Bautzen

O Uicipeid
Bautzen
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich a' Ghearmailt
Ceàrn Sagsainn
Sgìre Dresden
Co-chomharran 51° 11′ Tuath
14° 25′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 66.62 km²
Àireamh-shluaigh 41,364 (2007 [1])
Dlùths 620.89/km²
Àireamh fòn 0049-3591
Duilleag oifigeil www.bautzen.de

S' e baile beag san àird an ear na Gearmailt a tha ann am Bautzen (IPA: [ˈbaʊ̯t͡sən]), Sòrbais Uarach: Budyšin (IPA: [ˈbudɨʃin]). Tha e suidhichte air bruach an abhainn Spree mu 50 cilemeatair air falbh san àird a tuath Dresden. Tha mu thimcheall 42.000 duine a’ fuireach an seo.

Tron eachdraidh bha Bautzen na phrìomh-bhaile dhen roinn Oberlausitz (Beurla:Upper Lusatia). Ged nach eil ach eadar 5 % agus 10 % den sluagh nan Sorbaich an-diugh, canar gur e Bautzen an teas meadhan cultarach is poileataigeach nan Sorbach. Chìthear sanasan-rathaid dà-chànanach air feadh a' bhaile.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Bha a chiad iomradh sgrìobhte mu Bhautzen a’ nochdadh anns a’ bhliadhna 1002. Ann an 1018, ann an “Cùmhnant Bhautzen” eadar an rìgh Gearmailteach Heinrich II agus am Prionnsa Pòlannach Boleslaus I chaidh Bautzen fo smachd na Pòlainn. An uair sin, ann an 1033 bha am baile fo smachd Ìompaireachd Naoimh Ròmanaich, ann an 1319 bha am baile aig Böhmen (Beurla: Bohemia) agus ann an 1635 aig Sagsainn. Anns na Meadhan Aoisean chuir sia bailtean (Görlitz, Zittau, Löbau, Kamenz, Lauban is Bautzen) caidreachas air bonn ris an chanadh “Six Cities' Alliance of the Upper Lusatian”.

Aig àm nan Cogaidhean Napoleonach bha Blàr Bhautzen (1813) a’ cur sgrios mòr air a’ bhaile. Anns an Dàrna Cogadh bha campa concentration faisg air Bautzen. Bha sabaid mhòr ann eadar 21 an Giblean agus 30 an Giblean 1945. Aig àm DDR bha prìosan (Bautzen II) ann do phrìosanaich phoileataigeich. Chaidh a dhùnadh ann an 1992. An–diugh 's e àite cuimhneachan a tha anns a' phrìosan.

Sgìrean Bhautzen[deasaich | deasaich an tùs]

Sgìrean ann am Bautzen.

Tha 15 sgìrean anns a’ bhaile fhèin. Seo iad: (Àireamh-shluaigh: 1 am Faoilleach, 2008):

