum b' i ceum gu math cudromach ann an leasachadh leigheasadh tinneasan-inntinn, agus chithear a buaidh air meur an t-saidheains sin fhathast.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Freud vs Jung – Similarities and Differences. Ann an Harley Therapy; 20 dhen Ghearran 2014 (Beurla)
Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: