Sòrbais Uachdarach
Sòrbais Uachdarach (Hornjoserbšćina ) | ||
---|---|---|
Fuaimneachadh | [ˈhɔrnjɔˌsɛrbʃtʃina] | |
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
mu 13,300 [1] | |
Teaghlach-chànan | ||
Siostam-litreachaidh | Aibidil Laideannach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | a' Ghearmailt | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | chan eil gin | |
ISO 639-2 | hsb | |
ISO 639-3 | hsb |
Is e cànan a tha anns an t-Sòrbais Uachdarach (hornjoserbšćina, Beurla: Upper Sorbian). Buinnidh i don gheug Slàbhach den teaghlach Innd-Eòrpach. Tha an t-Sòrbais Uachdarach dlùth-chàirdeach don t-Sòrbais Ìochdarach, agus tha i faisg cuideachd air an t-Seacais, air an t-Slòbhacais agus air a’ Phòlais. Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig an t-Sòrbais Uachdarach mar mhion-chànain. [2]
Tha an t-Sòrbais Uachdarach ga bruidhinn ann an Sagsainn, gu h-àraid eadar Bautzen (Budyšin), Kamenz (Kamjenc) agus Hoyerswerda (Wojerecy). Tha mu 13,300 duine a’ cleachdadh Sòrbais Uachdarach mar phrìomh-chànan.
'S e cànan leasaichte a th' innte: tha briathrachas gràmair slàn aice agus chaidh briathrachas teicneolais, ealain no matamataigs a leasachadh agus gabhaidh fiù 's fiosaigs neo ceimig tro mheadhan na Sòrbais teagasg. Thairis air na linntean bha dà chanan Sòrbais Uachdarach ann: tè Uachdarach Chaitligeach agus tè Uachdarach Phròstanach ach bha an dà chànan co-leaghta na b'anmoiche. A bharrachd air sin bha agus tha buaidh làidir aig a' chreideamh air fèin-aithne nan Sòrbach. Thachair e mar eisimpleir gus às dèidh an darna cogaidh, nach do phòs na Sòrbaich Chaitligeach ach ri chèile.
'S e teis-meadhan beatha cultarach a’ chànain seo a tha anns a' bhaile Bautzen neo Budyšin ann an Upper Lusatia. Chìthear sanas-rathaid dà chànanach air feadh a' bhaile.
Eisimpleir
[deasaich | deasaich an tùs]Seo eisimpleir le Sòrbais Uachdarach agus Gàidhlig:
Sòrbais Uachdarach | Gàidhlig |
---|---|
Dobry dźeń! | Latha math (Madainn mhath, Feasgar math) |
Dołho so njesmój widźałoj! Kak so tebi wjedźe? |
Chan fhaca mi thu airson greis. Ciamar a tha thu? |
Jara derje! A kak so tebi wjedźe? |
Glè mhath. Agus ciamar a tha thu fhèin? |
Dźe tak. Sym so nazymnił(a).1 |
Chan eil dona. Tha an cnatan orm. |
Dźens pak su tu wjele ludźi! | Tha mòran a’ dol an-seo.2 |
Chcemoj zhromadnje kofej pić? 3 | An tèid sinn a dh’òl cupa cofaidh còmhla? |
Haj, to činimoj! 3 | Thèid, nì sinn sin. |
- 1 "a" ma bhios boireannach a' bruidhinn
- 2 facal air fhacal: Ach tha mòran daoine an seo an-diugh.
- 3 ma bhios dithis a' bruidhinn