  • Innenstadt (Nutřkowne město) - ("Meadhan a’ bhaile"), àireamh-shluaigh: 5,181
  • Südvorstadt (Južne Předměsto) - " Iomall-baile a Deas", àireamh-shluaigh: 1,735
  • Westvorstadt (Zapadne Předměsto) - " Iomall-baile an Iar", àireamh-shluaigh: 3,534
  • Gesundbrunnen (Strowotna studnja) - Tobar-slàinte, àireamh-shluaigh: 8,321
  • Nordostring (Sewjerowuchodny Wobkruh) - "Cearcall Ear-thuath", àireamh-shluaigh: 10,791
  • Ostvorstadt (Wuchodne Předměsto) - " Iomall-baile an Ear ", àireamh-shluaigh: 6,393
  • Teichnitz (Wuchodne Předměsto), àireamh-shluaigh: 386
  • Nadelwitz (Nadźankecy), àireamh-shluaigh: 274
  • Burk (Bórk), àireamh-shluaigh: 324
  • Oberkaina (Hornja Kina), àireamh-shluaigh: 835
  • Niederkaina (Delnja Kina), àireamh-shluaigh: 521
  • Stiebitz (Sćijecy), àireamh-shluaigh: 522
  • Kleinwelka (Mały Wjelkow) - "Welka Beag"; a’ gabhail a-steach na clachan Kleinwelka (Mały Wjelkow, àireamh-shluaigh: 773 ), Großwelka (Wulki Wjelkow, àireamh-shluaigh: 251), Lubachau (Lubachow, àireamh-shluaigh: 104) agus Kleinseidau (Zajdowk, àireamh-shluaigh: 180
  • Salzenforst-Bolbritz (Słona Boršć-Bolborcy); a’ gabhail a-steach na clachan Salzenforst (Słona Boršć, 312), Bolbritz (Bolborcy, 132), Bloaschütz (Błohašecy, 144), Döberkitz (Debrikecy, 54), Löschau (Lešawa, 26), Niederuhna (Delni Wunjow) agus Oberuhna (Horni Wunjow, 88 ), Schmochtitz (Smochćicy, 64) agus Temritz (Ćemjercy, 56)
  • Auritz (Wuricy), àireamh-shluaigh: 461

Eaconomaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha mòran ghnìomhachasan eadar-dhealaichte ann am Bautzen, gu h-àraidh gnìomhachasan traidiseanta. Tha an fhactaraidh BOMBARDIER an tè as motha, tha iad a’ togail charbadan-trèana. Tha mòran daoine ag obair ann an oifisean rianachd cuideachd.

Tha am mustard à Bautzen ainmeil air sgàth 's gu bheil blas sònraichte aige, tha am "Bautz’ner Senf" ga reic air feadh na Gearmailt. (64 % den mhalairt anns a' Ghearmailt an Ear)

Àitichean inntinneach[deasaich | deasaich an tùs]

Ìomhaigh Bhautzen - Eaglais Naomh Mhìcheil agus an togalach Alter Wasserkunst
  • An Reichenturm: 'S e tùr dìonadach a tha ann an Reichenturm. Tha e na laighe rud beag gu aon taobh (mar an tùr ann am Pisa). Chaidh a thogail ann an 1490/92.
  • Caisteal Ortenburg , caisteal às an 10mh linn.
  • Alter Wasserkunst (Beurla:Old Waterworks): Togalach airson uisge a thoirt do mhuinntir a’ bhaile. Chaidh an togalach mar tha e ri fhaicinn an-diugh a thogail ann an 1558.
  • Dom St. Petri - Àrd Eaglais Naomh Pheadair: Bho àm an Ath-Leasachaidh (1524) cleachdar an eaglais airson aifrinn Phròstanaich agus aifrinn Chaitligich. Mar sin 's i an eaglais as sine air feadh na Gearmailt le dà aifreann eadar-dhealaichte ann an aon eaglais.
  • Hexenhäusel – Taigh na Buidsich, an taigh as sine ann am Bautzen. Chaidh a thogail ann an 1604. Tha e a' dèanamh à fiodh. Tha e ri fhaicinn ann am broilleach na deilbh aig ceann na duilleige (an taigh dubh beag sa meadhan)

Teas-meadhan nan Sorbach[deasaich | deasaich an tùs]

"Taigh nan Sorbach", far a bheil a' bhuidheann Domowina suidhichte

Air sgàth 's gu bheil Bautzen na teas-meadhan nan Sorbach, tha mòran bhuidhnean agus togalaichean ann a tha ceangailte le cultar agus poileataigs nan Sorbach. Mar eisimpleir:

