Djibouti (Baile)
Djibouti/جيبوتي/Jabuuti | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Co-chomharran | 11° 36 00' Tuath 43° 09 00' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 630 km² |
Àireamh-shluaigh | 567,000 (2009) |
Dlùths | 900/km² |
'S e prìomh-bhaile Diobutaidh a tha ann an Djibouti (Arabais: جيبوتي, Somali: Jabuuti, Fraingis: Ville de Djibouti). Tha e suidhichte air leth-eilean eadar an Gulf of Aden agus an Gulf of Tadjoura. 'S e seo an Co-chomharran aige: 11° 36′ Tuath agus 43° 10′ Ear. Tha mu 400,000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha Djibouti 557km air falbh bho Addis Ababa (An Aetiòp), 616km bho Asmara (Eartra), 1,473km bho Dhiuba (Sudan-a-Deas), 1,230km bho Khartoum (Sudan), 1,594km bho Nairobi (Ceinia) agus 1,087km bho Mhogadishu.[1] Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, aig 3m os cionn ìre na mara.[2]
Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1888 mar port-mara le Eloi Pino, duine às an Spàinn. An uair sin bha e na phrìomh-bhaile ann am French Somaliland bhon 1891. Tha rathad-iarainn ann, an Djibouti-Addis Ababa Railway, a tha a’ dol eadar Djibouti agus Addis Ababa. Tha an port-adhair Djibouti-Ambouli International Airport faisg air a’ bhaile. Tha am port-mara aige cudthromach fhathast airson malairt eadar-nàiseanta, iasgaich agus na bàtaichean-aiseig gu Obock agus Tadjoura.
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Rathad anns a' bhaile Djibouti, sa gheamhradh 2005.
-
Suidheachadh Djibouti anns an dùthaich Diobutaidh
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs] Abuja •
Accra •
Addis Ababa •
Algiers •
Antananarivo •
Asmara •
Bamako •
Bangui •
Banjul •
Bissau •
Brazzaville •
Bujumbura •
Cairo •
Conakry •
Cotonou •
Djibouti •
Dakar •
Diuba •
Dodoma •
El Aaiún •
Freetown •
Gaborone •
Harare •
Kampala •
Khartoum •
Kigali •
Kinshasa •
Libreville •
Lilongwe •
Lomé •
Luanda •
Lusaka •
Malabo •
Maputo •
Maseru •
Mbabane •
Mogadishu •
Monrovia •
Moroni •
Nairobi •
N'Djamena •
Niamey •
Nouakchott •
Ouagadougou • •
Port Louis •
Porto Novo •
Praia •
Pretoria •
Rabat •
São Tomé •
Tripoli •
Tunis •
Victoria •
Windhoek •
Yamoussoukro •
Yaoundé