Bamako
Bamako | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Bamako |
Sgìre | Bamako |
Co-chomharran | 12° 39 00' Tuath 08° 00 00' Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 252 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,809,106 (2009) |
Dlùths | 7,178.99/km² |
Duilleag oifigeil | http://www.ville-bamako.org/ |
'S e prìomh-bhaile Màili a tha ann am Bamako.[1] Tha e suidhichte air bruach an Abhainn Niger ann an iar-dheas na dùthcha. 'S e seo an co-chomharran aige: 12° 39’ Tuath agus 8° 0’ Iar [2]. Tha Bamako 714km air falbh bho Chonakry (Gini), 442km bho Yamoussoukro (Costa Ìbhri), 1,100km bho Niamey (Niger) agus 1,011km bho Thiombuctu.[3] Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha, aig 350m os cionn ìre na mara.[4]
Anns a’ bhliadhna 2006 bha 1,690,471 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Mar sin dheth 's e am baile as motha den dùthaich a tha ann. Canar gur e Bamako am baile a dh’fhàsas as luaithe a-rèir àireamh-shluaigh a tha ann an Afraga[5].'S e teas meadhan malairteach a th’ ann agus tha port aige. Tha gnìomhachas aodaich, meatailt agus iasgaich gu math làidir. Thàinig an t-ainm Bamako às a' chanan Bambara, tha e a' ciallachadh "Boglach Chrogaill [6].
Àitichean inntinneach
[deasaich | deasaich an tùs]Seo cuid de na h-àitichean inntinneach a tha ann am Bamako:
- Bibliothèque Nationale du Mali, Leabharlann nàiseanta Mali[7]
- Tour BCEAO
- Mosg Mòr Bhamako[8]
- Musée nationale du Mali, Taigh-tasgaidh nàiseanta Mhali.[9]
- Bamako Zoo, gàradh bheathaichean
- Bamako Botanical Gardens, lios luibheach
- Pont du Roi Fahd, far a bheil am port-adhair eadar-nàiseanta Senou International Airport. Tha an rathad-iarainn Dakar-Niger Railway (eadar Koulikoro, Màili agus Dakar, Seanagal) ann cuideachd.
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Sako: (1946 -) Seanachaidh (Griot).
- Amadou Bagayoko: (1954 -) Seinneadair dall.
- Miriam Doumbia: (1958 -) Bana-sheinneadair dhall.
- Toumani Diabate: (1965 -) Seanachaidh (Griot).
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Bamako
-
Meadhan a’ bhaile
-
Tùr Afraga
-
Am baile o shean
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ GEOnet Names Server (GNS), le National Geospatial-Intelligence Agency
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Mongabay
- ↑ World's fastest growing cities and urban areas from 2006 to 2020, le CityMayors.com
- ↑ New York Times - 3mh an t-Sultain, 1960
- ↑ Bibliothèque Nationale du Mali
- ↑ Gran Mezquita de Bamako[dead link]
- ↑ Musée Nationale du Mali
- ↑ Annuaire de France
- ↑ Sister Cities International
- ↑ Geminação de cidades Brasileiras
Abuja •
Accra •
Addis Ababa •
Algiers •
Antananarivo •
Asmara •
Bamako •
Bangui •
Banjul •
Bissau •
Brazzaville •
Bujumbura •
Cairo •
Conakry •
Cotonou •
Djibouti •
Dakar •
Diuba •
Dodoma •
El Aaiún •
Freetown •
Gaborone •
Harare •
Kampala •
Khartoum •
Kigali •
Kinshasa •
Libreville •
Lilongwe •
Lomé •
Luanda •
Lusaka •
Malabo •
Maputo •
Maseru •
Mbabane •
Mogadishu •
Monrovia •
Moroni •
Nairobi •
N'Djamena •
Niamey •
Nouakchott •
Ouagadougou • •
Port Louis •
Porto Novo •
Praia •
Pretoria •
Rabat •
São Tomé •
Tripoli •
Tunis •
Victoria •
Windhoek •
Yamoussoukro •
Yaoundé