  • Stiftung für das sorbische Volk (Załožba za serbski lud) - Comann do shluagh Sorbaich: Tha iad a' cur taic ri cànan, cultar agus dualchas nan Sorbach.
  • Domowina, (a' ciallachadh "dachaigh"): Ceann de na buidhnean Sorbaich gu lèir. Bidh iad a’ foillseachadh leabhraichean, irisean agus pàipear-naidheachd ann an Sòrbais. Tha bùth leabhraichean aca agus taigh-bìdhe le biadh Sorbach. A rèir Domowina 's e prìomh amas a th’ ann gun tèid Sòrbais a bhruidhinn agus a chleachadh. Tha amasan poiliteagach aig an Domowina cuideachd: gun tèid foghlam tro mheadhan na Sòrbais a leasachadh ach cuideachd gun tèid taic-airgid a thoirt seachad don t-sluagh Shòrbach.
  • Deutsch-Sorbisches Volkstheater (Němsko-Serbske ludowe dźiwadło), Taigh cluiche Sorbach
  • Sorbisches Institut (Serbski institut) - Ionad na Sorbais: Tha an Ionad seo a’ dèanamh rannsachadh mun eachdraidh, chultar agus chànan Shorbach. Mar phàirt den Ionad seo, chaidh prìomh leabharlann Sòrbais a chur air bhonn ann am Bautzen ann an 1949. ’S e leabharlann Sòrbais as cudromaiche a th’ ann taobh a-staigh na Gearmailte agus gabhaidh 27,000 iris leughadh an sin: 13,000 ann an Sòrbais agus 25,000 ann an cànanan Slàbhach eile.
  • Sorbisches National-Ensemble (Serbski ludowy ansambl), Buidheann airson Ballett, ceòl-coisir is ceòl traidiseanta.
  • Verein für authentische sorbische Volksmusik e. V. (k serbskej werziji). Buidheann airson ciùil agus dannsa tràidiseanta.
  • Sorbischer Künstlerbund e. V. (Zwjazk serbskich wumétcow z. t.): Buidheann luchd ealain, a’ gabhail a-steach gu bhith 100 ùghdair, sgrìobhadair, neach cluiche, neach ceòl, dannsair agus neach ealain.

Fèisean traidiseanta[deasaich | deasaich an tùs]

Gach bliadhna san 25 am Faoilleach bidh Vogelhochzeit (Bainnis nan Eun) ann. Bidh a' chlann a’ cluich is a’ seinn Bainnis nan Eun le aodach traidiseanta orra. Gheibh iad stuth bèicearachd a bhios a’ coimhead mar eòin neo mar net.

Aig a' Chàisg Mhòr bidh Ostereierschieben (Gluasad ugh na Càisge) ann. A-rèir an traidisean a tha nas sine na 400 bhliadhna b’ àbhaist do na daoine uaisle uighean a chur car mu char sìos a’ bheinn Protschenberg, far an robh clann bochd a’ feitheamh riutha. Anns na làithean an-diugh‚ 's e deagh spòrs a tha ann airson giftean a thoirt ri chèile.

Aig Osterreiten (Marcaich na Càisge) aig Di-Dòmhnaich na Càisge bidh na fir Caitligeach a’ marcaich bhon bhaile aca fhèin gu eaglais an ath bhaile. An uair sin bidh aifreann an seo. Anns a’ bhliadhna 2007 bha timcheall air 1700 marcaiche a’ gabhail pàirt anns an tachartas seo.[2] B’ e traidisean pàganach a bha ann, b’ àbhaist do na marcaiche a’ marcaich timcheall na achaidhean aca airson “taibhsean a’ gheamhraidh” a chur air falbh.

Tha Margaidh Nollaig Bhautzen aon de na margaidhean as sine a tha anns a’ Ghearmailt.

Ceanglaichean gu bailtean eile[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Staitistearachd Bhautzen(Gearmailtis)
  2. Schorch, Marén: Das sorbische Osterreiten in der Oberlausitz ann an: Lětopis 55 (2008) Iris 2, Ludowe nakładnistwo Domowina, Budyšin 2008, duilleag 42
  3. Stadt Worms
  4. Stadt Heidelberg
  5. Annuaire de France
  6. Jablonec nad Nisou
  7. Miasto Jelenia Góra

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]